Rannsaich

Dealan-dè

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 95713
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DealanDe 1989.10.27

Geàrr-chunntas

A' teagasg pìobaireachd ann an Ceap Breatainn.

Tha Fionnlagh MacNèill air a bhith a' dol a-null a Cheap Breatainn gach samhradh airson cha mhòr fichead bliadhna airson pìobaireachd a theagasg. Tha e ag innse mar a thachair seo anns a' chiad dol-a-mach, cò bhios e a' teagasg, cò ris a tha an t-àite coltach, agus cho eadar-dhealaichte 's a tha an dòigh seinn an sin an taca ri Alba.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacNèill, Fionnlagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Fionnlagh MacNèill (FM): Ò chiall, tha nàire orm a bhith dìreach a' coimhead air ais mar sin. Chaidh mi ann an toiseach ann an seventy-three, bho chionn faisg air fichead bliadhna, 's tha mi ann a h-uile bliadhna bhon uair sin, cha mhòr.

Mairead NicIllFhinnein (MN): Agus ciamar a thòisich seo anns a' chiad àite?

FM: Uill, thòisich, dìreach thàinig litir tron doras latha a' toir dhomh fiathachadh a dhol a-null a Cheap Breatainn, agus thuirt mi gun deigheadh anns an spot. Cha robh mi air a bhith ann a-riamh roimhe, agus bha mi ag ràdh, 'Uill 's e cothrom a tha seo nach urrainn dhomh diùltadh'. Agus sin mar a thachair e. Tha mi ann bhon uair sin.

MN: Agus dè bhios agaibh ri dhèanamh fhad 's a tha sibh thall?

FM: Dìreach teagasg na pìoba anns a h-uile dòigh. A' teagasg feadan 's a' phìob fhèin, 's caochladh phuirt - ceòl mòr 's ceòl beag 's ceòl aotrom, a h-uile seòrsa rud a th' ann. 'S tha an latha gu math fada. Tha thu a' tòiseachadh aig naoi uairean sa mhadainn agus tha thu a' dol gu co-dhiù trì uairean feasgar, agus tha an-còmhnaidh cuideigin ann a tha ag iarraidh tuilleadh teagaisg. Tha iad cho dèidheil air a' phìob ri sin.

MN: Am biodh sean 's òg agad, ag ionnsachadh?

FM: Againne, tha, dh'fhaodainn a ràdh, ach tha a' chuid as motha dhiubh 's ann eadar ochd 's ochd-deug a tha iad. Tha iad a' tòiseachadh cho òg sin. Ach uaireannan bidh daoine a' tighinn a-steach a tha nas aosta na sin, ach sin anns an fharsaingeachd dìreach na h-aoisean bho am bi iad ag obair.

MN: Agus a-rèiste, mar a bha thu a' ràdh, tha tòrr ùidh aca ann am pìobaireachd?

FM: Cha chreideadh tu e. Nise, mar eisimpleir air a sin, ma thèid a' bhanrigh an-dràsta a-null a Chanada, gu Vancouver no Toronto no Halifax, agus ma chì thu cliop dhen a seo air a' bhogsa, gun teagamh bidh còmhlan phìoban an àiteigin ri chluinntinn. Nise, ann an Alba, nam biodh i a' dol an-dràsta gu Dùn Dè no Peairt, cha bhiodh pìobaire air an astar idir. So tha a' phìob gu math toinnte na traidisean an Canada. Tha iad gu math nas fheàrr na tha sinne.

MN: An ann an-còmhnaidh air ais dhan aon àite a tha thu a' dol? No a bheil thu a' dol a dh'àite eadar-dhealaichte a h-uile bliadhna?

FM: Cha mhòr nach ann dhan aon àite. Man as trice, cha mhòr deugachadh de bhliadhnachan bidh mi a' dol a Cheap Breatainn, gu Colaiste na Gàidhlig ann an St Ann's. Ach tha mi cuideachd air a bhith dà bhliadhna ann am Manitoba, ann an Winnipeg, bho chionn 's dòcha ceithir bliadhna, agus am-bliadhna fhèin 's an-uiridh chuir mi seachad greiseag ann an Eilean a' Phrionnsa, no Prince Edward Island, 's mar sin tha mi air a bhith ann an trì àiteachan leis an obair a tha seo.

MN: Cha robh sibh air a bhith thall riamh gu 'n deach sibh a-null, mar a bha sibh a' ràdh, a dh'ionnsachadh. Dè ur beachd, ma-thà, air Ceap Breatainn?

FM: Chan eil ach beachd math. Tha mi toilichte ann an dòigh nach deach mi a-null gu 'n robh mi air aois a ruighinn. Nam bithinn air a dhol a-null nuair a bha mi fichead bliadhna bha mi air fuireach thall, bhon 's e dùthaich a th' ann le cothrom nach eil an seo idir. Dùthaich fhosgailte, mhòr. Ach beachd math. Ceap Breatainn, ò tha i dìreach eireachdail fhèin. Ann an dòigh no dhà, tha e coltach ri Alba fhèin, ach tha an dùthaich anns an fharsaingeachd, tha i math, dìreach.

MN: Nis, dh'ainmich sibh gun robh cothroman aca thall nach eil an seo. Dè tha sibh a' ciallachadh leis a sin?

FM: Uill, tha mi a' ciallachadh gur e dùthaich òg a th' ann an Canada ann an dòigh, 's nam bithinn-sa an-dràsta òg, aig aois anns na ficheadan, le teaghlach òg, òg, 's gun deighinn a-null, tha mi a' smaoineachadh gun smaoinichinn 's dòcha air fuireach thall. Ach cha b' ann mar sin a chaidh e dhòmhsa idir. Bha mi air latha a ruighinn nach b' urrainn dhomh sin a dhèanamh. Ach tha cothrom... a thaobh aimsir, a thaobh a h-uile rud a th' ann, tha cothrom aig cuid a dhaoine an Canada nach eil aca an seo.

Tha mòran de chàirdean agam timcheall na colaiste an-diugh - uill, bha mi ann bho chionn fichead bliadhna - agus tha iad uabhasach fhèin càirdeil, coibhneil, agus bidh mi a' cur seachad 's dòcha oidhcheannan còmhla riuthasan. Agus cuideachd tha cèilidhean a' dol ann an Sydney, man a chanas iad, agus as t-samhradh co-dhiù, 's e samhradh goirid a th' aca, 's mar sin cha mhòr nach eil a h-uile deireadh-seachdain air a ghabhail suas le, man a chanas iad, Scots concert an siud no an seo, agus bidh iad a' dèanamh hòro-gheallaidh an uair sin, 's bidh mi uaireannan a' dol na lùib.

MN: Agus am bi iad ag iarraidh oirbh fhèin seinn?

FM: Bidh. Bidh. Tha iad... chan eil dol às mu dheidhinn sin co-dhiù, 's bidh mi toilichte gu leòr a dhèanamh cuideachd. Ach ceist eile an sin, ann an Ceap Breatainn, dh'fheumainn a ràdh, tha a h-uile òran no amhran Gàidhlig a th' aca, 's e amhran luaidh a th' ann. Chan eil iad a' creidsinn anns na fuinn againn an-diugh idir. Tha iad ag ràdh, 'Ò tha sin ceàrr', air neo, 'Tha sin brèagha, ach chan ann mar sin as còir dha a bhith'. 'S e nàdar de cultural backlash, tha mi a' smaoineachadh, a tha sin. Mar eisimpleir, fhios agad an t-amhran 'A Mhàiri Bhòidheach', uill a-nise, nan gabhainn sin ann an Uibhist no ann an Cinn t-Sàile, 'A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach', ach ann an Ceap Breatainn feumaidh e a bhith mar seo, 'A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach', mar amhran luaidh, a bheil thu a' tuigsinn. 'S tha iad a' dèanamh amhran luaidh dhen a h-uile amhran Gàidhlig a chuala mi. Mura h-eil e na amhran luaidh tha iad coma dheth.

MN: Agus mar sin, am biodh iad a' sùileachadh gum biodh sibh fhèin a' seinn san aon dòigh riuthasan?

FM: Tha mi coma ged a bhitheadh, ach chan eil mi a' dol a dhèanamh sin idir. No. Tha mise a' dol a-null man a tha mi, 's ma tha iad ag iarraidh amhran, gheibh iad amhran anns an dòigh agam fhìn, agus biodh iad... biodh sin a' còrdadh riutha no nach bi. No, tha iad sona gu leòr, agus tha iad gu math... you know, gabhaidh iad ri rud sam bith, agus tha iad toilichte duine às ùr a chluinntinn nach eil aca fhèin ach dìreach 's dòcha seachdain no dhà anns a' bhliadhna.

Tha iad... tha iad gu math nas fhaide air adhart na sinn a thaobh na pìobaireachd. Chan eil... 's dòcha nach eil a thaobh na h-òrain, ach tha iad fhèin an-diugh, co-dhiù pìobairean ann an Ontario, a' cur a-mach leabhraichean agus a' dèanamh puirt nach eil againn idir, agus tha mi a' togail puirt mi fhìn agus gan teagasg, rud nach eil againn air an taobh seo idir. Ach air an làimh eile tha saoghal na pìoba, tha i a' gabhail a-staigh an-diugh cha mhòr an saoghal air fad, 's tha pìobairean Chanada 's pìobairean Bhreatainn, tha iad... 's aithne dhaibh a chèile 's tha iad an seo cho tric, agus ma tha e an seo tha e an siud, 's ma tha e an siud tha e an seo. Agus cha mhòr nach e an aon saoghal a th' ann. Ach tha puirt aca dhaibh fhèin an-diugh, a rinn iad fhèin anns an dòigh aca fhèin.

MN: Agus a bheil sibhse an uair sin a' tilleadh air ais a dh'Alba 's a' teagasg na fuinn sin?

FM: Chan eil mise a' teagasg ann an Alba idir, rud a tha glè iongantach a ràdh. Chan eil duine gam iarraidh mar fhear-teagaisg an-diugh, tha e coltach. Ach bidh mi a' toir dhachaigh leam an seo, a h-uile bliadhna, pasgan de phuirt a chuala mi 's a thog mi 's a theagaisg mi fhad 's a bha mi thall, agus tha càrn dhen a sin agam. Ach co-dhiù, tha na leabhraichean aca a tha a' tighinn a-mach an Canada, tha iad rim faighinn an seo cuideachd, 's mar sin chan eil duilgheadas sam bith mu dheidhinn.

MN: Nist, nuair a bhios sibh a' tilleadh air ais a h-uile bliadhna, a bheil sibh a' faicinn daoine a' tilleadh thugaibh, agus an uair sin daoine as òige san teaghlach cuideachd a' tighinn a-staigh a h-uile bliadhna, mar gum biodh a' leantail tron teaghlach?

FM: Tha. Tha gu deimhinne. Nuair a chaidh mise a-mach an toiseach, cha robh dùil a'm gum faighinn fiathachadh air ais a-rithist ach dìreach an aona bhliadhna, agus... ach thàinig fiathachadh a-rithist agus a-rithist 's a-rithist, agus tha mi a-nise a' faicinn, am-bliadhna fhèin, bha caileag bheag agam, cha robh i ach sia bliadhna a dh'aois, agus bha mi air a màthair a theagasg, agus chan eil mi a' faireachdainn ro mhath mu dheidhinn sin idir, you know. Tha mi... nach tu tha a' fàs aosta, Fhionnlaigh. Ach tha mi a' faicinn sin. Tha mi a' faicinn duine às dèidh duine anns an teaghlach a' tighinn air adhart agus a' gabhail suim anns an rud a bha an fheadhainn bu shine a' dèanamh.

MN: Agus an fheadhainn a tha sibh a' teagasg, a bheil iad a' dol a-staigh airson farpaisean 's a' buannachadh?

FM: Ò chan eil a dhìth orra ach... farpaisean. Dhèanadh iad farpais a h-uile latha. Sin a tha gam fàgail cho math 's a tha iad. Sin an seòrsa saoghal a th' aca, nas motha na th' ann a sheo, tha mi a' smaoineachadh. 'S chan eil e a' dèanamh 's dòcha uiread a dhragh dhaibh 's a tha e an seo. 'S bidh iad cuideachd a' tighinn a-nall an seo a chluich air a' phìob anns na farpaisean againn fhìn.

MN: 'S ciamar a tha a' dol dhaibh aig farpaisean a-bhos an seo?

FM: Uill, tha iad a' cosnadh a h-uile bonn airgead a th' ann an-diugh 's a h-uile bonn òr. Chan eil a h-uile fear, ach ma bheir thu sùil air ais aig, mar eisimpleir, pìobaireachd ann an Inbhir Nis, Northern Meeting, o chionn deich bliadhna, tha iomadh duais air a dhol a Chanada, seachad air na daoine againn fhìn.

Tha an fheadhainn agamsa a tha dìreach tighinn thuige an-diugh, 's dòcha gun tig iad a-nall an seo an ath-bhliadhna no a' bhliadhna às dèidh sin. Tha mi coma. Ma thèid a' phìob fhèin air adhart, tha mi coma cò tha a' dol a bhith ga cluich. Ma tha an ceòl a' tighinn aiste math, bidh sin ann. Tha iad a' tighinn a-nall an seo bliadhna às dèidh bliadhna 's a' dèanamh math dha-rìribh an aghaidh na pìobairean as fheàrr a th' againne. 'S tha mi a' smaoineachadh gu bheil rud no dhà air cùl sin. 'S e a' chiad rud a chanainn, cho math 's a tha an ionnsramaid aca, a' phìob fhèin. Tha i cho binn, cruaidh, glan, ceòlmhor, dìreach nach creideadh tu. Tha dòigh aca air a gleusadh 's ribheidean fhaighinn dhan a' phìob, 's nuair a thòisicheas iad ri cluich, tha iad dìreach... dìreach air leth.

Agus rud eile cuideachd a tha air an taobh aca, rud nach eil againn idir, 's e sgoiltean samhraidh air an robh sinn a' bruidhinn an-dràsta fhèin. Nuair a dhùineas an sgoil ann an Alba, tha a' chlann ma sgaoil. Tha iad a' falbh dha na h-eileanan no a dh'àite sam bith. Ach ann an Canada co-dhiù, air a dhùineas an sgoil, tha iad a' dol gu sgoil shamhraidh. Nise, tha sin... tha mi coma an e am Bìoball, no each, no sgitheadh, no a' phìob, ach tha iad uabhasach ùidheil air sgoiltean samhraidh, 's cuiridh iad seachad a' chlann an uair sin seachdainean, rud nach dèanadh sinne idir, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil buaidh mhòr aige sin air an t-suidheachadh, cho math 's a tha iad.

'S rud eile cuideachd. Bidh sinn a' cluinntinn mar a bhios an fheadhainn a tha a' cluich tennis agus cricket agus rudan dhen t-seòrsa sin, bidh iad a' cur seachad uairean a thìde san latha ag ullachadh 's gan dèanamh fhèin nas fheàrr na tha iad. Tha iad a cheart cho dèidheil air a' phìob ri sin. Bidh iad a' cur seachad uairean nach dèanainn-sa... ged nach coisinninn duais ri mo shaoghal, ach tha iad deònach sin a dhèanamh. Sin a tha gam fàgail cho math 's a tha iad.

MN: Agus chan eil guth agaibh air stad a dhol a-null a theagasg?

FM: Bidh mi ag ràdh a h-uile bliadhna, siud a' bhliadhna mu dheireadh, 's tha mi a' fàs sean 's [?a' dol gu deireadh]. Ach a h-uile bliadhna, aig àm an earraich, thig litir a-steach a-rithist agus tha e duilich leamsa a diùltadh.

MN: Nis, a bharrachd air a sin, tha sibh cuideachd an sàs ann a' videos pìobaireachd. Rud caran ùr a tha sin. Ciamar a tha sin ag obrachadh?

FM: Uill chan eil mise an sàs annta, ach gu math... chan eil mi an sàs annta gu domhainn idir. Ach tha e a' tighinn gu ìre gun teagamh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil bhidio no dhà a-mach an-dràsta, agus cha do rinn mise càil aig... càil dheth seo idir, riamh fhathast. Ach dìreach as t-samhradh sa fhèin, bha mi a' leughadh naidheachd, no a' leughadh sgriobt, agus bha dà phìobaire, dà dheagh phìobaire cuideachd, a' cluich nam port.

MN: Agus an ann mar gum biodh a' dol tro na h-eileanan a bha iad, a' togail fuinn às gach sgìre?

FM: 'S ann. 'S e dìreach Pìobairean Innse Gall a bh' air a' bhidio a bha seo, 's bha iad a' togail dealbh eadar Steòrnabhagh 's Ceann Bharraigh, agus mar a bha iad a' dol sìos na h-eileanan, bha puirt a fhreagradh air gach àite gan cluich, 's tha fhios agad fhèin cho brèagha 's a tha sin. Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil am bhidio, gur math 's fhiach i a h-èisteachd cuideachd, 's a faicinn.

MN: Nist, ceist anns an dealachadh. Rud a tha air a bhith a' cur iongnadh orm fhèin o chionn, ò dearbh o leugh mi mu dheidhinn sa chiad àite, an clàr aig Boys of the Lough, Piper's Broken Finger, ciamar a bhrist thu do chorrag?

FM: Thachair sin ann an seventy-six - chan eil mi a' dol ga ràdh anns a' Ghàidhlig idir - agus tha e cho fada air ais, chan eil cuimhn' agam ciamar a thachair i idir. Cha bu tu a' chiad duine a dh'fhaighnich a' cheist sin, 's cha bu tu a' chiad duine nach d' fhuair freagairt nas motha.

MN: Chan eil thu a' dol a dh'innse, 's e a th' ann.

FM: Ò chan eil cuimhn' a'm air idir. An fhìrinn a th' agam. Nach maraiche mi.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math