Rannsaich

Fuadaichean ann am Barraigh.

Ceann-latha February 1972
Àireamh a’ chlàir 96973
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.30.2b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.030

Geàrr-chunntas

Fuadaichean ann am Barraigh.

Tha am fiosraiche ag innse mu fhuadaichean ann am Barraigh, agus mar a chuireadh daoine às na taighean.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Annag NicFhionghain (AN): An duine aig m' antaidh, 's e bha ag innse sin dhòmhsa. Bhiodh de sheann naidheachdan aige, 's bha sinn oidhche a-staigh 's bha mi fhìn a' faighneachd an e an fhìrinn a bh' ann.

"Ò, 's e," ars esan. "Nuair a bha m' athair," ars esan, "na bhalach beag, bha e fhèin 's gille eile a' tighinn à Borgh. 'S nuair a bha iad a-nall ann a shin, bha iad a-nall ann am mullach an rubha ann a shin, far an robh Taigh an Rubha riamh, bha iad a' cluinntinn nan coin a' comhartaich 's nam beothaichean a' geumnaich, 's thuirt iad ri chèile, 'Tha rudeigin ceàrr an seo. Dè tha ceàrr air na coin?'"

Nuair a ràinig iad cha robh duine ri fhaicinn mu chuairt, 's chaidh iad a-staigh. Cha robh duine beò a-staigh an sin, ach an teine air a chur às, agus am bainne a' sruthadh sìos air an làr far an do thilg iad na miasan bainne air an teine, agus a-mach iadsan.

Agus bha iad gam faicinn gan cuibhleadh sìos aig àite ris an can iad Buaile nam Bodach ann a shin, shìos ris a' chladach. Bha iad a' cur nam boireannaich a-staigh dha na sgothan ann a shin, 's a' chlann.

Agus bha fear eile ann, bha fear eile ann agus chuireadh an nighean aige 's a duine, 's a h-uile duine riamh dha na sgothan, agus theich esan dhan bheinn. 'S nuair a bha e treis sa bheinn thuirt e ris fhèin, 'Gu dè mathas dhòmhsa fuireach an seo leam fhìn?' Dh'fhalbh e 's thug e Bàgh a' Chaisteil air, agus fhuair e dòigh air choreigin air faighinn às a sin 's chaidh e a Ghlaschu. Agus fhuair e bàta à Glaschu, 's nuair a ràinig iadsan thall, cò a' chiad fhear a bh' air a' chidhe romhpa ach am bodach. Fhuair e tarsainn air bàta... aig an Àgh tha fhios gu dè seòrsa bàta a bh' ann, ach co-dhiù fhuair e...

Mòrag NicLeòid (MN): 'S bha fios aige cà robh iad a' dol?

AN: Bha fhios aigesan gur ann a' dol a-null an siud a bha iad.

MN: 'S dè mu dheidhinn na tè a thàinig a-nall?

AN: Agus an fheadhainn sin a bh' anns an Rubha a-nist, bha iar-ogha dhaibh, thàinig i a-nall 's chaidh i a choimhead air Ealasaid. Chan eil fhios a'm a-nist cò... an ann à Astràilia a thàinig i, ach 's ann ag iarraidh a sinnsearachd a bha i, 'son bha a h-uile sgath aice. Chaidh innse dhi a h-uile sgath. 'S thug Ealasaid suas i a shealltainn dhìse far... an làrach 's a h-uile sgath 's an taigh, far an robh iad ann a shin. 'S bha i toilichte gu leòr na chunnaic i. Tha gu leòr aca a' tighinn a-nall an seo, ach bha iad uabhasach fhèin...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math