Rannsaich

Prògram Choinnich

Fiosraichean
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 9710
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 30.04.1997

Geàrr-chunntas

Na ciad bhoireannaich a chaidh do sgìre nan Tùsanach ann an Canada.

Sgeulachd cuid de na boireannaich a chaidh a-null an cois nam fear a bha ag obair do Chompanaidh Hudson's Bay ann an Canada. B' e iad seo na ciad bhoireannaich gheala a chaidh do sgìre nan Tùsanach.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Ma bha sibh ag èisteachd Diluain agus Dimàirt, bidh fhios agaibh gu bheil Criosaidh Lawson a-staigh còmhla rium gach latha an t-seachdain sa ag innse cuid dhe na sgeulachdan a bhuineas dhan an linn a chaidh seachad, nuair a chaidh Gàidheil a Chanada agus a choinnich iad ris na treubhan a bha an sin bho thùs. Aig amannan, bha iad dòigheil gu leòr le chèile. Amannan eile, gu dearbha, cha robh. Tha sinn air a bhith aig Abhainn MhicCoinnich agus aig gleann air an robh an Red River Valley mar-thà an t-seachdain sa. Chriosaidh, cà 'il sinn a' dol an-diugh?

Criosaidh Lawson (CL): Uill, thèid sinn an toiseach a-mach gu Fort Chipewyan, air ais a-rithist seachad air an Red River Valley, airson bha mi ag iarraidh bruidhinn a-nise mu dheidhinn na boireannaich gu h-àraid, agus a' chiad boireannach geal a chaidh a-mach a-riamh a dh'Athabasca. 'S ann à Tong a bha i, tè ris an canar Iseabail Alasdair Bhig Alasdair an t-Saighdeir, agus bha an duine aice a-muigh ann an sin. Phòs iad ann an Steòrnabhagh, agus bha an duine aice an dèidh 's a dhol a-mach a dh'obair dhan a' Hudson Bay Company, agus bha ise ag iarraidh a-mach còmhla ris, 's cha leigeadh iad air falbh i. Agus 's e aon dhe na h-adhbharan a bh' aca, gun tachradh rudeigin dhi le na h-Inns-... gun deigheadh i a mheasg nan Innseanaich, agus gun robh tòrr buairidhean nam measg aig an àm sin, 's gun tachradh rudeigin dhi. Agus tha e gu math inntinneach leughadh pìos a sgrìobh i fhèin air a bha i gu math aosta 's i ag innse mu dheidhinn man a bha a pàrantan ag ràdh rithe nach fhaodadh i a dhol ann, gum marbhadh na h-Innseanaich i. So bha fhios aca mu dheidhinn na h-Innseanaich a-bhos ann an Leòdhas. Bha seo timcheall air ochd ceud deug trì fichead 's a deich. Agus dh'fhalbh i a-mach, ma-thà, leatha fhèin, agus chaidh i a-mach an t-slighe mhòr, uabhasach a bha sin, a-mach gu Fort Chipewyan, agus 's e mac, tha mi a' smaoineachadh gur e mac le bràthair-athar do dh'Alasdair MhicCoinnich a thòisich an t-àite sin. Ruairidh MacCoinnich. 'S e a thòisich am baile a-muigh aig Chipewyan ann an sin. 'S chaidh i a-mach an toiseach a Winnipeg, agus air a bha i ann an Winnipeg, thachair i ri fear MacPhàrlain à Mealabost, agus bha dreuchd gu math mòr aige anns a' Hudson Bay Company, agus thug e dhi coileach agus sia cearcan airson an toirt a-mach gu Fort Chipewyan, agus chan eil mi a' tuigse fo ghrian carson, airson air a chaidh i a-mach ann an sin, bha esan ann an sin roimhpe, agus bha e gu math toilichte gun do ruig na cearcan 's an coileach beò. Chan eil fhios a'm carson nach tug e fhèin a-mach iad.

CM: Tha e a' toirt na mo chuimhne dìreach a' bhò agus an tarbh a bh' aig an fheadhainn eile.

CL: Agus Eubha. Chan eil fhios a'm dè an t-ainm a bh' air na cearcan 's air a' choileach

CM: Bha mi dìreach a' dol a ràdh, ach tha mi cinnteach gun robh cuideachd cuideigin gan càineadh. Àgh 's eumhais 's sin. Och, thèid sinn air ais gu na h-Innseanaich.

CL: Bha mi ag iarraidh bruidhinn beagan mu dheidhinn na boireannaich Innseanach mu... uill, a-rithist, 's e... 's e boireannaich a thàinig bho Innseanaich agus fir Arcaibh a thill air ais a Leòdhas, a phòs Leòdhasaich agus a thill air ais a Leòdhas, agus bha grunn math dhen a sin ann. Bha iad a' fuireachd air an Taobh Siar 's an Tolastadh, agus bha feadhainn eile pòsta aig... aig feadhainn air feadh an àite. Tha fios againn mu dheidhinn dhà no thrì aca, 's tha fios againn gun do bhàsaich feadhainn aca goirid an dèidh 's dhaibh a thighinn ann an seo. Agus bha tè eile ann, gu mì-fhortanach, chaidh an duine aice a chall goirid an dèidh 's dhi thighinn, agus bha leanabh aice, agus bha i an ceann treis ag iarraidh air ais a Chanada, mar a bha nàdarrach, ach cha robh seanair an leanaibh ag iarraidh an leanabh a leigeil às, agus ruith i gun an àirigh leis an leanabh, ach fhuair a mhàthair air ais e 's dh'fhalbh iad. Ach an ceann... air a dh'fhàs esan, an leanabh, suas ann an aois, bha e ag obair dhan a' Hudson Bay Company e fhèin, thill e air ais a Bhreatainn. Bha e ag iarraidh a thighinn a Leòdhas, ach bhàsaich e ann an Liverpool 's tha e air a thiodhlacadh ann an sin. Bha a' bheatha aca gu math neònach a-bhos ann an seo, saoilidh mise. Cha robh mòran aca fada beò. Ann an Canada, tha sinn a' faighinn lorg air feadhainn ann an sin cuideachd a phòs daoine à Leòdhas ach a dh'fhuirich thall ann an sin fhèin.

Nise, bha e àraid an rud a bha ri tachairt. Bha e garbh èiseil dha na daoine sin a bha ag obair anns a' Hudson Bay Company gum biodh boireannach aca. Bha iad gam faighinn ann an diofaraichte dhòighean. Bha iad an toiseach, feadhainn dhe na boireannaich sin, fèar man tràillean. Bhathas gan toirt seachad man tràillean. Agus bha an uair sin feadhainn dhe na treubh Innseanaich a bha gu math toilichte air a thigeadh an duine geal... geal. A' chiad rud a bha e a' dèanamh... a bha iad a' dèanamh, 's e boireannach... bha iad a' toirt boireannach dhan duine gheal, ged a b' ann airson oidhche, no dà oidhche, no airson a bhith còmhla riutha fad na h-ùine. 'S e seòrsa de... de thiodhlac a bh' ann, boireannach a thoirt dhaibh. Nise, bha feadhainn eile dìreach a' coinneachadh ri boireannaich 's a' fuireach còmhla riutha. Ach bha e gu math èiseil dhaibh airson an dòigh-beatha a bh' aca a-muigh ann an sin. Bha e cho eadar-dhealaichte. 'S bha aca dà rud gu h-àraid. Bha an canoe agus an snowshoe cho èiseil dhaibh, agus 's e na boireannaich a bha a' càradh nan canoes agus a' dèanamh nan snowshoes. Tha cuimhn' a'm canoe a choimhead bho chionn dhà no thrì bhliadhnachan aig fear, canoe ceart Innseanach, agus bhathas ga seòladh air leithid Winnipeg, agus bha na canoes a bha sin cho àlainn air an dèanamh 's cho aotrom, agus airson a dhol tro na portages, man a bh' aca air an àite a dh'fheumadh iad a thighinn à aon abhainn airson a dhol a dh'abhainn eile, bha iad cho aotrom airson an toirt leotha air an druim.

CM: Dh'fheumadh duine a ràdh, anns an dol-seachad, na fir a bha seo, a bha a' dol a-null aig amannan, cha robh iad math dha na boireannaich a bha sin. Bha iad gan cleachdadh, 's dòcha gun robh iad pòsta aig an taigh, gum biodh iad còmhla riutha airson bliadhnaichean, gum biodh clann aca 's teaghlaichean, 's thigeadh iad an uair sin dhachaigh 's dh'fhàgadh iad iad gun a' chòrr ghuth orra. Bha sin a' tachairt, nach robh?

CL: Ò, bha. Airson am pòsadh, man a thuirt... man a thuirt mi ron a seo, am pòsadh a bh' ann, chan e pòsadh Crìosdail man a bha... man a tha sinne a' coimhead 's a' sealltainn suas ris. Thigeadh iad dhachaigh 's phòsadh iad cuideigin eile, agus bha iad a' fàgail clann às an dèidh, agus bha feadhainn aca a' toirt clann dhachaigh leotha. Tha fios a'm air aon theaghlach, bhàsaich am boireannach Innseanach, agus thug an duine dhachaigh an leanabh a Leòdhas, agus 's e an t-Innseanach a bh' air an duine, agus chaidh am balach a bha seo, air a dh'fhàs e suas, dh'fhalbh e fhèin a-rithist, 's chaidh e a-null a Chanada, 's bidh sinne a' dol a shealltainn air daoine ann an Ripley, ann am Bruce County, agus bidh iad fhathast a' bruidhinn air teaghlach an duine sin. 'S e Angus Indian a th' aca air. Lean an t-ainm ris. Chaidh e air ais a-null a Chanada a-rithist.

Bha feadhainn ann a bha a' dèanamh droch chleachdadh air na boireannaich. Bha feadhainn... na h-oifigearan a b' àirde a bh' anns a' Hudson Bay Company gu h-àraid, bha iad a' gabhail boireannaich, airson bha feum aca orra, agus 's dòcha gun tilleadh iad a Bhreatainn an uair sin 's phòsadh iad boireannach geal. 'S tha fhios againn mu dheidhinn aon duine, George Simpson, chan eil fhios cò mheud a bha... boireannach a bha esan còmhla riutha, agus dh'fhàg e boireannach aig aon àm agus i a' dol... a' giùlan leanabh leis, agus thuirt e ri fear eile, a rèir 's dè an dath a bhios air, cùm e no cuir air falbh e, a' ciallachadh ma tha e geal, gabhaidh mi ris. Chaidh esan a-null a Bhreatainn an uair sin gun innse dhan a' bhoireannach còmhla ris an robh e a' fuireach gun robh e a' dol ga fàgail airson boireannach eile fhaighinn. Agus chaidh e fhèin agus fear eile a-null a Bhreatainn. Fhuair iad bean gach duine aca thall ann am Breatainn, 's thill iad a' Mhontreal. Agus an oidhche a bha iad ann am Montreal, bha nighean trì bliadhna deug leis an fhear eile, nighean a bha e air fhaighinn le aon dhe na boireannaich Innseanaich... Innseanach, bha i anns an sgoil ann am Montreal, agus thàinig i a-steach dhan an taigh, 's thàinig i a-steach dhan a' chuideachd, far an robh esan leis a' bhean ùr. Agus rinn a bhean ùr a-mach às an rùm, airson bha fhios aice gun robh a leithid a leanabh ann, ach man a bha i fhèin ag ràdh, cha robh càil a dhùil aice gun tigeadh i a-steach far an robh ise. Agus 's e an Simpson a bha sin a bha mar mheadhan air briseadh dòigh-beatha a bha aig na daoine a bha ag obair anns a' Hudson Bay Company, agus dòigh-beatha a bh' aca le bhith a' pòsadh no a' dol còmhla ri na boireannaich Innseanach. Thug esan a' chiad boireannach geal a-mach, 's aon uair 's gun do thòisich sin, sguir an ceangal a bha eadar... uill, cha do sguir e, ach thòisich... thòisich iad a' coimhead air na h-Innseanaich ann an dòigh eadar-dhealaichte.

CM: An robh na treubhan Innseanach, an robh na boireannaich Innseanach fhèin, toilichte gu leòr a bhith a' gabhail ris a seo? Dè an t-àite a bh' aig a' bhoireannach anns na treubhan Innseanach fhèin? An robh àite idir?

CL: Bha, àite gu math... gu math mòr aice anns na treubh. Ged a bha iad a' toirt na boireannaich seachad, bha rud eile ann, bha iad... 's e seòrsa de dhòigh a bh' ann air faighinn rud bho na daoine geala. Can gun toireadh iad boireannach dhaibh, 's dòcha gun toireadh na daoine geala dhaibh gunnaichean no deoch no grìogagan no às bith dè bha a dhìth orra. Agus bha gach taobh a' dèanamh rudeigin dhan an taobh eile. Ach bha iad a' coimhead suas ri na boireannaich, na h-Innseanaich. Cha robh bha iad gan cur sìos, airson bha an t-àite fhèin aca ann am beatha an treubh, airson cha dèanadh na h-Innseanaich càil às an aonais. Dheigheadh na boireannaich còmhla riutha air a bhiodh iad a' dol a-mach a shealg, agus 's e na boireannaich a bha gu math mòr a' coimhead ri na bha iad a' dèanamh le cracann 's bian nam beathaichean. Bha iad a' dèanamh aodach leotha, 's a' dèanamh na canoes, a' dèanamh aodach leapa, 's a h-uile seòrsa rud, a' deasachadh phemmican, agus a' dèanamh a h-uile seòrsa rud. Agus air an aon là-... air an làmh... an làmh eile, bha iad a cheart cho feumail dha na daoine geala a bha a' dol a-mach.

CM: Fiamh a' ghàire a' tighinn orm, tha fhios agam, agus mi... an dealbh a tha mi... a chluinn-... a bhith ga do chluinntinn a' dèanamh an sin dhen a' bhoireannach Innseanach. Bidh iad ag ràdh gur e sin dìreach an dearbh seòrsa boireannach a tha fireannaich anns na h-eileanan fhathast a' lorg.

CL: Tràillean.

CM: Nach bi?

CL: Uill, chan eil fhios a'm. Chan e... chan e feminist mòr a th' annamsa idir. Tha mise a' coimhead gu bheil luach... gu bheil feum againn air... air fir agus air boireannaich, agus anns an latha a th' ann an-diugh tha sinn a cheart cho math air sabaist airson ar h-àite fhèin anns na h-eileanan 's... uill, tha mi a' creidse, air a thèid thu air ais 's dòcha dhan an linn mu dheireadh, nach robh na boireannaich anns na h-eileanan a' faighinn àite cho mòr 's a tha iad an-diugh.

CM: 'S iad ag obair gu math cruaidh cuideachd nuair a bha na fir air falbh.

CL: Ò, bha iad ag obair gu math cruaidh. Bha. Ach bha... chaidh a-nise, air a thòisich miseanaraidhean a' dol a-mach dhan a... còmhla ris a' Hudson Bay Company, cha robh iad garbh toilichte ris an dòigh a bha na boireannaich 's na fir a' fuireach còmhla ri chèile.

CM: Uill, cha shaoileadh duine gum bitheadh.

CL: Ach an ceann treis, bha iad fhèin an uair sin a' coimhead feadhainn aca, nam biodh iad ann fada gu leòr, bha iad a' coimhead am feum a bh' aca air boireannach. 'S tha fhios againn air aon duine, Harmon an t-ainm a bh' air, agus 's ann às a dhèidh a chaidh baile ann an Ameireagaidh ainmeachadh, Harmonsville, agus bha esan a' fuireach còmhla ri tè airson ùine mhòr, mhòr, airson bha fichead leanabh aca.

CM: Ò, a ghràidh ort.

CL: Agus air a bha e a' dol a dh'fhalbh a-rithist, bha e a' sgrìobhadh anns an leabhar-latha aige nach... ag ràdh, cha leigeadh a chridhe leis am boireannach fhàgail, cha leigeadh a chridhe leis a chlann a thoirt bhuaipe, 's thug e leis am boireannach 's phòs e i ann an eaglais, 's bha iad gu math toilichte còmhla ri chèile às dèidh sin.

CM: Uill, sgeulachdan eile aig an aon àm a-màireach, ach pìos ciùil eile. Dè tha thu air a thaghadh an-diugh?

CL: Uill, tha mi a' dol... a' dol a dh'fhuireach aig an aon chlàr a tha seo, Impressions of a Native Land, agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e iomchaidh taghadh tàladh, agus cuideachd an dòigh a bh' aca air ainmeachadh leanabh, agus bhiodh iad ag ainmeachadh leanabh, na h-Innseanaich, às dèidh, can, sìtheanan 's rudan àlainn mar sin...

CM: Ò, seadh. Aidh, aidh.

CL: Agus tha an duine a' bruidhinn 's ag ainmeachadh an leanabh a tha seo, agus mar gum biodh e ga thoirt do nàdar, agus tha e an uair sin ri seinn tàladh.

CM: Uill, bidh thu air ais aig an aon àm a-màireach. Tapadh leatsa an-dràsta.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math