Rannsaich

Fiosrachadh mu obair na mònadh, eich is eathraichean.

Ceann-latha September 1979
Àireamh a’ chlàir 97448
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1979.088

Àireamh an Teip Thùsail

SA1979.088

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu obair na mònadh, eich is eathraichean.

Fiosrachadh air na leanas: obair na mònadh (buain sna h-eileanan mun cuairt, togail, toirt dhachaigh ann an eathraichean, cruachadh, msaa); cliabh mhònadh (iris, breugan, msaa); cairt (bogsa, 'trams', 'hems', rothan, etc.); acfhainn an eich (srathair, coilear, sròinean, msaa); eathraichean (Lìtich, Pèirdsichean, crann, buill, tobhta amar, sòla, msaa).

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Beàrnaraigh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Beàrnaraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain Peatarsan (IP): Agus, tha sinn a-nise a' dol a bhruidhinn air obair na mòna. Agus, seadh ma-thà...

Donnchadh MacLeòid (DM): Bhiodh iad ga buain suas ann a... ann am May 's April, suas mar sin. Agus bha iad an uair sin, fhios agad, a' dol a-mach, nuair a thiormaicheadh i, nuair a bhiodh samhradh math ann, bhiodh iad a' dol ga cruachadh, ga togail. Ga togail, na rùdhan.

IP: Ach socair a-nise, tha... dè a chanadh iad ris an rud leis an robh iad ga buain

DM: Iarann-mònadh.

IP: Iarann-mònadh.

DM: No iarann-mònach.

IP: 'S e iarann a chanadh iad ann a sheo.

DM: 'S e, 's e.

IP: Tha facal air leth anns gach àite, ach 's e iarann a chanas...

DM: Iarann-mònadh a chanadh iad ris ann a sheo.

IP: Seadh, dìreach. Agus bhiodh a-nise sgiobadh a' dol a-mach?

DM: Ò bhitheadh, bhitheadh.

IP: 'S ann a... càit an robh iad ga buain?

DM: Bhiodh iad ga buain ann an, ri mo chiad chuimhne, 's ann an Sàrstaigh 's anns na h-Eileanan sin, 's am Bhotarsaigh

IP: Ò, ann an Sàrstaigh. Agus cò an t-eilean mu dheireadh?

DM: Thòisich iad an uair sin air a buain ann am... ann am... bhite ga buain am Bhotarsaigh, 's ga buain ann an Sàrstaigh, agus ann an t-Hearmatraigh. Thòisich iad... bha iad... bha iad sin ro fhada air falbh. Thòisich iad an uair sin air a buain ann an Sròmaigh 's an Àird Thànais, 's na h-àiteachan sin.

IP: An Àird Thànais 's Sròmaigh. Seadh, dìreach

DM: Agus 's e... bhiodh dithis aig... mu choinneamh a h-uile h-iarann, fhios agad.

IP: Bhitheadh, dìreach.

DM: Dithis. Fear anns a' pholl. Fear eile a' gearradh, 's fear eile a' cur a-mach na mònadh.

IP: Sin agad e.

DM: Sin agad e.

IP: Agus cha robh mòine am Beàrnaraigh ann?

DM: Cha robh sgath mònadh am Beàrnaraigh idir, idir. Fhad 's is aithne dhòmhsa co-dhiù. Chan e nach robh feadhainn a' ràdh gun robh i ann am... anns a' phàirc a th' aig a' Bhaile uaireigin. Chan eil fhios agamsa a bheil sin ceart no ceàrr, no...

IP: Seadh, dìreach. Agus leis a sin, bhiodh sgiobadh a' dol a-mach...

DM: Ò bhitheadh, bhitheadh.

IP: A bhuain do mhòine-sa an-diugh 's reigheadh cuideigin eile a-mach... reigheadh tusa a-mach an làrna-mhàireach còmhla ris an fhear a bha... 'S cò mheud a bhiodh anns an sgiobadh a bhiodh a' dol a-mach?

DM: Ò bhiodh feadhainn aca a' buain obair cheithir iarainn, 's rud dhen t-seòrsa...

IP: Ceithir iarainn.

DM: Ceithir iarainn. Ceathrar... dithis aig a h-uile... ge brith dè bhios an sin, dithis aig a h-uile h-iarann. Ceithir iarainn.

IP: Seadh. Bhiodh sin ochdar fhear.

DM: Agus bhiodh fear a' feannadh.

IP: 'S fear a' feannadh.

DM: Fear a' feannadh na mònadh.

IP: Agus a-nise, bha thu a' ràdh gum biodh boireannaich a' dol a-mach còmhla...

DM: Bhiodh na boireannaich a' dol a-mach leis a' bhiadh. A' dèanamh a' bhìdh.

IP: Seadh, dìreach. Agus nise, an latha a bhiodh sibh, abair a' buain na mònadh agaibh fhèin, chuireadh sibh air dòigh am biadh an latha ron àm.

DM: Chuireadh. Bha, oidhche ron àm, 's a' falbh leis anns a' mhadainn sìos chun nan eathraichean 's a' falbh an uair sin a-mach a bhuain na mònadh.

IP: Seadh, dìreach. Agus 's e eathraichean troigh air fhichead no mar sin? Lìtich?

DM: 'S e, no trì troigh fichead, feadhainn dhiubh, fhios agad, 's mar sin.

IP: Seadh, trì troigh fichead. Agus nuair a ruigeadh sibh a-muigh...

DM: Bha iad a' dèanamh biadh nuair a ruigeadh tu a-muigh, agus bha feadhainn aca a bhiodh a' gabhail am biadh mum falbhadh iad on taigh, fhios agad, 's dòcha. Bhiodh... 's dòcha gum biodh feadhainn aig... a bhiodh na b' fhaisge air na cladaichean, bhiodh iad a' gabhail am breakfast mum falbhadh iad on taigh. Ach a-nise, an fheadhainn a bha a-mach air na cùil, fhios agad, cha b' urrainn dhaibh sin. Dh'fheumadh iad falbh na bu tràithe. Agus bhiodh iad an uair sin... bha a h-uile seòrsa biadh aca. Biadh sam bith a dh'fheumadh, bhiodh e aca [???] buntàta...

IP: Agus mar a bu trice, bhiodh dithis bhoireannach a-muigh?

DM: Bhiodh dithis bhoireannach leis a' bhiadh. Bhitheadh, bhitheadh.

IP: Seadh, dìreach. Agus ghabhadh iad grèim bìdh nuair a ruigeadh iad a-muigh 's thòisicheadh iad an uair sin air buain na mònadh.

DM: Air buain na mònadh, 's treis an dèidh dhaibh ruigheachd a-muigh, bha iad air tòiseachadh mun tòisicheadh [?am biadh]. Bha iad a' leigeil le na boireannaich teine a dhèanamh... dh'fheumadh iad teine a dhèanamh, fhios agad. Bha iad an uair sin... bheil e a' dol air?

IP: Tha.

DM: Tha. Bha iad an uair sin, fhios agad, nuair a reigheadh an teine a dhèanamh, bha iad a' dèanamh biadh, 's ò cha robh èis biadh no càil orra. Cha bhitheadh, cha bhitheadh. Bha deagh biadh aca. Bha a h-uile seòrsa biadh aca a-muigh, buntàta 's a h-uile càil. Tha, a bhalaich.

IP: Agus bhiodh iad a-nise... bha thu a' radha gum biodh 's dòcha ceithir iarainn ann, an e?

DM: Bhitheadh. Ceithir obraiche air iarainn co-dhiù, bhitheadh, bhitheadh, aig a... anns an sgiobadh. 'S feadhainn aig am biodh barrachd air a sin cuideachd, fhios agad.

IP: Bhitheadh. Ò bhitheadh. Bhiodh sin... obair cheithir iarainn, connadh bliadhna ann a shineach?

DM: Dhèanadh ceithir iarainn connadh bliadhna do dhuine sam bith.

IP: Dhèanadh, dìreach. Agus ghabhadh iad a-nise nàdar de dhinnear letheach slighe?

DM: Ò ghabhadh, ghabhadh iad an dinnear.

IP: Bhiodh iad a' toir a-mach buntàta 's sgadan?

DM: Bhitheadh, bhitheadh. Ò bhitheadh, a bhalaich ort. 'S e, biadh math ann. 'S bhiodh iad uaireannan, fhios agad, nuair a bhiodh muinntir nam Bàgh nuair a reigheadh iad a-nall 's sgadan ùr aca, bhiodh iad ga... choinnicheadh iad 's dòcha eathraichean a' dol a bhuain mhònadh 's bhiodh sgadan ùr aca còmhla ris a' bhuntàta.

IP: Bhitheadh, dìreach. Bhitheadh. Ò bha sin freagarrach. Agus a-nise, tha mi a' creidsinn gum biodh iad a' gabhail drùdhag tì mun tilleadh iad dhachaigh a-rithist, am bitheadh?

DM: Ò ghiall, bhitheadh. Bhitheadh, ò bhitheadh. Bha iad a' gabhail an deagh bhiadh, fhios agad. Cha robh càil a dh'èis orra mar sin.

IP: Agus nuair a thigeadh iad dhachaigh... dè fhad 's a bheireadh iad air tighinn... uill, mura biodh gaoth fhreagarrach ann, bheireadh iad treis mhath air tighinn dhachaigh?

DM: Ò bheireadh. 'S uaireannan cha bhiodh iad ach gan iomradh dhachaigh cuideachd, nam biodh fèath ann, fhios agad. Dh'fheumadh iad na h-eathraichean iomradh. Cha robh engines ann, fhios agad.

IP: Cha robh. Cha robh, dìreach. Bheireadh iad uair a thìde 's dòcha?

DM: Ò bheireadh 's còrr.

IP: Còrr, bheireadh, dìreach. Agus bhiodh a-nise clann a' coinneachadh an eathair nuair a thigeadh e?

DM: Bhitheadh, a' coinneachadh an eathair mar bu trice nuair a thigeadh iad.

IP: Bhiodh uighean cruaidh, an e, [???]

DM: Bhitheadh, agus lofaichean 's silidh, 's dòcha, a bhiodh aca.

IP: 'S e, 's e. 'S bha sin ga riaghladh air a' chloinn?

DM: Bha, bha, bha.

IP: Bha dìreach, bha. Agus nise, bha sin a' mhòine air a buain. Dè a-nis an ath rud a bh' aca ri...

DM: A togail. Togail na mònadh. Reigheadh iad a-mach an ceann cola-deug no mar sin a thogail na mònadh, fhios agad. Nuair a bhiodh i treis anns an rùdhan an uair sin bha iad ga cruachadh, fhios agad, a' dèanamh cruachan oirre. Bha iad an uair sin ga slaodadh dhachaigh anns na h-eathraichean. Clèibh aca...

IP: Bha, dìreach. Agus bhiodh iad... cha bhiodh a-nise a' dol a-mach ga cruachadh ach duine no dithis, an e?

DM: Ò chan e. Dh'fhaodadh tu na thogras tu a dhol ga cruachadh a-mach, ach 's ann bu luaithe a bhiodh tu [???]. Dhèanadh duine sam bith [???].

IP: Dhèanadh, dìreach. Ach cha bhiodh ach a h-uile duine a' dèanamh a chuid fhèin?

DM: Ò 's e, 's e. A h-uile duine a' dèanamh a chuid fhèin. 'S e, 's e.

IP: 'S e, dìreach. Ach nuair a bhathar ga buain, bheil fhios agad, bha a h-uile duine...

DM: Bha iad a' cuideachadh a chèile. Sgiobaidhean...

IP: Sin agad e. Sin agad e, dìreach. Agus bhathar a-nise ga toir dhachaigh anns na h-eathraichean?

DM: Bha, bha.

IP: Agus dh'fheumadh tu a cur sìos chun a' chladaich an toiseach, an fheumadh?

DM: Ò chan fheumadh. Bha thu ga dòrtadh dhan an eathar. Bha thu ga dòrtadh dhan an eathar leis a' chliabh. Ach bha thu a-nis a' stobhadh an eathair an uair sin agus... leis a' mhòine, ga stobhadh suas, a' lìonadh an eathair 's na bheireadh i leatha.

IP: Na bheireadh i leatha. Dè... dos, an e a chanadh iad, a bhiodh iad a' cur orra nuair a bhiodh i an-àirde air uachdar?

DM: Bhitheadh, an dos. Dos oirre. Bhiodh seachd no ochd a dh'fhòidean de dhos oirre. Bhitheadh, bhitheadh.

IP: Seadh, dìreach. Agus an deigheadh aca air seòl a chur suas leis an dos.

DM: Ò reigheadh. 'S nam biodh fèath ann, dh'fheumadh tu àite iomraidh fhàgail airson gun iomradh tu dhachaigh. Ò reigheadh.

IP: Agus a-nise, nuair a ruigeadh iad dhachaigh, bha an aon rud aca a bhith ga cur suas an uair sin?

DM: Bha, bha. Bha [???] 's na cairtean a' tighinn an uair sin 's ga toir dhachaigh. Ri mo chiad chuimhne-sa co-dhiù, fhios agad. Bhiodh na cairtean a' tighinn a-staigh dhan... cha bhiodh a' chairt romhad air a' chladach idir, ach...

IP: Cha bhitheadh, cha bhitheadh. Latha no dhà an dèidh...

DM: [?Latha] sin a-rithist bha thu ga tarraing dhachaigh.

IP: Agus an uair sin bhathar a' dèanamh cruach dhith?

DM: Cruach oirre. Feadhainn dhiubh gan cur a-staigh do thaighean nam biodh taigh aca, ach bha a' chuid bu mhotha, bhiodh iad a' dèanamh cruachan oirre, fhios agad. Cruach mhòr, mhònadh.

IP: Agus dè a-nise a chanadh iad ris an togail a bha iad a' dèanamh air a' chruaich?

DM: Ga gnìomhadh.

IP: Ga gnìomhadh. 'S an robh... a bheil beachd agad an robh duine ann a bha sònraichte math air gnìomhadh?

DM: Ò chan eil, a ghràidh, [?sìon ach] cha robh a h-uile duine a' dèanamh ach mar a chitheadh e...

IP: Chuala mi, tha mi a' smaoineachadh gun robh am ministear, am Moireasdanach, gun robh iad a' radha gun robh e math air gnìomhadh?

DM: Ò fhios agad, tha mi a' creidsinn gun robh, fhios agad. Bha, bha...

IP: 'S e Leòdhasach a bh' ann, 's bhiodh e...

DM: 'S e. Bhiodh iad... feadhainn eile, fhios agad, a bha, mar a bha na h-Uibhistich, bha iad math air lìonadh cairt-mhònadh cuideachd, fhios agad.

IP: Bha, dìreach, bha. Ò bha alt air a sin a dhèanamh còmhla ris gach rud, bha.

DM: Bha. Cairt-mhònadh, fhios agad, 's bhiodh i air glasadh leis an aona fhàd na mullach aca. 'S bha iad math air an obair a bha sin. Ò bha iad math am Beàrnaraigh cuideachd, a bhalaich, feadhainn aca.

IP: Seadh. Agus... nise, bha sinn a' bruidhinn air a' chliabh-mhònadh, agus bha thu a' radha, rud a bha a' dol mu do ghualainn, gur e iris a bh' aca air?

DM: 'S e iris bh' aca air.

IP: Agus, an robh... an aithnicheadh tu duine a bha math air dèanamh chliabh?

DM: Ò bha Dòmhnall Iain, bràthair m' athar... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

IP: Nise, Dhonnchaidh, bha sinn a' bruidhinn air a' chliabh, agus bha thu a' radha gur e iris, ròpa a bhiodh a' dol air do ghualainn...

DM: 'S e, iris a chanadh iad ris.

IP: Seadh. Agus bha thu a' radha gun robh Dòmhnall Iain, bràthair d' athar, gun robh e math air...

DM: Dèanamh nan cliabh. Bha, bha. Bha.

IP: Agus, bha... dè seo an rud a bha thu a' radha a bh' aige?

DM: Ceap-chliabh a chanadh iad ris.

IP: Ceap-chliabh. Agus...

DM: Maide... maide 's e air a tholladh, a bheil fhios agad, 's iad... na slatan caoil a' dol sìos ann, agus bha e a-nis ga dhèanamh timcheall mar gum biodh basgaid air fhighe, fhios agad. Ach an ceap-chliabh, bhiodh ceap-chliabh aca, 's e ceap a chanadh iad ris.

IP: 'S e, dìreach. Agus a-nise, 's e caoil air am biodh iad ga dhèanamh.

DM: 'S e, 's e.

IP: Agus càit às am biodh iad a' faighinn a' chaoil.

DM: Bhitheadh, à Muile 's às... à Muile. Caol à Muile. Caol, caol mar a... bhiodh iad a' faighinn caol a' chlèibh-ghiomach cuideachd às. Leth-cheaba caoil, fhios agad, a bhiodh aca air, ach chan ionnan an caol a bhiodh ann an... le caol nan cliabh-ghiomach idir, cha chreid mi.

IP: Chan e. Tha mi a' creidsinn gum biodh fear nan cliabh-ghiomach...

DM: Na bu ghairbhe.

IP: Na bu ghairbhe 's na bu làidire. Bhitheadh, dìreach.

DM: Ge brith dè rud a bh' anns an leth-cheaba caoil, dhèanadh e... chan eil fios a'm cò meud cliabh a dhèanadh leth-cheaba caoil.

IP: Leth-ceaba, an e?

DM: Leth-cheaba a chanadh iad ris. Leth-cheaba caoil. Sin air am biodh iad a' dèanamh nan cliabh.

IP: 'S e, dìreach. Agus dad ort a-nise, an robh ainmeannan sam bith aca air feadhainn dhe na rudan a bha timcheall a' chlèibh?

DM: Bha na... bha breugan a' chlèibh, 's rud dhen t-seòrsa sin, fhios agad.

IP: Cà a-nis an robh na breugan?

DM: Bha, faisg air a' bheul aige shuas, fhios agad. Agus bhiodh an taghaiste aca, slat eile a bhiodh a' dol ann. An taghaiste. Ach chan eil mise... [???] mi fhìn air na rudan [???]. An taghaiste a chanadh iad ris.

IP: An aghaiste?

DM: An taghaiste. An t-slat-thaghaiste. Agus an t-slat-bheòil.

IP: An t-slat-bheòil?

DM: An t-slat-bheòil.

IP: 'S e, dìreach. Ò uill, tha sin iongantach.

DM: Ach tha e neònach leam, fhios agad, nam faiceadh tu am fear beag nach innseadh e dhut na b' fheàrr na mise mar a... mun an taghaiste 's mar a bhiodh e [???].

IP: Tha mi a' làn-chreidsinn. Chluinneadh e e aig athair. Chluinneadh, dìreach. Sin Aonghas Beag.

DM: 'S e, 's e.

IP: 'S e. Ò tha, 's tha Aonghas, tha e math cuideachd, a bheil fhios agad. Cuimhne mhath aige.

DM: Tha aig Aonghas. Dh'innseadh e dhut... dh'innseadh... dh'innseadh Aonghas dhut e cuideachd.

IP: Seadh, tha mi a' creidsinn.

DM: Dh'innseadh. Dh'innseadh.

IP: Tha sinn a-nise... bhiodh iad a' toir dhachaigh...

DM: Na sides Chanadh iad na sides ri na...

IP: Chanadh. Bhiodh iad a' toir dhachaigh na mònadh leis a' chairt?

DM: Bhitheadh.

IP: Agus... tha sinn a' dol a bhruidhinn air pàirtean dhen a' chairt, a bheil fhios agad, agus 's e am bogsa a chanadh iad ri broinn na cartach?

DM: 'S e, 's e. 'S e am bogsa. Bogsa na cartach.

IP: Agus dè chanadh iad a-nise ri na taobhannan?

DM: Na sides aige.

IP: Na sides. Agus an rud a bha a' dol suas air gach taobh dhen each, nuair a bhiodh aid...

DM: Na trams.

IP: Trams. Agus an rud a bha a' dol tarsainn 's...

DM: An t-srathair. An t-srathair air druim an eich. Srathair air druim an eich. Agus bhiodh a-nis na dòrnain air a' chairt airson a bhith ga slaodadh, fhios agad. Bha iad a' dol ceangailte air na hems.

IP: Ò bha, dìreach.

DM: Na dòrnain.

IP: Seadh. Agus, a-nise, aiseal na cartach, bha sin...

DM: Bha aiseal na cartach far an robh na rothan. Bhiodh iad a' crèiseadh sin, fhios agad, airson gum biodh a' chairt furasta a tarraing.

IP: Bhitheadh, dìreach. Agus an robh a-nise pàirtean na roth fhèin, an robh ainmeannan aca air na...

DM: A' chìoch.

IP: A' chìoch.

DM: Cìoch an rotha. Cìoch an rotha, far an robh... far an robh na fadhlaisean, far... às an robh na fadhlaisean a' dol a-mach.

IP: Ò, na fadhlaisean, 's e dìreach. Sin mar a... na spògan, nach e?

DM: 'S e, 's e.

IP: 'S e dìreach, 's e. Agus... ach 's e fadhlaisean a chanas sibh?

DM: Dè?

IP: 'S e fadhlaisean a chanas sibh, nach e?

DM: Fadhlaisean.

IP: Seadh. 'S e, dìreach. Agus dè a-nis a chanadh iad ris, rèim a-muigh aice, an e?

DM: Ris an...?

IP: Rèim. Rim, a bheil fhios agad, na cuibhle, na roth.

DM: Na cearcaill.

IP: Ò cearcaill.

DM: Cearcaill a chanadh iad riutha. Fhios agad, bha iarann a' dol air an roth. Cearcall a chanadh iad ri ris.

IP: Seadh, cearcall a chanadh iad ris an iarann. Agus an fhaca thu iad riamh a' cur cearcall air roth?

DM: Eh?

IP: An fhaca thu fhèin...

DM: Ò chan eil beachd agam, ach tha fhios a'm math gu leòr... bhiodh... bhiodh Ruairidh Thormoid, bhiodh e... bha e math air na rudan sin, cearcladh rothan.

IP: Bha, tha mi a' creidsinn.

DM: Bha 's fhios aig [???]. Agus 's e... dè a-nise... dè a-nis a th' agad a-nis air na rudan a bha a' dol a-staigh far an robh... far an robh an aiseal a' dol a-staigh. Tha mise air sin a dhìochuimhneachadh completely.

IP: A bheil?

DM: Tha mi a' smaoineachadh gur e... ò Thì [???], chan eil mi... tha mi air a dhìochuimhneachadh.

IP: Fhios agad, cha robh mise eòlach air cairtean idir.

DM: Siud agad ma-thà mar a bha na cairtean an uair ud. Ò Thì, dè a-nis an t-ainm a bh' air a... far an robh an aiseal...

IP: An aiseal a' dol a-staigh, an e. A' chìoch, uill...

DM: A' chìoch, a' chìoch. Bha e a' dol a-staigh dhan a' chìch, ach bha rud iarainn eile ann a bharrachd air a sin far an robh i a' dol a-staigh, fhios agad.

IP: Seadh. Seadh, dìreach. Agus bha ainm aca air...

DM: Bha, bha, bha.

IP: Ainm Gàidhlig, ma-thà.

DM: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur e.

IP: Agus nise, an rud a bh' air deireadh na cartach, a bha ga dùnadh.

DM: Bòrd-deiridh.

IP: Bòrd-deiridh.

DM: Bòrd-deiridh.

IP: Agus dè na rudan a bha a' glasadh a' bhùird-dheiridh?

DM: Ò chan eil... cha robh ainm agam air a sin idir, ach dìreach pionaichean a bha a' dol ann, fhios agad.

IP: 'S e, pionaichean. 'S e, dìreach. Agus na stoban a bha a-mach air am biodh tu a' cur a-staigh a bhòrd-dheiridh, dè... cha bhiodh agad orra ach bobhta, an e? Fhios agad, bha bobhtaichean beaga a' tighinn a-mach...

DM: 'S e, 's e. Bobhtaichean beaga a bhiodh a' tighinn a-mach às a' bhogsa fhèin, 's bha sin... bha na pionaichean sin a' dol anns an rud. Ach ò Thì, gu dè... dè a-nis an t-ainm a bh' air... far an robh an roth a' dol a-staigh. Nach mi tha truagh, Iain, a ghràidh.

IP: Seadh. Uill, chan urrainn dhòmhsa do chuideachadh idir.

DM: Chan urrainn. Ò uill, nach eil sin doirbh. Agus chan e a h-uile fear a chuireadh ann an roth e cuideachd. Bha e gu math doirbh a chur ann.

IP: Ò seadh, tha mi a' creidsinn. Bha, dìreach. Agus a-nise, nuair a bha iad a' cur a' chearcaill air an roth, dh'fheumadh iad an cearcall sin a theasachadh, nach fheumadh?

DM: Ò dh'fheumadh, dh'fheumadh.

IP: 'S ann a-muigh a bhiodh iad a' togail teine?

DM: 'S ann, 's ann. Le mòine, 's ann.

IP: Mòine. Agus an robh iad... an robh iad a' togail ach aona teine? No an robh iad a' cur...

DM: Ò chan fhaca mise iad a bhith a' cearcladh roth riamh, fhios agad, anns an dòigh sin.

IP: Chan fhaca, dìreach. 'S ann a bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gum biodh... gun dèanadh iad dhà no trì a theintean timcheall airson gum biodh, fhios agad, an cearcall a' teasachadh...

DM: 'S e tha ga mo [???] nach eil cuimhn' agam air càit an robh an aiseal a' dol a-staigh. Nach eil e neònach.

IP: Tha. Och thig e thugad fhathast.

DM: Ò cha tig. Chan eil fhios a'm.

IP: Bheir sinn latha no dhà dhan a sin 's bidh e agad nuair a dhùisgeas tu dòcha a-màireach no an-earar. Tha... agus a-nise, nuair a bha an cearcall air a theasachadh, bha iad an uair sin...

DM: Bha, bha, bha airson a chur air an roth, fhios agad. Bha iad an uair sin [???] ris an roth ceart, fhios agad.

IP: Bha, dìreach. An robh iad a' cur... bhiodh iad a' dòrtadh uisge air, tha mi a' creidsinn.

DM: Ò bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh.

IP: Bhitheadh, dìreach. Airson... 'S theannaicheadh e an roth a-staigh.

DM: Theannaicheadh e 's an roth a-staigh ri chèile. 'S dh'fhanadh e na b' fheàrr, a bheil fhios agad, nuair a bhiodh e air obrachadh mar sin.

IP: Dad ort a-nise. Faodaidh sinn bruidhinn air an acfhainn a bhiodh timcheall an eich, nuair a bhathar ga chur dhan chairt, a bheil fhios agad.

DM: Bhiodh srathair ann, 's briogais a bhiodh againn oirre, briogais na cartach.

IP: Bha sin a' cumail na cartach, nach tigeadh i a-nuas ro fhada...

DM: Bha, bha, bha.

IP: Sin agad e, dìreach. Nuair a bhiodh e a' dol sìos...

DM: Agus bha a-nist na dòrnain oirre shuas, fhios agad, a' falbh anns na trams. Bha na dòrnain oirre agus iad a' dol air na hems. Coilear oirre cuideachd air an h-eich.

IP: Bha. Agus na coilearan a bhiodh aca ann a sheo, an robh iad fhèin gan dèanamh?

DM: Iad fhèin gan dèanamh, bha, bha.

IP: Agus cò air a bha iad gan dèanamh?

DM: Air muran.

IP: Muran. Agus an robh iad... dè...

DM: Airson gun laigheadh iad air gualainn an eich ceart, fhios agad.

IP: Seadh, seadh. Ach 's e bh' agam dhut, an robh rudeigin fon a' mhuran air an robh iad a' cur a' mhurain airson a chumail ann an shape an toiseach?

DM: Ò bhiodh iad a' dèanamh fàinne air an toiseach air... fàinne a' choileir, fhios agad, 's bha iad ga dhèanamh le... nuair a dh'fhigheadh iad sìos an ròp murain, fhios agad, bha iad a' cur rud air choreigin ann am broinn an fhàinne, tha mi a' smaoineachadh.

IP: Ò seadh, seadh. Nise, am fàinne, 's e...

DM: Am fàinne air a' choilear, fhios agad, tha e a' dol... tha e air... 's e th' ann ach sìoman-murain, ach 's e th' anns an fhear eile ach figheachan. Figheachan a tha iad a' cur anns a... air an rud a bhios air na taobhannan aige ach am biodh e socair air gualainn an eich.

IP: Seadh, dìreach. Agus... ò glè mhath. Socair ort a-nise, an taod leis an robh iad a' stiùireadh an eich, 's e...

DM: Bha reins aca. Reins aca.

IP: 'S e reins a chanadh iad ann a sheo.

DM: Reins, 's e.

IP: 'S e, dìreach. Agus an rud a tha a' dol am beul...

DM: No srian. Biod a chanadh iad ris an rud a bha na bheul.

IP: 'S e, dìreach.

DM: Srian mhath dhùbailte, fhios agad. Srian mhath ann, fhios agad, ga...

IP: Bha, dìreach. Agus... dè a-nise... an rud a bha tarsainn sròn an eich, an robh ainm agad air a sin?

DM: Sròinein. Sròinein a bhiodh aca air a sin.

IP: Nise, Dhonnchaidh, tha sinn a' dol a bhruidhinn air eathraichean an-dràsta. Agus na h-eathraichean a bh' aca ann a sheo, ri do chiad chuimhne, 's e lìtich a bh' anns a' chuid mhòr dhiubh?

DM: 'S e, anns a' chuid mhòr.

IP: Ach bha a-nise eathraichean ann ris an canadh iad pèirdseachan.

DM: Pèirdseachan.

IP: Agus na pèirdsichean a bha seo, dè a' mheudachd a bhiodh annta?

DM: Ò bhiodh iad... aon dà throigh air fhichead annta co-dhiù.

IP: Seadh, dà throigh...

DM: Bhitheadh, bhitheadh.

IP: Agus dè leud a bhiodh annta?

DM: Ò chan eil...

IP: Bha iad na bu leatha na na lìtich sin.

DM: Bha, bha. Tha mi a' creidsinn gum biodh ann am feadhainn aca. Chan eil cuimhn' agamsa air na pèirdsichean sin ceart ann, fhios agad.

IP: Chan eil, dìreach. Bhiodh iad air an togail ann a sheo fhèin?

DM: Ò bhitheadh. Ann a sheo fhèin a bha iad gan togail. Tormod Òg 's na daoine sin, 's iad a bhiodh gan togail.

IP: Ò, Tormod Òg. 'S e, dìreach. Agus bha tè àraid ann ris an canadh iad 'Ballan Mo Sheanar'?

DM: Bha, bha.

IP: Agus tha cuimhn' agad glè mhath...

DM: Tha cuimhn' agam oirre sin. Tha cuimhn' agam oirre. Tha.

IP: Cha chreid mi nach... thall an Uibhist, nach ann, bha i an sin mu dheireadh.

DM: Tha mi a' creidsinn gur ann.

IP: Aig Aonghas Iain 'ic Nèill.

DM: Aonghas Iain 'ic Nèill.

IP: 'S ann, dìreach. Agus...

DM: Bha luchdan mòr aca. Bheireadh iad leotha an t-uabhas mònadh.

IP: Bheireadh. Agus cha robh deic orra idir?

DM: Ò cha robh.

IP: Cha robh iad ach fosgailte.

DM: Cha robh iad ach fosgailte. Cha robh deic idir... Ach bha deic air na lìtich, fhios agad.

IP: Bha, dìreach. Agus na... am pèirdse, bha siob 's mainsail, an e?

DM: Siob 's mainsail, bha.

IP: Seadh. Agus a bheil ainmeannan air na rudan a bha co-cheangailte ris an t-siob 's ris a' mhainsail agad, ma-thà?

DM: Am bòm.

IP: Bòm.

DM: Am bòm. Bhiodh e ris a' mhainsail. Bòm ris a' mhainsail.

IP: Bha, dìreach. Agus bha slat gu h-àrd, nach robh?

DM: Eh?

IP: Slat gu h-àrd.

DM: An crann. Bha an crann...

IP: Uill, bha an crann, agus bhiodh am bòm gu h-ìseal...

DM: Bhitheadh, bhitheadh.

IP: Bha slat a-nise, nach i bha an-àirde a-rithist. Agus dè... dè a chanadh iad ris an rud a bha a' toir an-àirde an t-siùil?

DM: Na tarraingean. Tarraingean a chanadh iad riutha. Ris a' mhainsail. Ach chan eil mise buileach cho eòlach sin air na pèirdseachan sin idir [???]. Dìreach gu bheil seòrsa de chuimhn' a'm orra. Chan eil an còrr.

IP: Seadh, dìreach.

DM: Ach 's e tarraingean a chanadh iad ris na rudan a bhiodh aca.

IP: Ò 's e na buill a bha...

DM: 'S e na buill a bha a' toir suas nan seòl.

IP: Sin agad e. Dìreach mar a chanadh iad às dèidh sin, runner, nach e?

DM: 'S e, 's e.

IP: Sin agad e, dìreach. Ach 's e bha mise a' ciallachadh ach rud a bha timcheall a' chruinn, a bheil fhios agad, a bha a' cumail... ò uill, 's dòcha gur ann anns na lugsails a bha sin aca. An e traveller a chanadh iad ris?

DM: Traveller a chanadh iad ris a... air na lìtich, an rud a bh' air na lìtich. An traveller.

IP: Nise, uill... faodaidh sinn a-nise bruidhinn air na lìtich, agus bha iad sin aca ann a sheothach, tha mi a' creidsinn, ò, ro àm... fada ro àm a' Chiad Chogaidh co-dhiù.

DM: Ò bha, bha.

IP: Bha, dìreach. Agus a' chuid mhòr dhiubh bhiodh iad mu throigh air fhichead, no dà throigh air fhichead.

DM: Bhitheadh, bhitheadh. A' chuid mhòr dhiubh, bhitheadh.

IP: Seadh. Agus dè leud a bhiodh annta?

DM: Ò bhiodh feadhainn aca anns am biodh naoi troighean 's trì òirlich, 's mar sin. 'S e naoi troighean, trì òirlich a bh' anns a' Ghuide.

IP: 'S e, dìreach. Bha sin an t-eathar a bh' agaibh fhèin.

DM: 'S e, 's e.

IP: Seadh. Agus 's e... bha... eathar math seòl a bh' innte?

DM: Ò cha robh na b' fheàrr.

IP: Cha robh, dìreach. Agus socair ort a-nise, a' tòiseachadh gu h-ìseal, an rud a b' ìsle dhen an eathar 's e farra-dhruim a chanadh tu ri sin?

DM: 'S e. Agus am fliuch-bhòrd 's am bòrd-mainbh. Fliuch-bhòrd... fliuch-bhòrd am bòrd a b' fhaisge air an druim.

IP: An druim. 'S am bòrd-mainbh an ath fhear?

DM: Am bòrd-mainbh an ath fhear.

IP: Seadh, dìreach. Agus bha a-nise asnaichean, an e a chanadh tu ri...

DM: 'S e na h-asnaichean, 's e.

IP: Seadh. Agus ùrlar?

DM: Ùrlair.

IP: Dè a-nise an t-eadar-dhealachadh a bh' eadar asna 's ùrlar?

DM: Ò bha an t-ùrlar, fhios agad, na bu làidire air choreigin.

IP: 'S na bu truime.

DM: Na bu truime.

IP: Nuair a bhathar a' togail eathar dhen t-seòrsa sin, chuireadh iad sìos an druim an toiseach...

DM: Ò chuireadh.

IP: 'S an e a-nise na h-ùrlair an ath rud a chuireadh iad?

DM: Ò chan urrainn dhomh dad a ràdh, fhios agad, chan fhaca mise bhith a' togail gin aca riamh.

IP: Chan fhaca, dìreach. Chan fhaca. Socair ort a-nise, bha na h-ùrlair 's na h-asnaichean, agus bha a-nise ceanna-chnàmhan, dè na rudan a bh' anns...

DM: Dè th' ann?

IP: Ceanna-chnag, nach e a chanadh iad ris?

DM: Ceanna-chnag. Mar gum biodh, dìreach rud a bhiodh a' dol a... Ò a Thì Mhaith, 's e tha a' dol a...

IP: An tacsa ris...

DM: An tacsa ri... air a' cheanna-chnag gu h-àrd anns an eathar am badeigin. Ò tha mi air... tha mi cho dìochuimhneach.

IP: Seadh, seadh, seadh. Agus a-nise, an rud a bha far am biodh iad a' ceangal an t-siota, an e an taobh-stoc a chanadh iad ris?

DM: An taobh-stoc. 'S e, an taobh-stoc.

IP: 'S e, dìreach. Agus bha a-nise, tobhtaichean nach e...

DM: Bha, tobhtaichean. Tobhta.

IP: Agus dè rud a bha...

DM: Bha an tobhta phump innte 's tobhta amar, 's tobhtaichean airson a bhith ag iomradh, fhios agad.

IP: Tobhta chroinn, nach robh...

DM: Tobhta chroinn. An tobhta chroinn.

IP: Bha, dìreach. Agus dè... sòla, nach e a bh' aca air an rud a bha fo do chasan?

DM: Sòla deireadh, 's e sòla. An t-sòla, 's e.

IP: Sòla. Agus...

DM: Bhiodh sòla aca anns na geòlaichean cuideachd. Bha. Bha Ruairidh Thormoid a' ràdh nach e a h-uile duine a dhèanadh sòla, gur e an car bu duilghe a bha timcheall air...

IP: Ò tha mi a' creidsinn. Tha mi a' creidsinn gun robh e gu math doirbh sòla a dhèanamh airson gum freagradh e dìreach an t-àite...

DM: Gum fiotadh e. Dh'fheumadh e a bhith air a leigeil ris a h-uile h-asna a bh' innte airson gum biodh e ceart.

IP: Dh'fheumadh, dh'fheumadh, dh'fheumadh, airson nach biodh e a' cur cus cuideim air bad sam bith. Agus... nise, tha sinn a' dol a bhruidhinn air na ràghan, agus an reangas.

DM: An reangas. Bha bòrd tana a' dol sìos a beul, fhios agad, dìreach faisg air a beul, os cinn... fon an deic, fhios agad. 'S e reangas a chanadh iad.

IP: An reangas a chanadh iad ris a sin.

DM: 'S e.

IP: Agus bha...

DM: An deic os a chionn, fhios agad.

IP: Bha, dìreach. Agus an robh facal ann, 'rannan'.

DM: Eh?

IP: An robh facal ann, 'rannan' fhèin?

DM: Lannan, sin agad rud a bhios a' dol...

IP: Ò 's e, lannan a bhiodh a' dol air...

DM: Air na tarraingean.

IP: Air na tarraingean, 's e, dìreach. Nuair a bhiodh iad gam barradh.

DM: Gam barradh. Bha, bha.

IP: Seadh, dìreach.

DM: Dh'fheumadh dithis a bhith gam barradh, fhios agad.

IP: Dh'fheumadh, dìreach. Agus chanadh iad fuaigheal ris a sin, nach canadh?

DM: Fuaigheal, 's ann. Fuaigheal a chanadh iad. Fuaigheal. Agus tha cuimhn' agamsa air eathar beag a bh' aig m' athair o chionn fhada an t-saoghail agus 's e Ruairidh mac Ailein a rinn na lannan a chaidh innte.

IP: Ò an e?

DM: Air iarann. Lannan square a bh' ann. Ach 's e th' aca an-diugh ach lannan cruinn, fhios agad.

IP: 'S e, feadhainn ghallta.

DM: Feadhainn ghallta.

IP: Ach rinn Ruairidh mac Ailein, an e...

DM: Rinn. 'S e saor a bh' ann an Ruairidh mac Ailein.

IP: 'S e, dìreach.

DM: Och bha e an uair sin, a bhalaich, fiot airson rud sam bith, fhios agad.

IP: Bha, bha e sin.

DM: Bheil fhios agad a-nis dè th' ann an crann-tarraingean?

IP: Ò dìreach. Seadh, dè th' anns na crann-tarraingean?

DM: Rudan a bhios a' dol tro... crann-tarraing, 's e fiodh a th' ann, a tha a' dol tro... bhiodh e a' dol aca tro cheanglaichean an taighe an uair sin, fhios agad, nuair a bhiodh iad a' cur... crann-tarraing ga chur air na bàthchannan gan togail.

IP: 'S e. Ò chuala mi sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math