Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Comhairlean Beaga

  • Tha sinn a’ moladh gun cleachd thu brabhsair-lìn leithid Google Chrome, Internet Explorer no Firefox.
  • Ma tha faidhle air a bhith ùine mhòr a’ deisealachadh, gliog air a’ chuibhle-luchdachaidh agus bu chòir gun cluich e an uair sin.
  • Rinn sinn ar dìcheall airson gum biodh a cheart uiread a ghnìomhan ri fhaotainn do luchd-cleachdaidh na làraich eadar-amail seo. Ge-tà, bha an seann làrach air leth toinnte agus bha tòrr ghnìomhan sònraichte na cois, agus mar thoradh air seo cha robh e comasach a h-uile gnìomh a bh’ ann a bhith anns an làraich eadar-amail. Ma tha gnìomh a bha riatanach dhut a dhìth air an làraich seo, nach innis thu dhuinn. Cuir fios dhan sgioba aig dualchas@smo.uhi.ac.uk air neo lìon an ceisteachan: https://edin.ac/2Y5wMm4.

Rannsachadh Mionaideach

Tha na taghaidhean 'agus', 'no' agus 'gun' a' ciallachadh gun urrainn dhut rannsachaidhean a chur còmhla gus toraidhean nas mionaidiche no nas fharsainge fhaighinn, no gus toraidhean fhàgail a-mach far a bheil faclan no abairtean sònraichte a' nochdadh.

Faodaidh tu clàran a lorg ann am Beurla, Gàidhlig no Albais, no measgachadh dhe na trì cànain. Nì an siostam rannsachadh air na trì cànain air fad, ach a-mhàin ma bheir thu às an comharra a tha sa bhogsa ri taobh a' chànain nach eil thu ag iarraidh.

Faodaidh tu rannsachadh a dhèanamh taobh a-staigh aon no dhà de na cruinneachaidhean no na trì cruinneachaidhean air fad. Nì an siostam rannsachadh air na trì cruinneachaidhean air fad, ach a-mhàin ma bheir thu às an comharra a tha sa bhogsa ri taobh a' chruinneachaidh nach eil thu ag iarraidh.

Faodaidh tu rannsachadh anns a h-uile bogsa no ann am bogsa sònraichte sam bith bhon liosta. Mar eisimpleir, faodaidh tu rannsachadh le Àireamh a' Chlàir. Tha Àireamh a' Chlàir shònraichte air duilleag a' chlàir airson a h-uile clàr. Dèan cinnteach nuair a tha thu a' cur Àireamh a' Chlàir sa bhogsa gun cleachd thu an aon chruth 's a tha a' nochdadh air duilleag a' chlàir.

Faodaidh tu cuideachd rannsachadh a dhèanamh le Àireamh an Neach le bhith ga taghadh bhon liosta sa bhogsa. Tha an àireamh shònraichte seo ri lorg taobh a-staigh nan duilleagan 'Fiosrachadh beatha' fa leth, a tha rim faicinn le bhith a' putadh air ainm an fhiosraiche/neach-clàraidh air na duilleagan 'Clàr slàn' no 'Toraidhean an rannsachaidh'.

Gheibh thu toraidhean stèidhichte air facal slàn, ach a-mhàin ma chuireas tu comharra anns a' bhogsa faisg air mullach na duilleige 'Rannsachadh Mionaideach', a bheir dhut toraidhean nas fharsainge. Mar eisimpleir, ma chuireas tu ann am facal 'iasg', le comharra anns a' bhogsa airson rannsachadh nas fharsainge, gheibh thu cuideachd toraidhean airson faclan leithid 'iasgach', 'iasgair' agus 'iasgairean'.

Chì thu eisimpleirean de rannsachaidhean gu h-ìosal:

Rannsachadh: Gheibh thu:
Cuir 'dàn' sa bhogsa 'Rannsaich' le "A h-uile bogsa". Clàran far a bheil am facal 'dàn' a' nochdadh ann am fiosrachadh clàir.
Cuir 'Bana-bhuidseach' sa bhogsa 'Rannsaich' agus tagh 'Taghadh a rèir Ceann-là: Àm clàraidh eadar 1950 agus 1980' agus 'Taghadh a rèir Seòrsa: Sgeulachd', le comharra anns a h-uile bogsa a rèir 'Cruinneachaidhean'. Clàran bho na trì cruinneachaidhean far a bheil am facal 'bana-bhuidseach' a' nochdadh ann am fiosrachadh clàir fon t-seòrsa 'sgeulachd' agus a chaidh a chlàradh eadar 1950 agus 1980.
Cuir "Peigi NicRath" (le dà chromag turrach) sa bhogsa 'Rannsaich' agus tagh 'Fiosraiche' sa bhogsa ri a thaobh, le comharra sa bhogsa airson 'Urras Nàiseanta na h-Alba' a-mhàin fo 'Cruinneachaidhean'. Clàran bho Chruinneachadh Chanaigh far a bheil Peigi NicRath a' nochdadh mar fhiosraiche.
Tagh '2-5' sa bhogsa 'Taghadh a rèir Faid a' Chlàir', le comharra sa bhogsa BBC a-mhàin fo 'Cruinneachaidhean'. Clàran bhon BhBC a tha eadar dà mhionaid agus còig mionaidean a dh'fhaid.