Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Comhairlean Beaga

  • Tha sinn a’ moladh gun cleachd thu brabhsair-lìn leithid Google Chrome, Internet Explorer no Firefox.
  • Ma tha faidhle air a bhith ùine mhòr a’ deisealachadh, gliog air a’ chuibhle-luchdachaidh agus bu chòir gun cluich e an uair sin.
  • Rinn sinn ar dìcheall airson gum biodh a cheart uiread a ghnìomhan ri fhaotainn do luchd-cleachdaidh na làraich eadar-amail seo. Ge-tà, bha an seann làrach air leth toinnte agus bha tòrr ghnìomhan sònraichte na cois, agus mar thoradh air seo cha robh e comasach a h-uile gnìomh a bh’ ann a bhith anns an làraich eadar-amail. Ma tha gnìomh a bha riatanach dhut a dhìth air an làraich seo, nach innis thu dhuinn. Cuir fios dhan sgioba aig dualchas@smo.uhi.ac.uk air neo lìon an ceisteachan: https://edin.ac/2Y5wMm4.

Duilleag a' Chlàir

Put air tiotal clàr sam bith anns an liosta de thoraidhean gus an clàr slàn fhaicinn. Air neo, chì thu an clàr slàn le bhith a' putadh air 'leudaich', a tha suidhichte aig bonn gach toraidh.

Tha ìomhaigh air an làimh chlì de dhuilleag gach clàir a tha a' comharrachadh Seòrsa. Tha an clàr-fuaim suidhichte air an làimh dheis agus airson a chluich, put air an ìomhaigh >.

Tha diofar bhogsaichean fiosrachaidh a' nochdadh a rèir a' chlàir ach tha iad uile a' toirt seachad fiosrachadh air a' chlàr. Ma phutas tu air ainm fiosraiche no ainm neach-clàraidh, chì thu barrachd fiosrachaidh mun deidhinn, agus airson an fhiosraiche chì thu cuideachd ceangal gu liosta den a h-uile clàr far a bheil am fiosraiche a' nochdadh. Ma phutas tu air àireamh an teip thùsail, chì thu a h-uile clàr air an teip sin.

Put air 'Air ais chun nan toraidhean', a tha faisg air mullach na duilleige, airson a dhol air ais gu duilleag(an) nan toraidhean.

Faodaidh tu putadh air 'Leasaich do rannsachadh', a gheibhear air an làimh chlì den bhogsa aig mullach liosta nan toraidhean, airson an rannsachadh agad a leasachadh ann an Rannsachadh Mionaideach.