Chaidh pròiseact Tobar an Dualchais/Kist o Riches a chur air chois gus iomadh mìle uair a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne. Tha farsaingeachd mhòr anns na clàran-fuaim, le beul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan nam measg. Bha na clàran air an cruinneachadh bho air feadh na h-Alba agus nas fhada air falbh bho na 1930an a-mach.

Tha na clàran-fuaim a' tighinn bho Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus bho Chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Chan eil clàran Sgoil Eòlais na h-Alba uile air an làraich-lìn.

Tha eisimpleirean bho na cruinneachaidhean a' toirt a-steach

  • Sgeulachdan air an clàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1937
  • Beul-aithris air a thogail o air feadh Alba le Calum MacGill-Eain anns na 1950an
  • Òrain Albais aig an luchd-siubhail air an clàradh le Hamish MacEanraig sna 1960an
  • Prògraman còmhraidh agus ciùil bho Radio nan Gàidheal

Thoir an aire aig amannan nach eil fuaim nan clàran cho math 's a dh'fhaodadh air sgàth 's gur e seann innealan-clàraidh a chaidh a chleachdadh aig an àm

Fo sgèith a' phròiseict thèid dualchas beairteach na h-Alba a dhìon agus fhoillseachadh airson feumalachdan foghlaim agus pearsanta nan ginealach ri teachd.

spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA