Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Fiosrachadh beatha - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

  • Ainm - Donald Archie MacDonald
  • Ainm sa Ghàidhlig - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
  • Far-ainm -
  • Ainm eile -
  • Sloinneadh - Dòmhnall Eairdsidh Ghearraidh Iain
  • Gnè - Fireann
  • Bliadhna breith - 1929
  • Bliadhna bàis - 1999
  • Sgìre thùsail

  • Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  • Paraiste - Uibhist a Tuath
  • Eilean - Uibhist a Tuath
  • Baile/Àite - Gearraidh Iain
  • Fiosrachadh beatha - Rugadh Dòmhnall Eairdsidh ann an 1929 ann an sgìre Sholais, Uibhist a Tuath. Bha teaghlach athar air a bhith ann an Uibhist còrr is 200 bliadhna; b' ann à Gallaibh a bha cuideachd a mhàthar agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh dà-chànanach. Coltach ri chomhaoisean b' fheudar dha an t-eilean fhàgail airson foghlam àrd-ìre fhaighinn, agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. An dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le ceum ann am Beurla ann an 1953 agus ann an Ceiltis ann an 1955. An dèidh dha ùine a chur seachad ag obair aig Register House agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fhuair e obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, obair a thug tlachd mhòr dha. Bha ùidh shònraichte aige ann am beul-aithris agus sgeulachdan, agus ann an 1966 chuir e Tasglann nan Sgeul air bhonn, goireas rannsachaidh taobh a-staigh Tasglann Fuaim Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha e fhèin agus Alan Bruford ag obair air an iris Tocher agus bhiodh iad ga dheasachadh eatarra airson iomadach bliadhna.

    Bha Dòmhnall Eairdsidh ag obair aig an Sgoil bho 1962 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1994. Bha diofar dhreuchdan aige thar nam bliadhnaichean - bha e na fhear-rannsachaidh, neach-teagaisg, oidiche agus stiùiriche aig an Sgoil. Eadar na 1950an agus 1990an chruinnich e còrr is 800 clàran fuaim. Tha an cruinneachadh luachmhor seo aig an Sgoil.
  • Àireamh an neach - 15 - Faic a h-uile clàr far a bheil an neach seo a' nochdadh mar fhiosraiche no neach-clàraidh.
  • Seòladh-lìn an neach seo: http://tobarandualchais.co.uk/gd/searchperson?id=15