Rannsaich
Ciad ainm Kate
Cinneadh MacMillan
Sloinneadh Ceit Ruairidh
Bliadhna breith 1892
Bliadhna bàis 1988

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - Tòrlum

Àireamh an neach 2237

Eachdraidh-beatha

Rugadh agus thogadh Ceit MacIlleMhaoil ann an 1892 ann an Torlum, Beinn a’ Bhaghla. Às dèidh a bhith ag obair greis air mhuinntireas air tìr-mòr, thill i dhachaigh a choimhead às dèidh a màthar. Bha i an uair sin a’ cumail loidsearan, mar as trice daoine a bha ag obair anns an sgìre, nam measg an neach-cruinneachaidh Calum MacIlleathain, a bhiodh a’ fuireach aice is e a’ clàradh san sgìre. Chaidh a clàradh grunn thursan eadar 1949 agus 1970 an dà chuid airson cruinneachadh Chanaigh agus airson Sgoil Eòlais na h-Alba agus gheibhear còrr is leth-cheud clàr bhuaipe air an làrach-lìn. Tha Ceiteag NicDhòmhnaill, nighean a piuthar, air innse dhuinn cho moiteil ’s a bhiodh i nam biodh fhios aice gun robh na h-òrain aice a-nise rinn cluinntinn air feadh an t-saoghail. “Cha robh dad a’ còrdadh rithe cho mòr ri bhith a’ seinn aig consairt,” thuirt i. “’S i bhiodh toilichte nan robh fhios aice mu dheidhinn seo!”