Rannsaich
Ciad ainm Criosaidh
Cinneadh Mhàrtainn
Bliadhna breith 1959
Bliadhna bàis 2002

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Stafainn

Àireamh an neach 2291

Eachdraidh-beatha

1959-2002
Rugadh agus thogadh i san Eilean Sgitheanach. B' e tidsear a bh' innte agus bha i cuideachd ag obair do Chomhairle nan Sgoiltean Àraich. Bha i an sàs ann an Còisir Ghàidhlig Ghlaschu agus an còmhlan-luadhaidh Bannal. Choisinn i Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a' Mhòd ann an 1998.