Rannsaich
Ciad ainm Annag
Cinneadh Arnott
Ainm eile Annie Mackenzie
Sloinneadh Annag Iain Mhurchaidh
Bliadhna breith 1887
Bliadhna bàis 1978

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Lianacro

Àireamh an neach 473

Eachdraidh-beatha

1887-1978
Rugadh agus thogadh i ann an Lianacro san Eilean Sgitheanach. Bha i ag obair air a' chroit agus san dachaigh agus bha bùth aice an sin cuideachd. Bha màthair Annag de shliochd nam bàrd Dòmhnallach agus dh'ionnsaich Annag an t-uabhas de dh'òrain bhuaipe. Bha i ainmeil mar thè aig an robh stòras de dh'òrain agus beul-aithris.