Rannsaich
Ciad ainm Mòrag
Cinneadh NicLeòid
Sloinneadh Mòrag Choinnich Iain
Bliadhna breith 1936

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Sgalpaigh

Àireamh an neach 483

Eachdraidh-beatha

Fad fichead bliadhna bho chaidh a stèidheachadh, rinn Sgoil Eòlais na h-Alba deagh fheum dhen lìonra a bh' aice de dh'obraichean-raoin, agus i a' cur taic ri clàradh beul-aithris, eachdraidh, agus dòigh-beatha dhaoine bho air feadh Alba, bho Selkirk gu Sealtainn. Ach bha an suidheachadh sòisealta anns an àm ud a' ciallachadh nach robh cothromachadh sam bith a thaobh na bh' ann de dh'fhireannaich agus de bhoireannaich a bha air an clàradh no a bha a' togail chlàraidhean, agus tha a' bhuil sin air cruinneachaidhean Tobar an Dualchais, le cha mhòr a dhà uimhir de dh'fhireannaich annta. Chan eil teagamh sam bith, ge-tà, gu bheil boireannaich am measg nan daoine as cudromaiche anns na cruinneachaidhean, agus tha Mòrag NicLeòid air tè dhe na h-obraichean-raoin agus dhen luchd-acadaimigeach as buadhmhoire a bh' anns an roinn 'Eòlas na h-Alba' aig deireadh na 20mh linn agus toiseach na 21mh linn.

Rugadh Mòrag NicLeòid ann an 1936 ann an Sgalpaigh na Hearadh, aig àm nuair a bha a' Ghàidhlig làidir anns a' choimhearsnachd. Fhuair i sgoil ann am bun-sgoil an eilein mun deach i gu tìr-mòr agus gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis airson foghlam àrd-sgoil fhaighinn, mar a dh'fheumadh eileanaich òga a dhèanamh anns an àm ud. Cheumnaich i le MA bho Oilthigh Dhùn Èideann tràth anns na 1960an, agus ann an 1962 thòisich i ag obair na tar-sgrìobhaiche aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Rinn i trèanadh aig Colaiste Chnoc Iòrdain ann an 1963 airson a bhith na tidsear, ach thill i dhan Sgoil agus dh'fhan i an sin airson cha mhòr 37 bliadhna.

Tha Mòrag a' fàgail dìleab mhòr às a dèidh chan ann a-mhàin tron obair-raoin aice, ach cuideachd tron obair a rinn i anns a' choimhearsnachd às leth na Sgoile. Bha i gu mòr an sàs ann a bhith ag ullachadh chlàraidhean Gàidhlig airson an t-sreath de chlàran 'Scottish Tradition' a dh'fhoillsich an companaidh clàraidh Greentrax, agus ghabh i àite an Dr Alan Bruford mar dheasaiche na h-iris 'Tocher', a thug ulaidhean Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba fa chomhair a' mhòr-shluaigh aig àm nuair a dh'fheumadh neach a dhol dhan Sgoil fhèin aig Ceàrnag Sheòrais ann an Dùn Èideann ma bha iad idir a' dol a dh'fhaighinn blasad air na stuthan a bh' anns an Tasglainn.

An dèidh dhi a dreuchd a leigeil dhith mar Àrd-òraidiche anns an Sgoil aig toiseach na 21mh linn, thill Mòrag NicLeòid a Sgalpaigh far a bheil i fhathast a' cur gu mòr ri saoghal na Gàidhlig tro dhiofar phròiseactan. Bha i na pàirt de sgioba catalogaidh Thobar an Dualchais a rinn obair mhòr ann a bhith a' catalogadh an stòrais mhòir de chlàraidhean los gum biodh iad deiseil airson a dhol air-loidhne. Tha i gu math èasgaidh ann a bhith a' toirt seachad na th' aice de dh'eòlas air òrain tro bhùithtean-obrach agus foillseachaidhean, agus ann an 2007 chaidh Duais Hamish Henderson a bhuileachadh oirre airson na rinn i às leth òrain Ghàidhlig. Chaidh cuirm-chiùil a chur air dòigh dhi cuideachd aig an fhèis Blas anns an t-Sultain 2017 airson an 80mh co-latha-breith aice a chomharrachadh.

Tha sinn air leth fortanach gu bheil còrr agus mìle clàradh a rinn Mòrag air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Chaidh a' mhòr-chuid dhiubh seo a chlàradh eadar 1960 agus 1980, agus rinneadh mu chairteal dhiubh sin ann am Barraigh. Rinneadh mòran cuideachd ann am Muile, Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh. Ged as e òrain as motha a chlàraich i, rinn i iomadh uair an uaireadair de chlàraidhean cuideachd anns a bheil fiosrachadh prìseil mu bheathannan nan daoine a chlàraich i 's na teaghlaichean aca, agus mu chleachdaidhean ionadail. Chlàraich i cuideachd obraichean-raoin eile na Sgoile, leithid an Dr Maighread Bennett, agus an Dr Iain MacAonghuis.

Am measg nan daoine as ainmeile a chlàraich Mòrag NicLeòid, tha Eairdsidh MacIllEathain (1880-1973) à Àird Tunna, Muile; Flòraidh Boyd (Flòraidh Iain Dhòmhnaill Phàdraig) (1904-1986) à Barraigh; Ciorstaidh Shaw 1907-1996) à Àird Àsaig, na Hearadh; Dòmhnall MacNeacail (Dòmhnall Iseabail) (1887-1979) à Slèite, an t-Eilean Sgitheanach; agus Seumas Caimbeul (Seumas Chaluim Sheumais (1902-2000) à Diùirinis, an t-Eilean Sgitheanach.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Cormack, Arthur, Introduction of Morag Macleod at the 2007 Scots Trad Music Awards [artaigil air-loidhne], Scottish Traditional Music Hall of Fame https://projects.handsupfortrad.scot/hall-of-fame/morag-macleod/ [Air fhaotainn 8 Dùbhlachd 2020]

MacLeod, Morag, Bàrdachd Scalpaigh (Harris: Harris Development Limited, 2014)

MacLeod, Morag, Singers and tradition bearers in Lewis and Harris I have known (Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2006)

Munro, Ailie, agus MacLeod, Morag, The Folk Music Revival in Scotland (London: Kahn and Averill, 1984)