Rannsaich
Ciad ainm Criosaidh
Cinneadh NicNèill
Sloinneadh Criosaidh Sheumais Lachlainn
Bliadhna breith 1910
Bliadhna bàis 1991

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Am Bàgh a Tuath

Àireamh an neach 8160

Eachdraidh-beatha

Rugadh Criosaidh NicNèill (Criosaidh Sheumais Lachlainn) ann an Inbhir Nis ann an 1910 ann an teaghlach de sheachdnar. 'S iad Dòmhnall MacNèill (Dòmhnall Ruadh) à Barraigh agus Sarah Dhòmhnallach à Cill Chuimein a pàrantan. Bhàsaich a h-athair Dòmhnaill nuair nach robh i ach trì bliadhna a dh'aois, agus an dèidh seo chaidh a' chlann a sgaradh - chaidh Criosaidh agus a bràthair Dòmhnall a dh'fhuireach còmhla ri uncail ann am Barraigh, far an do dh'fhuirich i fad a beatha.

Phòs Criosaid Eòin MacNèill, agus dh'fhuirich iad ann am Bàgh a Tuath ann am Barraigh. Dh'eug Criosaidh ann an 1991.