spacer
spacer

Riaghailtean Cleachdaidh

Le bhith a' fosgladh agus a' cleachdadh na làraich-lìn seo tha thu ag aontachadh ris na riaghailtean a leanas air fad:

FAODAIDH TU:

  • Èisteachd ris na clàran gu prìobhaideach, no ann an clas sgoile, colaiste no oilthigh airson adhbhar foghlaim.
  • Geàrr-chunntasan agus fiosrachadh eile a leughadh agus a' coimhead air dealbhan.
  • Aithne a thoirt do stuthan a thèid a lorg air an làraich-lìn a rèir an stiùiridh a thaobh Cleachdadh Cothromach agus aithneachadh ceart.

CHAN FHAOD THU: (a' gabhail a-staigh ach ma dh'fhaoidte a' dol nas fhaide)

  • Lethbhreac no lòdadh a-nuas a dhèanamh air faidhlichean fuaim no dad a bhuineas dhaibh (mar eisimpleir dealbhan).
  • Clàran agus dealbhan atharrachadh ann an dòigh sam bith.
  • An stuth a thaisbeanadh gu poblach no ath-chlàradh airson buannachd phearsanta, no an stuth a chleachdadh ann an suidheachadh meallta.
  • Brathan chòraichean a thoirt às, dubhar a chur orra no an atharrachadh, no atharrachadh sam bith a dhèanamh air teacsa a tha ag ainmeachadh cò aig a tha na còraichean glèidhte.

Ma tha ceist ort mu dheidhinn foillseachadh, ath-chlàradh, no feum sam bith eile a dhèanamh de stuth Sgoil Eòlais na h-Alba, cuir fios gu Tasglann na Sgoile.

Chan fhaod thu an còrr feum a dhèanamh de stuthan leis a' BhBC no Urras Nàiseanta na h-Alba.

Tha cleachdadh gun chead air dòigh sam bith, airson craoladh, taisbeanadh poblach, lethbhric no ath-chlàradh a dhèanamh, a' briseadh lagh nan còraichean. Chan fhaod thu lethbhreac malairteach a dhèanamh, no an stuth a leigeil a-mach air màl no air iasad.

Tha cead ciùil PRS aig Tobar an Dualchais a nì cinnteach gum faigh daoine a tha clàraichte le PRS (MCPS) pàigheadh mar a tha iomchaidh. Tha an cead 'Limited Online Music' seo a' toirt a-steach còraichean taisbeanaidh agus innleachdach ann am pìosan ciùil. Airson barrachd fiosrachaidh rach gu www.prsformusic.com.

A' cleachdadh Stuthan agus Fios mu Chòraichean

Fhuair Tobar an Dualchais cead bho na daoine iomchaidh aig a bheil còraichean gus na stuthan a tha air ar làrach-lìn fhoillseachadh air chor 's gun urrainn dhut èisteachd ris na clàraidhean. Ge-tà, chan eil còraichean aig Tobar an Dualchais fhèin air na stuthan agus mar sin chan urrainn dhuinn cead a thoirt do dhuine feum a bharrachd a dhèanamh de na stuthan.

'S ann aig na daoine leis a bheil na còraichean a tha cead a-mhàin stuth a bhuineas dhaibh a chopaigeadh no leigeil le daoine eile a chopaigeadh. Tha seo a' gabhail a-steach copaigeadh de sheòrsa sam bith (gun chrìochan air), mar eisimpleir, tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh no ga chur ann an riochd ùr - faicibh gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh.

Nota – bidh co-dhiù dà chòir fa leth co-cheangailte ri gach pìos stutha air an làrach-lìn – còir a' chlàraidh a bhios aig Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, am BBC no Urras Nàiseanta na h-Alba agus còir na susbainte a bhios aig an fhiosraiche (no aig dlùth-chàirdean mura h-eil e/i beò), agus còraichean sam bith a bharrachd a bhuineas ris a' cheòl no an t-susbaint a tha air a h-aithris.

Ma tha thu an dùil barrachd a dhèanamh na bhith dìreach ag èisteachd ris na clàraidhean no a bhith a' leughadh an fhiosrachaidh co-cheangailte riutha, feumaidh tu cead iarraidh bho na daoine aig a bheil na còraichean. Faic le do thoil am fiosrachadh mun chlàr, agus chì thu cò an cruinneachadh às an tàinig e agus innsidh sin dhut cò aig a tha na còraichean air chor 's gum faod thu bruidhinn riutha mu bhith ga chleachdadh ann an dòigh eile seach na dòighean a tha ceadaichte air an làrach-lìn.

Cuimhnich le do thoil: chan fhaod thu stuthan a' BhBC agus Urras Nàiseanta na h-Alba (Cruinneachadh Chanaigh) a chleachdadh ann an suidheachadh a bharrachd.

Tha stiùireadh ann do dhaoine a tha am beachd òrain, sgeulachdan, bàrdachd no cunntasan bho bheul-aithris bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba a chur gu feum ann an dòighean eile, agus tha stiùireadh ann mu bhith a' cleachdadh nan stuthan bho na cruinneachaidhean uile ann an seòmar-teagaisg.

Nuair a tha thu a' sealltainn gun d'fhuair thu stuth bhon làrach-lìn seo, cuimhnich sealltainn cò às a thàinig e bho thùs agus gur ann air làrach-lìn Tobar an Dualchais a lorg thu e. Chì thu an stiùireadh iomlan mu bhith a' toirt aithne do thùsan.

Tha cead MCPS/PRS aig Tobar an Dualchais.

Àicheidhean

Àicheadh Coitcheann

Thathar a' nochdadh an fhiosrachaidh uile an làn earbsa ri agus stèidhichte air an fhiosrachadh a fhuaras bho na fiosraichean fhèin, mar a chualas e air na clàraidhean, agus mar a fhuaras e bho an dlùth-chàirdean. Faodaidh easbhaidhean a bhith anns an làrach-lìn mar thoradh air sin. Ma tha mearachdan ann, no ma tha e comasach dhut tuilleadh fiosrachaidh mu ghin de na clàraidhean a thoirt dhuinn a bheireadh piseach air mar a chleachdar am fiosrachadh, cuir fios thugainn le do thoil agus bhitheamaid ro dheònach ùrachadh a thoirt air an làrach-lìn. Put air na faclan 'Innis tuilleadh dhuinn' ri taobh a' chlàir.

Cluinnidh tu farsaingeachd bheachdan sna clàran seo, ach chan eil Tobar an Dualchais a' toirt taic dhaibh, cha mhò gu bheil sinn ag iarraidh stuthan a chasg a dh'fhaodadh a bhith cudromach do thòrr dhaoine a thaobh eachdraidh agus cultar. Cuimhnich le do thoil gum faod thu beachdan a chluinntinn sna stuthan nach bi uabhasach freagarrach airson an latha an-diugh a rèir cuid a dhaoine, ged a bha iad 's dòcha iomchaidh gu leòr nuair a chaidh an clàradh.

Àicheadh a thaobh mar a chleachdar stuthan

Chan eil e na rùn gun gabhar ri dad sam bith san earrainn seo mar chomhairle laghail no mar chomhairle anns am bu chòir earbsa a chur. Tha an earrainn seo ann mar stiùireadh coitcheann a-mhàin, agus cha ghabh sinn ri coire airson nì a thèid a dhèanamh (no nach tèid a dhèanamh) tro bhith cur earbsa ann an susbaint na h-earrainn seo. Tha an stiùireadh a chì thu an seo no air an toir thu iomradh an seo na stiùireadh coitcheann, agus 's dòcha nach bi e iomchaidh anns gach suidheachadh. 'S dòcha gum bi gach suidheachadh fa leth eadar-dhealaichte, agus 's dòcha gum bi an rud a bu chòir dhut a dhèanamh anns gach suidheachadh eadar-dhealaichte cuideachd. Bu chòir dhut daonnan comhairle shònraichte a shireadh bho neach-lagha ùghdarraichte no comhairliche lagha eile mu dheidhinn ceist shònraichte sam bith mu chòraichean.

Ceanglaichean a-muigh

Dh'fhaodadh gum bi ceanglaichean air làrach Tobar an Dualchais gu làraich-lìn treas pàrtaidh nach eil idir fo smachd Tobar an Dualchais. Tha sinn a' cur ann na ceanglaichean sin airson feum fiosrachail, gus am bi an làrach fhèin nas goireasaiche. Chan eil iad idir a' ciallachadh gu bheil Tobar an Dualchais a' cur aonta ri làrach treas pàrtaidh no an stuth a' nochdas air no sanasan-reic sam bith a bhuineas dhaibh. Chan eil cunntachalachd sam bith air Tobar an Dualchais airson ceartas, laghalachd no stuth air làrach-lìn treas pàrtaidh sam bith ris a bheil ceangal a-muigh.

A' ceangal ri Làrach-lìn Tobar an Dualchais

Ma nì thu ceangal eadar do làrach-lìn fhèin agus làrach-lìn Tobar an Dualchais tha thu ag aontachadh an ceangal a chur am follais ann an dòigh nach toireadh air daoine smaoineachadh gu bheil Tobar an Dualchais a' cur aonta ri do làrach-sa ann an dòigh sam bith. Dèan follaiseach le briathran soilleir gu bheil an neach-cleachdaidh a' fàgail do làrach-sa agus a' gluasad gu làrach eile.

spacer
spacer
BBC Alba
PRS
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA