spacer
spacer

Riaghailtean Cleachdaidh- Tuilleadh Fiosrachaidh

Òrain

Cha robh e mar dhleastanas air a’ phròiseact seo innse co-dhiù a thàinig no nach tàinig òran bho bheul-aithris. Nuair a bha fiosrachadh ann mu cò rinn an t-òran, chaidh seo a chur ris a’ chlàradh (nòtaichean a’ chlàir). Nuair nach eil am fiosrachadh sin ann, chan fhaod thu gabhail ris nach eil fios ann mu cò rinn an t-òran.

Ma tha thu ag iarraidh pìos de òran a chleachdadh ann an sgrìobhadh, agus fhad ’s nach eil am pìos ro mhòr agus fhad ’s a tha thu an dùil a chleachdadh airson rannsachadh neo-choimeirsealta/prìobhaideach, breithneachadh no lèirmheas, no a bhith ag aithris air cùisean an latha an-diugh, ’s math dh’fhaodte gum faod thu sin a dhèanamh fo chleachdadh cothromach fhad ’s a tha thu a’ coileanadh nan cùmhnantan airson cleachdadh cothromach agus fhad ’s a dh’innseas tu càite an d’fhuair thu am fiosrachadh – faic an stiùireadh iomlan mu bhith a’ toirt aithne do thùsan.)

Ma tha thu ag iarraidh òran slàn a chleachdadh, tha e mar uallach ort fhèin dearbhadh co-dhiù an e no nach e òran bho bheul-aithris a th’ ann, agus aonta a ruighinn le Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba a thaobh cead, agus bu chòir dhut cuimhneachadh ’s dòcha gun tug am fiosraiche còraichean dhaibh. Feumaidh an Sgoil fhathast fios a chur gu daoine aig a bheil còraichean mu bhith cleachdadh stuth ann an dòigh ùr.

Mura h-e òran bho bheul-aithris a th’ ann, bidh tuilleadh cheadan a dhìth.

Sgeulachdan, bàrdachd, cunntasan bho bheul-aithris

Ma tha thu ag iarraidh pìos de sgeulachd, bàrdachd no cunntas bho bheul-aithris a chleachdadh ann an sgrìobhadh, mar eisimpleir, agus fhad ’s nach eil am pìos ro mhòr agus fhad ’s a tha thu an dùil a chleachdadh airson rannsachadh neo-choimeirsealta/prìobhaideach, breithneachadh no lèirmheas, no a bhith ag aithris air cùisean an latha an-diugh, ’s math dh’fhaodte gum faod thu sin a dhèanamh fo cleachdadh cothromach fhad ’s a tha thu a’ coileanadh nan cùmhnantan airson cleachdadh cothromach agus fhad ’s a dh’innseas tu càite an d’fhuair thu am fiosrachadh.

Ma tha thu an dùil an clàradh air fad a ghabhail sìos ann an sgrìobhadh, eadar-theangachadh, a thoirt seachad ann an sgrìobhadh no a chur ann an riochd ùr eile, bidh tuilleadh cheadan a dhìth – ma nì thu seo às aonais cead ro-làimh, bidh e a’ bristeadh nan còraichean.

Mas e seann uirsgeul no sgeulachd dhualchasach a th’ ann nach eil fhèin fo chòraichean, ’s dòcha gum bi na faclan a dh’aithris am fiosraiche fo chòraichean fhathast, seach gun do chuir an sgeulaiche an dreach fhèin air an sgeulachd, le fiosrachadh ionadail agus mar sin air adhart, agus bidh a c(h)uid fhaclan fo chòraichean. Feumaidh tu cead a shireadh airson a bhith a’ cleachdadh pìos mòr sam bith dhith agus feumaidh tu a chleachdadh airson rannsachadh neo-choimeirsealta/prìobhaideach, breithneachadh no lèirmheas, no a bhith ag aithris air cùisean an latha an-diugh.

Ma tha coltas ann gur e sgeulachd dhualchasach a th’ ann air nach deach atharrachadh no ùrachadh a dhèanamh leis an sgeulaiche, feumaidh tusa tighinn gu co-dhùnadh co-dhiù am feum no nach fheum thu cead iarraidh, agus thu a’ cuimhneachadh nach eil na ceadan a fhuair Tobar an Dualchais bho dhaoine aig a bheil na còraichean ach a’ leigeil leinn an stuth fhoillseachadh air an eadar-lìon airson cluich air-loidhne agus san t-suidheachadh sin a-mhàin. Gus nì sam bith a chaidh ainmeachadh gu h-àrd a dhèanamh, dh’fheumamaid tuilleadh cheadan iarraidh cuideachd.

Cleachdadh Cothromach

Feumaidh gach neach-cleachdaidh an co-dhùnadh fhèin a dhèanamh co-dhiù a bheil no nach eil an dòigh anns a bheil iad a’ cleachdadh stuthan bhon làrach-lìn seo laghail. Ged as e raon gu math toinnte de lagh chòraichean a th’ ann an seo, tha Tobar an Dualchais a’ tuigsinn gu bheil cleachdadh cothromach ag obair san dòigh a leanas. Cha bu chòir gabhail ri seo mar chomhairle laghail agus chan fhaodar Tobar an Dualchais a choireachadh ma dh’adhbhraicheas neach-cleachdaidh sam bith den làrach-lìn seo gun tèid còraichean a bhristeadh.

Comhairle air a mhìneachadh le bhith a’ cur feum air: Tim Padfield "Copyright for Archivists and Records Managers" agus "Copyright: Interpreting the law for libraries, archives and information services" - Graham Cornish.

Leugh na puingean a leanas le do thoil mus beachdaich thu air a bhith a’ cleachdadh stuthan fo riaghailtean cleachdaidh cothromach:

  • Chan fhaod thu am pìos air fad a thoirt seachad ann an sgrìobhadh
  • Chan fhaod am meud a bhith “tàbhachdach” a thaobh meud no càileachd.
  • A rèir an t-suidheachaidh, a bheil thu a’ cleachdadh cus stuth?
  • Dè an uiread den phìos a tha thu a’ cleachdadh? Thathar den beachd gur e cleachdadh cothromach a th’ ann ma chleachdar earrainnean:
    • far a bheil suas ri 400 facal ann an aon chuibhreann sgrìobhaidh no
    • far a bheil 800 facal uile gu lèir ann an sreath de chuibhreannan goirid, gun gin dhiubh a bhith nas fhaide na 300 facal agus feumar cuimhneachadh nach eil an seo ach comhairle agus ’s dòcha nach bi na crìochan fhaclan seo iomchaidh airson gach suidheachadh: dh’fhaodadh earrainn bheag fhathast a bhith “tàbhachdach” a thaobh meud nuair a smaoinicheas tu air meud na susbainte air fad, agus dh’fhaodadh e bhith “tàbhachdach” a thaobh càileachd às bith dè an uiread de dh’fhaclan a tha thu a’ togail bhon phìos.
  • A bheil mar a tha thu a’ cleachdadh stuth a’ tighinn fo aon de na trì cinn a th’ ann an cleachdadh cothromach? (1. rannsachadh neo-choimeirsealta no prìobhaideach; 2. breithneachadh no lèirmheas; 3. aithrisean naidheachd air cùisean an latha an-diugh)
  • An tugadh aithne gu leòr seachad, ag ainmeachadh Tobar an Dualchais agus an t-àite far an d’fhuaras an stuth sa chiad dol-a-mach? Faic stiùireadh airson a bhith a’ toirt aithne do thùsan.
  • Dè as adhbhar gu bheil thu ag iarraidh an stuth a chleachdadh? Bidh e nas coltaiche gur e cleachdadh cothromach a bhios ann ma tha thu an dùil an stuth a chleachdadh ann an dòigh nach bi gu do bhuannachd fhèin agus far nach bi thu a’ dèanamh airgead às.
  • Am b’ urrainn do adhbhar airson an stuth seo a chleachdadh a choileanadh ann an dòigh eile nach eil a’ toirt an uiread de bhuaidh air na daoine aig a bheil na còraichean?

Cleachdadh cothromach: rannsachadh neo-choimeirsealta no prìobhaideach

Fon cheann seo chan eil cleachdadh cothromach a’ bristeadh chòraichean co-cheangailte ri litreachas (briathran òran, eachdraidh bho bheul-aithris), obair dràma no ceòl.

Chan eil cleachdadh cothromach ann air na h-adhbharan seo airson filmichean, clàraidhean fuaime no stuthan air an craoladh.

Foghlam

Faodaidh tu clàran fuaime a chluich san t-seòmar-teagaisg air adhbharan oideachaidh.

Riochdan Ùra

Tha làn-chead aig an neach aig a bheil na còraichean a-mhàin pìos litreachais, dràma no ciùil a chur ann an riochd eile no cead a thoirt do dhaoine eile sin a dhèanamh. Airson a’ mhòr-chuid de phìosan litreachais (a’ gabhail a-steach eachdraidh bho bheul-aithris agus briathran òran), tha seo a’ ciallachadh eadar-theangachadh no pìos litreachais a dhèanamh na dràma (no an rathad eile). Airson pìosan ciùil, tha seo a’ ciallachadh tar-sgrìobhadh no a’ cur gleus ùr air a’ cheòl.

Eadar-theangachadh agus Tar-sgrìobhadh

Ma nì thu clàr-innse, eadar-theangachadh, geàrr-chunntas no tar-sgrìobhadh stèidhichte air pìosan litreachais (a’ gabhail a-steach briathran òran, eachdraidh bho bheul-aithris, bàrdachd), dràma agus ciùil, bidh sin, no dh’fhaodadh e a bhith, a’ bristeadh nan còraichean mura faighear cead ro-làimh.

Ma nì thu eadar-theangachadh air stuth gu cànan eile, bidh thu ga chur ann an riochd ùr agus tha sin a’ bristeadh nan còraichean.

’S e copaigeadh le làimh a th’ ann nuair a nì thu tar-sgrìobhadh air pìos litreachais no dràma, agus ma nì thu e air cuibhreann mòr den phìos, bidh sin a’ bristeadh nan còraichean cuideachd. Faic an earrainn mu chleachdadh cothromach airson fios mu shuidheachaidhean taobh a-muigh nan riaghailtean seo.

’S e riochd ùr a th’ ann an tar-sgrìobhadh de phìos ciùil agus bidh sin a’ bristeadh chòraichean.

Ma nì neach clàr-sgrìobhte de phìos ciùil, tha iad ga chur ann an riochd ùr agus mar sin tha iad a’ bristeadh chòraichean mura d’fhuaras cead ro-làimh, mura h-e òran bho bheul-aithris a bh’ ann, agus feumaidh tu fhèin sin a rannsachadh agus co-dhùnadh a dhèanamh mu dheidhinn.

Uaireannan, bidh na clàran-innse, tar-sgrìobhaidhean, eadar-theangachaidhean agus geàrr-chunntasan iad fhèin a’ tighinn fo chòraichean ùra, ach dh’fhaodadh tu fhathast, le bhith gan cleachdadh, a bhith a’ bristeadh còraichean nan stuthan tùsail.

A’ toirt aithne do Stuthan bhon làrach-lìn

Nuair a tha thu a’ toirt aithne do shusbaint bhon làrach-lìn seo, cuimhnich le do thoil gun toir thu aithne do Thobar an Dualchais agus an t-àite far an d’fhuaras an stuth sa chiad dol-a-mach. Gheibh thu ceangal maireannach airson gach clàr aig bonn na duilleige airson gach clàr fa leth. Tha sinn a’ moladh a’ chruth a leanas airson stuth bho Thasglann Chanaigh agus Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba:

Ainm an fhiosraiche, (tiotal mas iomchaidh, m.e. airson òran), an còd aithneachaidh airson an tasglainn anns an d’fhuaras e an-toiseach (teip, no teip agus trac nuair a tha iad rim faotainn), Tobar an Dualchais/Kist o Riches, an ceann-latha a fhuair thu e bhon làrach-lìn.

Mar eisimpleir:

Airson prògraman a’ BhBC, tha sinn a’ moladh na leanas:

Ainm an fhiosraiche, tiotal a’ phrògraim, latha craolaidh air a’ BhBC, Tobar an Dualchais/Kist o Riches, an ceann-latha a fhuair thu e bhon làrach-lìn.

Mar eisimpleir:

spacer
spacer
BBC Alba
PRS
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA