Rannsaich
Ciad ainm Nan
Cinneadh MacKinnon
Sloinneadh Nan Eachainn Fhionnlaigh
Bliadhna breith 1903
Bliadhna bàis 1982

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Bhatarsaigh

Àireamh an neach 1864

Eachdraidh-beatha

B' e seanchaidh a bh' ann an Nan NicFhionghain (Nan Eachainn Fhionnlaigh), agus mar thoradh air a' chuimhne shònraichte a bh' aice, agus am meas mòr a bh' aice air beul-aithris nan Gàidheal, tha mòran dhen eòlas a bh' aice air a ghleidheadh airson nan ginealaichean ri thighinn.

Rugadh Nan ann an Ceann Tangabhail ann am Barraigh agus b' i an neach a b' òige de sheachdnar cloinne san teaghlach. Rugadh agus thogadh a h-athair, Eachann Fhionnlaigh, ann an Ceann Tangabhail cuideachd agus bha e de shliochd Chlann MhicFhionghain an t-Sratha anns an Eilean Sgitheanach, a bha gu h-eachdraidheil nam maoir-ionaltraidh do Chlann Nìll Bharraigh gus an 19mh linn. Bha màthair Nan, Màiri, à Miughalaigh agus bha buinteanas làidir aice do Chlann a' Phì a chaidh – a rèir beul-aithris – a Bharraigh anns an 14mh linn.

Thogadh Nan ann an linn a bha buaireasach gu poilitigeach air a' Ghàidhealtachd, agus thug seo buaidh mhòr oirre na h-òige. Ged a thugadh còir-ghabhaltais do chroitearan fichead bliadhna mun do rugadh i, bha faireachdainn làidir de dh'ana-ceartas am measg an t-sluaigh air sàillibh roinn mhì-chothromach an fhearainn air a' Ghàidhealtachd. Chuir Nan seachad na bliadhnachan tràtha aice ann am Barraigh, agus ann an 1907 chaidh a h-athair an lùib Reudairean Bhatarsaigh – coitearan gun fearann à Barraigh agus à Miughalaigh a ghabh sealbh gu mì-laghail air fearann a bha fo dhearmad ann am Bhatarsaigh agus a stèidhich croitean ann. Ged nach do shoirbhich le agairt nan reudairean air a' cheann air deireadh, thugadh croit mu dheireadh thall do theaghlach Nan ann am Baile, Bhatarsaigh, an dèidh do dh'fhearann anns an eilean a bhith air a cheannach le Bòrd nan Sgìrean Dòmhail.

Bha an stòras a bh' aig Nan de bheul-aithris agus de dh'òrain air fear dhen fheadhainn as motha agus as fharsainge bho linn-se, agus tha seo follaiseach anns na clàraidhean aice air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Bha i air a bhogadh ann an ceòl agus bha e air a ràdh gun robh timcheall air 400 òran aice air a teangaidh, a dh'ionnsaich i bho a màthair. Bha i dèidheil air òrain luaidh gu h-àraid, ach dh'ionnsaich i òrain mhara cuideachd, agus òrain mu Bhliadhna Theàrlaich bho a h-athair. Tha an tionndadh dhen òran luaidh Seumasach, An Fhìdeag Airgid, a chaidh a chlàradh ann an 1956, na dheagh eisimpleir bhon stòras mòr de dh'òrain a bh' aice.

An dèidh dhi sgoil fhaighinn anns an eilean, dh'fhàg Nan Bhatarsaigh nuair a bha i seachd bliadhn' deug a dh'aois, agus mar a bha cumanta do bhoireannaich dhe a h-aois anns an àm sin, chuir i seachad bliadhnachan ag obair air mhuinntireas ann an Earra-Ghàidheal. Bha i cuideachd an sàs ann an obair an sgadain, an dà chuid ann an Sealtainn agus Yarmouth mus deach i a Ghlaschu. Nuair a dh'eug tè dhe na peathraichean aice gu h-obann ann an 1940, a' fàgail teaghlach òg de cheathrar cloinne gun mhàthair, agus an athair aig muir, thill Nan dhachaigh a choimhead às dèidh na cloinne, agus dh'fhan i an sin airson a' chòrr dhe beatha.

Bha Nan fìor mheasail air na sgeulachdan agus na h-òrain a bh' aice, agus bha làn fhios aice dè cho cudromach 's a bha beul-oideas do choimhearsnachdan Gàidhlig. Nuair a bha i a' fàs suas chuireadh i seachad iomadh uair an uaireadair gan ionnsachadh gus am biodh a h-uile facal aice. Mar a thuirt Nan fhèin: "[Each story] tells the ways of the people that lived in those days. The waulking songs kept news alive from generation to generation. There were no newspapers, whereas today we read it in the papers and forget about it tomorrow. But the songs kept it alive. Those happenings that happened centuries ago are still to be told in song and story. It's wonderful."

A thuilleadh air an stòras a bh' aice de dh'òrain, bha Nan cuideachd ainmeil airson naidheachdan agus sgeulachdan – a bha glè thric a' buntainn ris an t-saoghal os-nàdarrach – agus dòigh-aithris a dh'fhàgadh an luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh. Bha i mion-eòlach air cultar Uibhist agus Bharraigh, agus chaidh a clàradh 's i a' bruidhinn air caochladh chuspairean, mar leigheasan, fèilltean, agus dè bu chiall do mhanaidhean agus bruadaran. Bha i cuideachd mion-eòlach air gach rud a bhuineadh don eilean aice fhèin, agus tha iomradh anns na clàraidhean aice air biadh traidiseanta, agus na bhite ag ithe nuair a bhiodh am biadh gann.

Tha cha mhòr 1,000 clàradh de Nan air an làrach-lìn Tobar an Dualchais, leis an fheadhainn as sine a' dol air ais gu 1953, nuair a chaidh a clàradh le Dòmhnall Mac a' Phearsain airson Iain Latharna Chaimbeil, Fear Chanaigh. Thadhail Seumas Ros bho Sgoil Eòlais na h-Alba oirre ann an 1956 agus chlàraich e Nan iomadh turas thairis air còig bliadhna. Bha i cuideachd air a chlàradh le luchd-obrach eile bhon Sgoil, leithid Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, Iain Friseal, Elizabeth Sinclair, An t-Urr. Uilleam MacMhathain, agus Barbara McDermitt.

Chuir Seumas Ros an cèill cho sònraichte 's a bha i mar sheanchaidh nuair a thuirt e: "Nan is the type of person that the folklore and folk-song collectors dream about. There is absolutely no trace of 'memory effect' as she responds to queries … Her answers are always a direct affirmative or negative, usually … the former. She never has to search her mind, and this, together with her unstinting co-operation, endless patience and subtle sense of humour, made the work of collecting a joy."



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

McDermitt, Barbara, 'Nan MacKinnon (1903-1982)', ann an Tocher vol. 38: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An t-Earrach 1983), deasaichte le Alan Bruford, td. 2-11

Ross, James, 'Nan MacKinnon', ann an Tocher vol. 7: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (Am Foghar 1972), deasaichte le Alan Bruford, td. 201-207