Eachdraidh-beatha
1932-1998
Rinn Fred Kent an t-uabhas de dh'obair air clàradh, rannsachadh agus foillseachadh beul-aithris, òrain agus ceòl na h-Alba fad 33 bliadhna. An dèidh Àrd-sgoil Trinity ann an Dùn Èideann fhàgail fhuair e obair mar innleadair airson Oifis a' Phuist. Rinn e dà bhliadhna anns an RAF air Seirbheis Nàiseanta agus chaidh e air ais gu obair Oifis a' Phuist an dèidh sin. Fhuair e obair aig a' BhBC ann an 1954 mar innleadair fuaim agus an dèidh obair no dhà eile, fhuair e obair aig sgoil Eòlais na h-Alba far an robh e na phrìomh neach-teicnigeach a' dèiligeadh leis na clàran a chaidh a dhèanamh le muinntir na Sgoile.