Eachdraidh-beatha
Bha Jeannie Robertson am measg nan seanchaidhean Albannach a bu chliùitiche a bhuineadh don Luchd-shiubhail, agus thathar ga meas mar thè dhe na seinneadairean traidiseanta a b' fheàrr dhe a linn.
Rugadh Regina Christina Robertson, 'Jeannie', ann an 1908 - an tè a b' òige de chòignear cloinne, agus an aona nighean a bh' aig Donald Robertson agus Maria Stewart. Ged a bha an teaghlach stèidhichte ann an Obar Dheathain, bha iad de shliochd an Luchd-shiubhail air gach taobh, agus bhiodh iad air an dùthaich as t-earrach agus as t-samhradh, 's na sgilean reic aig Maria agus na sgilean pìobaireachd aig Donald a' cosnadh an lòin. Gu mì-fhortanach, dh'eug Donald mus robh Jeannie bliadhna a dh'aois, agus ùine às a dhèidh seo phòs Maria James Higgins, a bha mar sin na oide do Jeannie.
Tha ceòl, òrain agus sgeulachdan dlùth do dhòigh-beatha an Luchd-shiubhail, agus bha iad air leth cudromach do theaghlach Jeannie nuair a chaidh a h-oide agus a h-uile bràthair dhi ach aonan a ghairm dhan arm aig toiseach a' Chiad Chogaidh. Bha uiread a dhragh air Maria - a bha aig an àm seo os cionn bùth ann an sgìre Gallowgate ann an Obar Dheathain - mun duine aice agus a mic agus gun robh an t-seinn a' toirt dhi beagan dibhearsain aig àm a bha air leth doirbh agus a' tarraing a h-aire bhon ghnothach.
Mar a sgrìobh Caroline Macafee, bha an t-àm seo am measg nam prìomh amannan ionnsachaidh airson Jeannie, a bhiodh ag iarraidh air a màthair òrain a ghabhail uair 's a-rithist gus am biodh iad aice i fhèin air a teangaidh . Bhiodh Maria a' toirt seachad a beachd mionaideach air an t-seinn aice agus dhèanadh i cinnteach gun robh eachdraidh an òrain fhèin aig Jeannie mar a bha e aicese; bha an eachdraidh a cheart cho cudromach 's a bha an t-òran fhèin don Luchd-shiubhail, oir bha e a' toirt seachad suidheachadh an òrain a bha na chuideachadh ann a bhith a' mìneachadh eachdraidh teaghlaich agus eachdraidh an Luchd-shiubhail, cho math ri beachdan an t-saoghail, luachan, agus leasanan-beatha.
Dh'ionnsaich Maria deich dhe na h-òrain mhòra (ris an canar 'Child ballads') a bh' aice do Jeannie, leithid 'Willie's Fate' (Child 255), 'The Golden Victory' (Child 286) agus 'The Beggar Man' (Child 279), cho math ri cuid dhe na h-òrain aotrom a bh' aice, leithid 'The Gallowa Hills' agus 'Oh Jeannie My Dear'. Bha Maria gu mòr airson agus gun toireadh Jeannie seachad na h-òrain aice:
'My mither said t' me before she died: "Sing my songs tae everybody," she says, "I want the warld 't' hear them." ... I says, "What way am I gien t' let the warld hear them, mither? I'm askit t' sing at nae place, but the hoose here. Or maybe amang wir ain people." Funny idea, she had, an' she said, "Will ye sing my songs, min', Jeannie?" she says. An' I promised her that day. I said, "I'll sing them to the best o' my ability - whenever anybody requires t' hear them."' (bho chlàradh 18111)
Ann am bliadhnachan a h-òige chluinneadh Jeannie òrain aig Luchd-siubhail eile anns na h-àiteachan-campachaidh, leithid 'The Bonnie Hoose o Airlie' (Child 199), aig clann eile ann an raon-cluiche na sgoile aice, agus gheibheadh i òrain eadhon bho sheann leabhraichean a fhuair an teaghlach bho thaighean a bha gam falamhachadh. Dh'ionnsaich i cuideachd òrain chumanta nan tallachan-ciùil agus a' ghramafoin, leithid 'Stop yer tickling, Jock' le Harry Lauder, a chuir ris an stòras a bh' aice de dh'òrain èibhinn.
Aig aois naoi-deug, agus an aghaidh toil a pàrantan, theich Jeannie còmhla ri Donald Higgins agus phòs iad goirid an dèidh làimh. Rugadh mac dhaibh, Jeemsie, a' bhliadhna an dèidh sin, agus rugadh an nighean aca Lizzie ann an 1929. Bha an teaghlach a' tighinn beò dìreach air na dh'fheumadh iad a-mhàin tro bhliadhnachan bochda nan tritheadan, ach bha an taigh aca làn toileachais, agus am measg na feadhainn a bha a' fuireach ann bha Isaac, bràthair Donald; bha Donald agus Isaac math air pìobaireachd.
Bha Jeannie a' làn-chreidsinn anns an dà-shealladh, agus bhiodh i fhèin a' faicinn sheallaidhean bho bha i òg. Cha b' e gnothach tlachdmhor a bha seo aig amannan, gu h-àraid nuair a thachair e goirid mus do dh'eug Jeemsie le teasach-eanchainn aig aois ochd bliadhna. Thug a bhàs buaidh air Jeannie fad a beatha, agus thug e buaidh air an t-seinn aice cuideachd. Mar eisimpleir, bha Jeannie ainmeil airson an òrain mhòir 'My Son David' (Child 13), anns a bheil màthair a' caoidh bàs fear dhe na mic aice, agus mac eile aice an cunnart làmh a chur na bheatha fhèin. Thar nam bliadhnachan chaidh an t-òran brisg aithriseach seo a leasachadh gu bhith na òran a bha làn fhaireachdainnean agus a dhrùidh gu mòr air an luchd-èisteachd.
Dh'atharraich beatha Jeannie gu sìorraidh an latha a nochd Hamish Henderson aig an doras aice 's e a' sireadh seann òrain. Tha an tachartas seo a-nis ainmeil ann am beul-aithris ceangailte ris an ùrachadh dhùthchasach: thuirt Hamish gun d' fhuair e ainm agus seòladh Jeannie bho Neach-siubhail eile, agus an dèidh dha nochdadh aig an doras aice, 's i amharasach mu dheidhinn, gun do ghabh e a' chiad rann de 'The Battle of Harlaw' (Child 163), agus gun robh i an uair sin ro-thoilichte an latha a chur seachad a' gabhail òrain dha, 's i ag ràdh gum feumadh i an t-òran ud ionnsachadh dha ceart. Tha an cunntas a bh' aig Jeannie rudeigin eadar-dhealaichte. Thuirt i gun robh air leth sgìth an dèidh latha a' coimhead às dèidh clann agus nach robh toil aice òran de sheòrsa sam bith a ghabhail, ach nach robh i airson Hamish a leigeil sìos agus gun do dh'aontaich i mu dheireadh thall beagan òrain a chlàradh dha. Ge bith dè dha-rìribh a thachair, dh'aithnich Hamish sa bhad nach e a-mhàin gun robh traidisean nan òran mòra Albannach beò, ach gun robh e slàn fallain. Bha e dhen bheachd gur e mar a 'lorg' e Jeannie Robertson an gnìomh bu chudromaiche a choilean e na bheatha, agus rinn e a h-uile h-oidhirp gus Jeannie a thoirt fa chomhair a' mhòr-shluaigh.
Beagan seachdainean an dèidh dhaibh coinneachadh airson a' chiad uair, thug Hamish cuireadh do Jeannie a bhith a' seinn aig Cèilidh Fèis nan Daoine ann an Dùn Èideann (clàradh 26555), far an do nochd i air an àrd-ùrlar còmhla ri daoine leithid Jimmy MacBeath agus Annag Arnott. Ann an Samhain na bliadhna sin fhèin, chaidh Jeannie a Lunnainn far an do chlàraich an t-eitneòlaiche-ciùil Ameireaganach Alan Lomax i. Thuirt Alan a-rithist gur e "monumental figure in twentieth-century folksong" a bh' innte. Bha Hamish ag obair còmhla ri Jeannie agus a teaghlach fad mòran bhliadhnachan, agus e a' clàradh eachdraidh a beatha, a cuid seinn agus sgeulachdan às leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Mar thoradh, tha còrr 's 500 clàradh de Jeannie air làrach-lìn Tobar an Dualchais, agus nam measg tha iomadh clàradh a rinn luchd-obrach eile agus oileanaich bhon Sgoil.
Bha an ùidh a bh' aig companaidhean-clàraidh coimearsalta ann an ceòl dùthchasach a' sìor fhàs mar thoradh air ùrachadh dùthchasach anns na leth-cheudan agus bha Jeannie aig teis-meadhan an ùrachaidh seo. Chuir Riverside, an companaidh-clàraidh Ameireaganach, a-mach clàr de Jeannie air an robh 'Songs of a Scots Tinker Lady' mar phàirt de shreath beul-aithris, sreath a bh' air a dhealbhadh le Hamish Henderson agus an trusaiche beul-aithris Ameireaganach Kenneth Goldstein. Rinn Jeannie iomadh clàr coimearsalta eile às dèidh seo airson HMV, Collector Records, Topic Records, agus Prestige Records.
Cho math ri bhith a' nochdadh air an àrd-ùrlar aig comainn dùthchais agus aig fèisean, agus air telebhisean agus air rèidio, bha Jeannie an sàs gu mòr ann a bhith a' brosnachadh agus a' stiùireadh sheinneadairean òga agus sgoilearan a' chiùil dhùthchasaich, 's i a' cur fàilte orra anns an dachaigh aice fhèin ann an Obar Dheathain. Chuir cuid dhe na h-òganaich seo - Ray Fisher, Andy Hunter agus Jean Redpath nam measg - uiread a dh'ùine seachad anns an dachaigh aice agus gun robh iad cha mhòr mar phàirt dhen teaghlach. Thuirt Andy Hunter:
'Jeannie's house was a ceilidh house, a house where one was sure to find music, entertainment and hospitality. Young people were especially welcome and many of my contemporaries shared with me the pleasure which was so generously given […].'
Bha an dòigh anns an tug Jeannie seachad an traidisean de sheinn agus de dh'innse sgeulachdan don nighinn aice, Lizzie Higgins, agus do mhac a bràthar, Stanley Robertson, a cheart cho cudromach. Ged a bha Lizzie car diùid ann a bhith a' seinn fhad 's a bha Jeannie beò, dh'fhàs i gu bhith na seanchaidh làn misneachd i fhèin, agus i a' cur òrain a màthar agus dòigh pìobaireachd a h-athar còmhla airson guth sònraichte a chruthachadh. Dh'fhàs Stanley e fhèin gu bhith na sheanchaidh cudromach, a thaobh sgeulachdan traidiseanta gu h-àraid, agus fhuair e an dreuchd mar Phrìomh Neach-obrach airson pròiseact Luchd-siubhail aig Oilthigh Obar Dheathain.
Fhuair Jeannie duais MBE ann an 1968 airson a cuid seirbheis do cheòl dùthchasach, a' chiad seinneadair de dh'òrain dùthchasach - agus gu dearbh a' chiad Neach-siubhail - a fhuair an duais seo. Chùm i oirre air an àrd-ùrlar gus an do bhris a slàinte, agus dh'eug i trì bliadhna an dèidh bàs a chèile, Donald, ann an 1975. Bha Andy Hunter còmhla ris an teaghlach an oidhche a dh'eug i, agus thuirt e:
'She knew she was dying. […] Yet on her death bed she was talking about getting more songs on tape and recorded for posterity. She was absolutely committed to the world of poetry and song.'
Dh'fhàg Jeannie dìleab mhìorbhaileach de dh'òrain agus de sgeulachdan, agus tha ginealaichean ùra de luchd-èisteachd, de sgoilearan, de sheinneadairean agus de sgeulaichean fhathast a' faighinn tlachd agus ag ionnsachadh bho na clàraidhean aice.
Tùsan agus Barrachd Leughaidh
Gower, Herschel, 'Analyzing the Revival: The Influence of Jeannie Robertson', ann an 'The Ballad Image: Essays Presented to Bertrand Harris Bronson', ed. by James Porter (Los Angeles: Center for the Study of Comparative Mythology, University of California, 1983), td. 131-47.
'Jeannie Robertson: Portrait of a Traditional Singer', ann an 'Scottish Studies' 12 (1968), td. 113-26.
⸻, and James Porter, 'Jeannie Robertson: Emergent Singer, Transformative Voice' (East Linton: Tuckwell, 1995) td. 3, 80, 88, 93, 275.
Henderson, Hamish, 'Jeannie Robertson as a Storyteller', ann an 'Tocher' 6 (1972), td. 169-78.
⸻, 'Jeannie Robertson Talking', ann an 'Tocher' 32/33 (1979), td. 113-21, 196-201.
Hunter, Andrew, 'Editor's Introduction, ann an 'The Greig-Duncan Folk Song Collection', Volume 4, eds. Patrick Shuldham-Shaw, Emily B. Lyle and Andrew R. Hunter (Aberdeen: Aberdeen University Press, 1990), xvii-xviii.
Long, Eleanor R., and John D. Niles, 'Context and Loss in Scottish Ballad Tradition', ann an 'Western Folklore, Vol. 45, No. 2, The Ballad in Context: Paradigms of Meaning' (Giblean 1986), td. 83-109.
Kodish, Debora, 'Absent Gender, Silent Encounter', ann an 'Journal of American Folklore, Vol. 100, No. 398, Folklore and Feminism' (Dàmhair-Dùbhlachd 1987), td. 573-578.
Macafee, Caroline, 'Scots Folk Singers and their Sources' (Leiden: Brill, 2021), td. 54-55, 73.
Means, Andrew, and Sara Gray Means, 'Jeannie Robertson: More Than a Myth', Sing Out! 24 (3) (1975), 22-23, 27.
Munro, Ailie, 'Jeannie Robertson, 1908-1975', ann an 'Folk Music Journal, Vol. 3, No. 1, Music of the Travelling People' (1975), td. 93-94.
Neat, Timothy, 'Hamish Henderson: A Biography, Volume 2: Poetry Becomes People' (1952-2002) (Edinburgh: Polygon, 2009), td. 16.
Porter, James, 'Jeannie Robertson's My Son David: A Conceptual Performance Model', ann an 'Journal of American Folklore', Vol. 89, No. 351 (Faoilleach-Màrt 1976), td. 7-26.