Rannsaich
Ciad ainm Eòin
Cinneadh MacDhòmhnaill
Sloinneadh Eòin Eachainn Eòin Dhòmhnaill 'ic Ghilleasbaig Eòin 'ic Shomhairle
Bliadhna breith 1932
Bliadhna bàis 2021

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Cille Mhoire

Àireamh an neach 552

Eachdraidh-beatha

Rugadh agus thogadh e san Eilean Sgitheanach. Chuir e air bhonn taigh-tasgaidh san Eilean Sgitheanach ann an 1965. Faic http://www.skyemuseum.co.uk (air fhaotainn 9 An Dùbhlachd 2009). Bha e grunn bhliadhnaichean na bhall de Choimisean nan Croitearan agus chuir e eòlas air mòran de shluagh an eilein anns an ùine sin. Ann an 1970 cheannaich e Taigh-òsta Dhùn Tuilm agus bha e a' ruith an taigh-òsta seo fad seachd bliadhna thar fhichead. Fhuair e urram an MBE ann an 2000 agus urram 'Sàr Ghàidheal' bho Shabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna 2011.