Ciad ainm Anna
Cinneadh NicIain
Far-ainm Annag
Sloinneadh Anna Aonghais Chaluim
Bliadhna breith 1886
Bliadhna bàis 1963

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - An Gleann

Àireamh an neach 639

Eachdraidh-beatha

B' e seanchaidh, trusaiche beul-aithris, neach-iomairt agus neach-teagaisg a bh' ann an Anna NicIain (Annag Aonghais Chaluim Bhàin 'ic Dhòmhnaill 'ic Chaluim). Rugadh i ann am Barraigh anns na 1880an agus thogadh i ann an coimhearsnachd a bha beairteach a thaobh cultar na Gàidhlig, ach a bha fhathast gun faighinn seachad air bliadhnachan mòra de dh'fhuadaichean, de ghortas agus de dhearmad a rinn cron mòr air an eilean tron 19mh linn.

B' ise tè de dh'ochdnar cloinne a rugadh do Chatrìona NicNìll (Catrìona Aonghais 'ic Dhòmhnaill Mhòir) agus Aonghas MacIain (Aonghas Chaluim Bhàin). Bha a màthair à Sanndraigh agus 's ann bhuaipese a dh'ionnsaich Anna mòran dhe na h-òrain agus na sgeulachdan a bh' aice. Bha i ainmeil gu h-àraid airson na bh' aice de dh'òrain bheaga – òrain a chòrdadh ri clann gu h-àraid – agus òrain luaidh. Chaidh mòran dhiubh seo a chlàradh agus tha iad rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Ged a bha i na seanchaidh i fhèin, bha Anna aithnichte mar thè a bhiodh a' brosnachadh dhaoine eile gus sgeulachdan innse agus òrain a ghabhail. Chuir i gu deagh fheum an t-inbhe a bh' aice sa choimhearsnachd mar thidsear agus a deagh nàdar airson nàbannan, caraidean agus càirdean a bhrosnachadh gu bhith air an clàradh leis na trusaichean beul-aithris a bhiodh a' tadhal air Barraigh. Nuair a chaidh Marsaili Cheanadach-Fhriseal a Bharraigh anns na 1920an, bheireadh Anna fiathachadh do sheann bhoireannaich a thighinn a chèilidh air taigh a pàrantan, far am biodh i gam brosnachadh gus òrain a ghabhail ach an clàraicheadh Cheanadach-Fhriseal iad. Agus mar a dh'innis i fhèin ann an Gairm 21 (Foghar 1957), bha i mar mheadhan air Marsaili Cheanadach-Fhriseal a chur an lùib cuid de na seinneadairean a b' fheàrr a bh' ann am Barraigh:

"Thàinig mi dhachaigh às an sgoil air latha bog, ciùin, ceòthar, earraich anns a' bhliadhna 1908 agus, a' tarraing dlùth air an taigh, chuala mi guth nach do dh'aithnich mi ann an seanchas ri mo mhàthair, is nuair a chaidh mi a-steach bha a' bhean-uasal seo na suidhe ri taobh an teine còmhla ri mo mhàthair, iad ag òl teatha, agus a rèir choltais iad làn riaraichte le chèile. B' e seo Marsaili nan Òran, boireannach aoibheil, dreachmhor, coibhneil, càirdeil. Dh'innis i dhomh fàth a turais, agus b' e sin gun robh i ag iarraidh mo chuideachadh airson faclan òrain Ghàidhlig nach robh riamh an clò a sgrìobhadh o bheul nan seinneadairean fad 's a bha i fhèin a' togail nam fonn air seòrsa de inneil annasaich air an robh gramophone aice."

"A-nis, ged a bha òrain gu leòr den t-seòrsa seo aig muinntir a' bhaile againne, bha barail agamsa gur e turas dìomhain a bha seo aig a' mhnaoi-uasail, a thaobh 's gun robh mnathan a' bhaile uile-gu-lèir cho diùid is nach togadh iad an guth an làthair coigrich. Ach bha seo mun do chuir mi eòlas air Marsaili, is mun do thuig mi cho urralach 's a bha i airson na bha dhìth oirre fhaotainn, agus mar a thuirt aon de na mnathan còire a bha an làthair an oidhche ud, 'Bu dùr a' bhò nach toireadh a bainne dhi.' Bha mnathan a' bhaile trang ri cur buntàta aig an àm, ach nuair a thàinig ciaradh air an fheasgair chruinnich mise còmhlan beag de na seinneadairean a b' fheàrr a bha faisg oirnn, agus thàinig Marsaili agus am bogsa-ciùil dhachaigh agus thoisich an cèilidh. Sgrìobh mise na faclan aig còrr is fichead òran an oidhche sin."

Chaidh Iain Latharna Caimbeul [614] a Bharraigh airson a' chiad uair anns na 1930an agus 's e thàinig às a seo ach càirdeas agus co-obrachadh eadar e fhèin agus Anna a mhair iomadach bliadhna. Mar a chuidich i Cheanadach-Fhriseal, rinn Anna a leithid eile airson a' Chaimbeulaich; chuir i an seasamh a bh' aice anns a' choimhearsnachd – gu pearsanta agus cuideachd mar bhall de Chomataidh Beul-aithris Bharraigh – gu deagh fheum gus daoine a bhrosnachadh gu bhith air an clàradh leis. Thug i cuideachd fiosrachadh sgìreil dha airson cuid dhe na foillseachaidhean aige, leithid an dreach a rinn e de leabhar Mhaighstir Ailein, Gaelic Words from South Uist (1958), Deoch-slàinte nan Gillean (1948), Gaelic Folksongs from the Isle of Barra (1950) agus Stories from South Uist (1961). Chaidh i tric a chèilidh air Iain Latharna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach [4814] ann an Canaigh, an dèidh dhaibh an t-eilean a cheannach deireadh nan 1930an.

An dèidh dhan BhBC agus do chraoladh Gàidhlig a bhith air a chur air bhonn, ghabh Anna làn-chothrom air an teicneòlas ùr agus chuir i gu mòr ri craoladh òrain Ghàidhlig air prògraman rèidio - còrr 's dà fhichead òran eadar 1947 agus 1962. Nochd i cuideachd air prògraman bhon Mhòd Nàiseanta, agus tha dà chlàradh bhuapa sin rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais: Coisich a Rùin agus Tha an Oidhche a-nochd Fuar.

Sgaoil a' bhuaidh a bh' aig Anna air cultar na Gàidhlig fad 's farsaing. Bho na 1920an suas gus an do dh'eug i, chruthaich i ceanglaichean làidir le Gàidheil Alba Nuaidh, 's i a' cumail conaltradh ri mòran dhiubh tro litrichean agus le bhith a' cur ri irisean Alba Nuaidh leithid Mosgladh – iris Chomann Caitligeach na h-Alba, agus Achadh nan Gàidheal – colbh Gàidhlig seachdaineach ann am pàipear-naidheachd Antigonish an Casket, a bha air a dheasachadh le Msgr P. J. MacNeacail à Ceap Breatainn – Proifeasair Fiosaigs aig Oilthigh Saint Francis Xavier.

Chaidh Anna thar a' Chuain Siar ann an 1954 agus thadhail i air Alba Nuadh agus Boston, 's i a' cèilidh air Gàidheil eile an sin agus tric a' trusadh beul-aithris bhuapa. Bha buaidh mhòr aig an turas seo air Anna, agus ann an litir a sgrìobh i do Mhonsignor MacNeacail, thuirt i gun do chòrd e rithe na b' fheàrr na dad sam bith eile a rinn i na beatha. Thug i iomradh air coibhneas agus fialaidheachd nan daoine, gu h-àraid ann an Caolasan Mòra Alba Nuaidh, far an tuirt i gun robh i cho toilichte 's gun robh i a' smaointinn gur dòcha gun robh i anns an t-sìthean fhèin.

Rinneadh mòran chlàraidhean de dh'Anna i fhèin, agus tha còrr 's 160 clàradh dhith air làrach-lìn Tobar an Dualchais a rinneadh eadar 1938 agus 1962. Am measg nan clàraidhean as sine, tha an t-òran cloinne Tobar, Tobar, Sìolaidh bho Chruinneachadh Chanaigh – òran a ghabhadh a' chlann aig an tobar. Mar eisimpleir air clàraidhean sònraichte eile, tha Cainnt nan Eun – cruinneachadh de rannan a tha ag atharrais air eòin na sgìre, agus Brà Brà Bleith – òran bleith a chaidh a chlàradh ann an 1951. Tha i cuideachd a' nochdadh air grunn math chlàraidhean 's i na h-obraiche-raoin, gu h-àraid airson chlàraidhean de Mhàiri Mhòr Iain Choinnich [1091] às a' Ghleann, Barraigh.

Nuair a chaochail Anna sgrìobh Fear Chanaigh ann an Gairm 43 (Samhradh 1963):

"'S i bean uasal air leth a bh' innte. Faodar a ràdh gur iomadach seann òran brèagha a bhiodh air a dhol air dhìochuimhne mur a b' e Anna NicIain; chan e na h-òrain aice fhèin a-mhàin ach seann òrain an t-saoghail mhòir a bhiodh aig na cailleachan Barrach a bha a' fuireach ann an ceann a deas an eilein air fad. Iomadach tè dhiubh sin a bhiodh air bheagan Beurla agus mar sin car diùid gu dol air bheulaibh maicreafòn nan daoine foghlaimte a thigeadh mun cuairt, bhiodh Anna gam brosnachadh 's gan cumail air a dòigh agus mar sin chaidh mòran rudan a shàbhaladh nach rachadh a shàbhaladh idir mur b' e Anna. Bha i fhèin làn de dh'òrain neo-chumanta, 's de naidheachdan, agus bha dòigh aice air an cur a-mach a bha anabarrach."

Bha bràthair Anna, Calum MacIain [724], cuideachd na sheanchaidh cliùiteach, agus bha e gu h-àraid ainmeil a thaobh pìobaireachd agus òrain mhara.