Eachdraidh-beatha
Rugadh Rona Lightfoot, Rona Eairdsidh Raghnaill, air an 17mh den Ghiblean, 1936, agus thogadh i ann an Gearraidh Sheilidh an Uibhist a Deas. 'S ann na pìobaire òg a thàinig Rona gu aire dhaoine an toiseach, ach an-diugh tha i a' siubhal thall 's a-bhos, eadar Èirinn is Ameireagaidh is iomadh àite san rìoghachd seo fhèin, a' teagasg òrain is ceòl nan Gàidheal do dh'oileanaich, sean is òg. A bharrachd air sin, chan eil duine a chuir seachad beagan ùine na cuideachd nach aontaicheadh gu bheil liut àraid aice air sgeulachd innse.
'S ann dhi a bu dual a bhith na sàr sheinneadair, na sàr phìobaire, agus na sgeulaiche. Thuirt an sgoilear Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach [15] mu Cheit, màthair Rona: "She had the good fortune to be born into a family almost incredibly rich in music, in song, in storytelling and in traditional lore of all kinds." Tha an aon rud fìor mu Rona fhèin. Mar eisimpleir, chan eil, agus cha bhi, fios aig duine cia mheud òran a b' aithne do a màthair, ach chaidh faisg air dà cheud òran eadar-dhealaichte a chlàradh bhuaipe, agus mòran dhiubh sin a bha fìor ainneamh am measg dhaoine. B' e seanmhair Rona, Mòr [3469], tè den cheathrar nighean a bh' aig Aonghas mac Eachainn, a bha e fhèin na phìobaire. Phòs Mòr pìobaire ainmeil, Niall Caimbeul, Niall mac Catrìona, agus bha triùir a theaghlach aca - Aonghas a bha cuideachd na phìobaire ainmeil, Ceit [12], màthair Rona, agus Màiri, bean Phàdraig an t-Saoir, tè a bha làn òrain is beul-aithris cuideachd.
Rugadh Mòr air an 4mh den Lùnastal, 1867. Cha deach i riamh don sgoil is cha do dh'ionnsaich i Beurla riamh. Ach a dh'aindeoin sin chaidh aice air a dhol gu cosnadh air tìr-mòr agus bha i fhèin is Niall air thaigheadas anns an Òban an dèidh dhaibh pòsadh, mus do thill iad a dh'Uibhist. Ann an Sgoil Eòlais na h-Alba tha còrr is 200 òran is naidheachd a chlàraich luchd-cruinneachaidh mar Calum MacIllEathain [273] agus Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach bho Mhòr, agus cuid dhe na clàraidhean sin air an dèanamh is Mòr aois 100 dùinte. Mar a sgrìobh Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach:
"Mòr Campbell was one of the most remarkable sources of traditional Gaelic song ever recorded by The School of Scottish Studies and certainly one of the most striking characters I have ever met. Despite her obvious intelligence and her wide-ranging expertise in her native traditional culture, Mrs Campbell never learnt to read or write or to speak more than a few words of English. She came to be known in the family as The Dictionary as she was the ultimate authority in almost all matters of doubt or dispute relating to the words of Gaelic songs. Mòr Campbell died, still singing, in January 1970, at the age of 102."
Bha ceathrar bhràithrean aig Mòr agus b' e fear dhiubh sin a dh'ainmich Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach mar "an sgeulaiche mu dheireadh". B' esan Aonghas 'Beag' mac Aonghais 'ic Eachainnn [3264], agus tha cunntas air a' chiad 40 bliadhna dhe a bheatha ri leughadh san leabhar Saoghal an Treabhaiche. Thuirt Fear Chanaigh [614] a sgrìobh sìos na sgeulachdan a chuir Aonghas air teip dha, agus a chuir iad an uair sin an riochd leabhair:
"As a traditional Gaelic storyteller his powers of characterisation and of reproducing dialogue give his autobiography a literary quality altogether above any commonplace account of nineteenth century Scottish rural life. In fact when telling these stories Angus MacLellan possessed a very remarkable capacity for acting the various personalities that appeared in them, and in imitating their voices and even their Gaelic dialects."
Chaochail Aonghas air 6 Màrt, 1966, 's e trì bhliadhna goirid air a' cheud.
Ach cha b' ann bho thaobh a màthar a-mhàin a fhuair Rona a tàlantan, agus ged a bha a h-athair, Eairdsidh Raghnaill, cuideachd na phìobaire, 's dòcha gur ann mar fhear innse naidheachdan is sgeulachdan, tric èibhinn, as fheàrr a tha cuimhne air.
An dèidh a dhol don sgoil an Uibhist agus an uair sin sa Ghearasdan, chaidh Rona a Ghlaschu a dh'ionnsachadh a bhith na banaltram. Phòs i Tony Lightfoot bho chionn còrr air 50 bliadhna agus tha aon ghille aca. 'S ann aig muir a bha Tony fad a bheatha obrach agus bhiodh Rona tric a' falbh air bhòidsichean còmhla ris, a' siubhal an t-saoghail leis a' phìob na cois. Ged a bhiodh i a' gabhail pàirt ann am farpaisean an Uibhist bhon a bha i glè òg, aig an àm bha boireannaich air am bacadh bho mhòran de na farpaisean pìobaireachd. Chothaich Rona an aghaidh seo, agus 's i a' chiad bhoireannach a ghabh pàirt anns an fharpais ainmeil a bha air a ruith le Comann Pìobaireachd Lunnainn, a' Bhratach Ghorm, ged nach do leig iad ann i ach an aon turas.
Tha Rona an-diugh a' fuireach an Inbhir Nis. Tha i air aon CD a dhèanamh agus tha fèill oirre an iomadh àite mar sheinneadair, mar phìobaire, mar neach-teagaisg agus mar bhean an taighe a bheireadh gàire air gamhainn.