Search

B1 21 - Art | Ealain

Transcription Video

Transcription

Eairdsidh: Bha Frans Hals ag obair aig an aon àm, bha e car mun aon aois ri Rubens... ach e... bha esan cuideachd... bha dòigh-peantaidh aige car coltach ri Rubens, dh’ionnsaich e mòran bho Rubens agus bha esan a’ peantadh gu cinnteach agus gu cabhagach cha mhòr, dh’fhaodadh tu a ràdh, ach ’s e nithean saoghalta a bh’ aigesan, eh, bha tòrr de na deilbh aigesan air an suidheachadh ann an taighean-òsta agus bha dòigh aige air daoine a ghlacadh, cha mhòr mar a ghlacadh tu iad le camara, eh, dìreach aig àm sònraichte agus cha mhòr nach robh a h-uile gin dhuibh a’ gàireachdaich anns na deilbh aige, mar eisimpleir An Laughing Cavileer, cha mhòr nach cluinn thu an ceòl-gàire aige.

Agnes: Agus sin aon de na dealbhan as iomraitiche a th’ againne nach e?

Eairdsidh: ’S e, dìreach, ’s e.

Archie Fraser is being interviewed by Agnes Rennie on BBC Radio nan Gàidheal's 'Program Choinnich' in 2000. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/20341?l=en.

SpeakGaelic worksheet: https://speakgaelic.scot/wp-content/uploads/2023/09/SG-B1-C21-Ealain.pdf

We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.