Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
20072
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Description of the importance of the month of Ramadan in the Islamic faith.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CMI): 'S e àm cudromach dhen a' bhliadhna a tha seo do luchd-leantainn creideamh Ioslaim, an deireadh-seachdain seo a' comharrachadh àm Ramadan a' tòiseachadh. Bidh sinn a' cluinntinn 's a' leughadh mun a seo tric gu leòr, ach dè tha e a' ciallachadh dha-rìribh do luchd-leantainn a' chreideimh. Tha an t-Urramach Cailean MacLeòid fìor eòlach air a' chuspair. Tha e còmhla rium air an loidhne à Dùn Dè an-dràsta. Madainn mhath a Chailein.
An t-Urramach Cailean MacLeòid (CML): Madainn mhath.
CMI: Dè cho cudromach 's a tha Ramadan do luchd-leantainn Ioslaim?
CML: Uill, an t-àm as cudromaiche dhen a' bhliadhna a th' ann dhaibh. Tha iad ri trasgadh bho moch gu dubh, bhon àm a dh'aithnicheas tu an diofar eadar snàithlean dubh agus snàithlean geal, gu an t-àm air feadh na h-oidhche nach aithnich thu an diofar, agus chan urrainn dhut fiu 's do smugaid fhèin a shlugadh, ma nì thu... ma nì thu a dh'aon gnothaich e. Ma nì thu gun fhiosta e, tha e alright, ach ma nì thu a dh'aon gnothaich e, tha sin ceàrr. 'S chan urrainn dhut biadh ithe no càil òl no rud sam bith.
CMI: Chan fhaod thu càil òl, fiù 's?
CML: Chan fhaod. Chan fhaod. Agus tha e gu math cruaidh. Gu h-àraid... uill, man a... tha mi a' creidsinn, tha fhios agad, tha an calendar Muslamach, tha e a' leantainn a' ghealach, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil e ag atharrachadh a h-uile bliadhna a rèir a' chalendar againn, agus thurchair an-dràsta gu bheil Ramadan a' tachairt meadhan a' gheamhraidh, ach can gum biodh e meadhan an t-samhraidh agus gum biodh tu ann an Saudi Arabia, mana b' urrainn dhut càil òl no càil ithe bho mhoch gu dubh, bhiodh sin gu math, gu math cruaidh ort.
CMI: Agus a bheil daoine a' leantainn gu dlùth ris a seo?
CML: Uill, tha e a rèir dè an dùthaich anns am bi thu. Can, bha mi treis ann an Turkey, agus ann an sin, tha mi a' creidsinn, aon duine a-mach às... a-mach às gach trì, bhiodh iad a' leantainn an trasgadh. Ann an dùthchannan eile leithid Iran, tha mi a' creidsinn gum bi a h-uile duine ga dhèanamh, cha mhòr. Anns an dùthaich seo, tha a' chuid as motha dhen a' choimhearsnachd a tha sin, tha mi a' creidsinn, ga dhèanamh.
CMI: Dè cho fad 's a tha e a' seasamh?
CML: Tha, fad mìos. Mìos Ramadan. Sin an t-ainm a th' air a' mhìos anns a' chalendar acasan. So tha e a' tòiseachadh air a' weekend a tha seo 's tha e a' crìochnachadh le... le fèis mhòr, an Eid-al... Chan e, chan e. Eid-al-Fitr. Sin... tha Fitr a' ciallachadh briseadh an trasgaidh. Agus bidh sin aca an ceann mìos.
CMI: Carson a tha iad a' dèanamh seo?
CML: Uill, rud sam bith a nì thu anns a' chreideamh Muslamach, 's ann a tha thu a' feuchainn ri luach a chruinneachadh, mu choinneamh... mu choinneamh Dhè. Tha iad a' creidsinn gu bheil an Quran ag àithneadh seo, agus ma nì thu... ma thrasgas tu, gu bheil thu nas luachmhor fa chomhair Dhè, gur e rud math a th' ann. Agus aig deireadh do bheatha, ma tha na rudan math a rinn thu nas truime na na rudan dona a rinn thu, gheibh thu a Nèamh. Tha e mar, gum b' eadh, ga chur ann an scales, ann am balance.
CMI: Nise, tha seo furasta a ràdh dhuinne ann an seo. 'S dòcha anns a' gheamhradh ann an seo an-dràsta, tha e a' ciallachadh, uill, gum faodadh tu do bhracaist a ghabhail aig ochd uairean sa mhadainn, ach an uair sin gum faigheadh tu do bhiadh a ghabhail an uair sin aig sia uairean a dh'oidhche. Ach man a thuirt thu an-dràsta, a' dol a dh'àite mar Saudi Arabia as t-samhradh, bha e a' ciallachadh, 's dòcha, nach eil ach dà uair a thìde taobh a-staigh na ceithir uairean fichead a b' urrainn dhut ithe. Chan eil rian nach eil seo a' dèanamh cùisean gu math duilich taobh a-staigh beatha dhaoine?
CML: Uill, chan eil rian nach eil. Tha fhios a'm gum bi... gum bi e a' tachairt, ma bhios Ramadan, gu h-àraid, can, as t-samhradh, gum bi daoine a' fàs droch nàdarrach, agus... Uill, tha aon rud ann - chan eil càil... càil ann a tha ag ràdh nach fhaod thu pàirt dhen an ùine a chur seachad ann an cadal, agus gu math tric, èirichidh iad tràth sa mhadainn 's gabhaidh iad am biadh, airson 's urrainn dhut a bhith ag ithe tron oidhche, fèar man as àbhaist, agus man as trice bidh iad ag ithe tòrr tron oidhche, agus bidh seòrsa de fèisean aca 's parties 's rudan mar sin, agus gu math tric bidh e a' tachairt gum bi iad ag èirigh tràth anns a' mhadainn agus an uair sin a' gabhail am bracaist, a' trasgadh tron latha ach gum bi iad a' cadal airson pàirt dhen latha, 's nì sin e rudeigin nas fhasa. Ach chan eil rian nach fheumadh tu rudeigin mar sin a dhèanamh airson an ùine a chur seachad, no bhiodh e gu math duilich dhut.
CMI: Nise, tuigidh duine mar a b' urrainn dha duine sin a dhèanamh, can, anns na seann làithean, nuair a bha dòigh-beatha eadar-dhealaichte. Ach leis mar a tha dòigh-beatha an t-saoghail air atharrachadh, can, anns an linn seo fhèin an-dràsta, chan eil rian nach eil sin ga dhèanamh gu math duilich dha an-dràsta, nuair a tha sinn a' dèiligeadh, mar a bha sinn a' bruidhinn na bu tràithe, ri dùthchannan eadar-nàiseanta, daoine a' bruidhinn ri chèile, 's daoine ag obair còmhla ri chèile ann an saoghal gnìomhachais agus eile, chan eil rian nach eil e gu math duilich dhaibh cumail ris a seo an-diugh.
CML: Uill, shaoileadh duine gum bitheadh, ach man a tha mise ga thuigsinn, ann an dùthchannan leithid Saudi Arabi 's Iran, tha a h-uile càil dìreach a' dùnadh sìos tro mhìos Ramadan, agus 's e glè bheag a thathas ga dhèanamh a thaobh business no càil mar sin. Ann an seo fhèin, aithnichidh mi daoine a tha ag obair ann an restaurants... restaurants takeaways, Pakistani takeaways, agus feumaidh iadsan a bhith a' trasgadh, agus tha iad a' deasachadh biadh dha daoine a tha a' tighinn a-steach bhon an t-sràid, agus tha sin fhèin, tha e na bhuaireadh dhaibh, tha mi a' creidsinn - temptation.
CMI: Agus...
CML: Ach bidh iad fhathast ga leantainn.
CMI: Mar sin dheth, aig deireadh na mìos seo, tha fèis ann. Dè an t-ainm a thuirt thu a bh' air an fhèis a bha sin a-rithist?
CML: Eid-al-Fitr. Agus sin aon dhe na fèisean... aon dhen... tha dà fèis uabhasach cudromach ann tron bhliadhna, agus sin Eid-al-Fitr, aig deireadh Ramadan, agus an fhear eile, Eid al-Adha, a' coinneachadh... tha Eid al-Adha a' coinneachadh air Abraham, agus man a... cha mhòr nach do chuir e Ishmael gu bàs. Tha iadsan a' creidsinn gur e Ishmael a chuir... cha mhòr nach do chuir Abraham gu bàs, chan ann Isaac.
CMI: Oir 's e seo rud a bhios daoine a' dìochuimhneachadh, gu bheil Abraham 's na fàidhean sin gu math cudromach ann an creideamh Ioslaim cuideachd.
CML: Ò, abair sin, abair sin. Tha iad a' creidsinn nach do pheacaich Abraham no gin dhe na fàidhean eile a-riamh. Chan ann a-mhàin Crìosd, ach na fàidhean eile. Cha do rinn iad aon pheacadh nam beatha.
CMI: Mar sin dheth, tha a' mhìos a tha seo, a-rèiste, agus tha e a' tòiseachadh a-màireach...
CML: Fuirich a-nis, Latha na Sàbaid. Oidhche na Sàbaid, agus... Tha e a rèir dè... dè mosque a leanas tu, airson ann an Dùn Dè ann an seo, tha dà mhosque againn, agus aon mhosque ag ràdh gu bheil e a' tòiseachadh Oidhche na Sàbaid, agus man a tha mi ga thuigsinn, tha am mosque eile ag ràdh gu bheil e a' tòiseachadh Oidhche Luain. Airson, bidh iad a' tòiseachadh air a chì iad an gealach ùr anns an adhar. Nise, tha sin uabhasach... tha sin uaireannan rudeigin duilich aithneachadh, 's tòisichidh aon mhosque latha nas tràithe na am mosque eile, ach timcheall air toiseach an ath-sheachdain a th' ann.
CMI: Uill, tapadh leatsa gu dearbh airson sin a mhìneachadh dhuinn. Tapadh leatsa gu dearbha.
CML: 'S e ur beatha.
CMI: An t-Urramach Cailean MacLeòid ann an sin, air an loidhne à Dùn Dè.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good