Rannsaich

Fear nach do thill às a' Chogadh Mhòr.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 22872
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1952.123.4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1952.123.126

Geàrr-chunntas

Fear nach do thill às a' Chogadh Mhòr.

Thuirt fear aig an robh taibhsearachd ri dithis charaidean gu robh iad gu bhith ann an cogadh is nach tilleadh ach aon aca dhachaigh. Dreis às deaghaidh seo, thòisich an Cogadh Mòr, agus 's e e-fhèin a chaidh a mharbhadh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacDhòmhnaill: Bha triùir dhaoine a' coiseachd còmhla agus bha seòrsa de dh'fhorfhais aig an dithis eile gun robh taibhsearachd aig fear dhiubh. Agus thuirt am fear a bha seo:

"Tha sinn a' dol a bhith ann an cogadh, an triùir againn, agus chan fhada gus an tòisich an cogadh. Agus thèid fear againn a chumail sa chogadh - cha till e dhachaigh na be dè am fear againn a bhios ann," thuirt e.

'S ann mar seo a bha. Thòisich an cogadh anns a naoi ceud deug agus a ceithir-deug, agus chaidh an triùir don chogadh. Agus fhuair esan fòrlach dhachaigh, an dèidh dha a bhith treis thall, agus chaidh an dithis eile a-nunn don Tuirc. Agus dh'innis e dar a thill... thàinig e dhachaigh:

"Tha mi duilich airson an fheadhainn a chaidh don Tuirc - 's e àite cunnartach a th' ann," thuirt e, "agus tha mise air an taobh shàbhailte fhathast."

Agus dh'fhalbh e a-nunn an uair sin an dèidh na fòrlach a bhith thairis, agus chuir iad don Fhraing e, 's cha robh e fada san Fhraing gus an deach a mharbhadh. Agus 's e e fhèin am fear den triùir nach do thill, agus dh'innis e gun tachradh sin ach cha d' aithnich e gura h-e a bhiodh air a chumail.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math