A' dèanamh min-eòrna.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1962.44.A14+B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
A' dèanamh min-eòrna.
B' àbhaist sòrn a bhith anns an àth aig a h-uile croit. Bha daoine a' bleith sìol eòrna. Tha am fiosraiche a' mìneachadh gu mionaideach mar a bha an t-eòrna air obrachadh anns an t-sòrn. Nuair a bha an t-eòrna cruaidh gu leòr bhathar ga bhualadh le buailtean agus an uair sin ga chriathradh. Bhiodh an t-eòrna an uair sin air a thoirt dhan mhuileann airson min a dhèanamh air. Dh'fheumte a' mhin a chàthadh.
Bha diofar rudan air an dèanamh le min-eòrna. Sguir daoine a bhleith an eòrna às dèidh a' Chiad Chogaidh. 'S e Muileann Duthasaraidh am muileann mu dheireadh a bha ag obair ann an Uibhist a Tuath. Sguir i bho chionn trithead bliadhna [i.e. mu 1932].
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Tuath
Paraiste - Uibhist a Tuath
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math