Cleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas.
Track Information
Original Track ID
SA1958.86.A1
Original Tape ID
Summary
A detailed account of death and funeral customs in South Uist.
Detailed information about funeral preparations in South Uist. A piper started playing when the corpse was put in the coffin on the day of the funeral. The coffin was always carried clockwise. When the piping stopped a woman would start keening. The contributor names particular pipe tunes that were played. Information about a keening woman in Iochdar. She was paid in cash or in kind.
Detailed information about the funeral procession. When somebody died work stopped until after the funeral. Information about the wake and candles in the church. There were candles, a crucifix and holy water beside the corpse in the house. People told stories during the wake and drank tea and alcohol. Sometimes somebody would read the litany for the dead. The rosary was said at particular times. A silver coin was placed in a new grave and it was then blessed by the priest. Everybody knelt as the coffin was lowered.
Recording Location
County - Argyllshire
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Alasdair Boyd (AB): Ò chuala mise seann dhaoine a' bruidhinn air an fheadhainn a bhiodh a' tuiream, tuiream air na tiodhlacaidhean. Bha iad ag innse dhomh, tha fhios agaibh... bha an toiseach a' phìob a' tòiseachadh, agus bha iad ag innse dhomh an uair sin, agus chunna mi fhìn e a bharrachd air a sin, mun do dh'fhàg mi Uibhist riamh, cha robh iad a' cur a' chuirp anns a' chistidh gu latha an tiodhlacaidh. Bha daoine sònraichte air am piocadh a bha a' dol a dh'iarraidh na ciste, 's ga toirt chun... a dh'ionnsaigh taigh a' chuirp air rud ris an canadh iad crò-leaba. Bùird air a chur air spèicean. Bha trì spèicean ann, agus ghabhadh iad sin triùir air gach taobh, 's e a bhiodh a' tarraing na ciste. 'S nuair a bha iad... daoine a bha seo, bha iad air an cur air leth airson a dhol a dh'iarraidh na ciste, agus a' chrò-leaba còmhla rithe, a' chrò-leaba mar bu trice bhiodh i air a fàgail aig a' chladh.
Agus nuair a... anns an t-seann aimsir, nuair a bha iad a' tòiseachadh... nuair a bha a' chiste a' dol a-staigh, bha am pìobaire a' tòiseachadh an uair sin, 's bha e a' seinn suas 's sìos air bheulaibh an taighe fad 's a bhite a' cur an duine anns a' chistidh, gus an tigeadh iad a-mach leis a' chistidh, 's bhathar an uair sin ga cur air a' chrò-leaba agus iad a' falbh. Agus cha rachadh iad uair sam bith ach deiseal air an taigh. Cha rachadh iad ach mar a bha a' ghrian a' dol; cha rachadh iad an taobh eile idir, nan gabhadh e seachnadh idir. Cha rachadh iad chun an làimh chlì; 's ann taobh na làimhe deas a bha iad a' falbh on taigh daonnan.
'S ma ghabhadh e idir dèanamh, bha iad a' cur cuairt air an taigh leis an duine, leis a' chistidh, 's bha a' phìob ag obair. Agus an uair sin, mar a bha iad ag innse dhòmhsa, na seann daoine, nuair a sguireadh a' phìob bha an duine a bha seo a' tòiseachadh ri tuiream. 'S e boireannach a chuala mise, a bhiodh a' tuiream. Agus nuair a sguireadh ise, bha a' phìob a' tòiseachadh. Ach an Uibhist againne riamh, agus cuimhneach leamsa, 's mun tàinig mi chun an t-saoghail idir, bha a' phìob aca daonnan air na tiodhlacaidhean. A' phìob aca daonnan, a chionn...
CM: 'S bha port aca, àraidh aca?
AB: Bha port àraidh aca. Chan eil fhios a'm gu dè... an e seann phuirt a bh' aca, ach bha port an sin a bha mi ag innse dhuibh an oidhche roimhe, 'Port Luchd Dhùghaill 'ic Ruairidh', sin a bhiodh iad daonnan... bhiodh e... chuala mi tric am fear sin. Agus 's e sin an t-ainm a bh' aca fhèin air. Dh'fhaodte gu bheil ainm Beurla air, ach cha chuala mise ainm Beurla acasan air.
CM: Bha am port a' dol dhan taigh, 'Dol dhan taigh bhuan leat'.
AB: Bha. Bhiodh am fear sin aig... A rèir choltais bhiodh am fear sin aig seann Dòmhnall Mac a' Phì a bha am Baile Gharbhaidh, Dòmhnall mac Iain Òig. 'S e pìobaire ainmeil a bha sin. Agus bhiodh am port sin aige daonnan, agus chuala mi gum biodh port eile aige nuair a bhiodh e a' tòiseachadh, port ris an canadh iad 'Bas Bualadh nam Ban', nuair a chuireadh e suas... nuair a thogadh iad a' chiste air a' chrò-leaba. Thogadh iad a' chrò-leaba far na talmhainn 's a' chiste oirre, 's bha esan a' cur suas na pìoba, gur e sin a' chiad rud a bha esan... a' chiad fonn a bha e a' cur air a' phìob, 'Bas Bualadh nam Ban'. Ach cha chuala mise Dòmhnall MacIllEathain ga sheinn sin, ach chuala mi feadhainn a chuala e. 'S bha e an uair sin a' tòiseachadh air na puirt a bh' aige fhèin 's a bhiodh, a rèir choltais, mar a bhathar ag innse dhòmhsa, bhiodh am port sin aige, 'Dol dhan taigh bhuan leat'. Thoir mi dhuibh e
CM: Bha sibh ag ràdh gun robh boireannach san Ìochdar a bha an-còmhnaidh a' tuiream?
AB: Bha. Chuala mi sin aig seann duine còir a bha shuas anns an Ìochdar, ann an àite ris an canadh iad Àird na Mònadh, Alasdair Currie. Bha e ag ràdh gun robh tè ann - chan eil fhios a'm an ann ri a linn fhèin a bha i, cha chreid mi gur ann ach ri linn nan daoine aige - tè ris an canadh iad nighean Dòmhnaill Ghlais. Bhiodh i sin a' tuiream air na tòrraidhean, agus a rèir choltais bha i math.
CM: Seadh. 'S bhiodh iad ga pàigheadh?
AB: Bhiodh iad ga pàigheadh. Bhiodh iad a' toirt dhi cochairean air choreigin, ge brith gu dè rud a bhiodh ann. Dh'fhaodte gum faigheadh i cnap mòr de dh'ìm no mulachag chàise no rud air choreigin mar sin. Gheibheadh i cochair air choreigin co-dhiù. Ach a rèir choltais bha i sin math gu tuiream.
CM: Bha sibhse ag ràdh, Alasdair, gum biodh an sluagh a' falbh a-mach ron a' chistidh.
AB: Bha, an sluagh againne a' falbh a-mach air thoiseach air a' chistidh, agus bha duine àraid ann a shin gan cur a-mach sianar còmhla. Chanadh e mar seo: "Seasaibh a-mach sianar." Bha sin air a leithid seo a chunntas shlatan, nuair a shaoileadh e, bhiodh an fheadhainn a' fàs sgìth. Ach am fear a bhiodh a' seinn na pìoba, mar a chanamaid fhèin ris - 's e cluich na pìoba a chanas iad an seo, ach 's e seinn na pìoba a chanamaid-ne ris - 's ann às dèidh na ciste a bhiodh a' phìob. Agus an duine bu dlighiche dhan duine a bhathar a' tiodhlacadh, bha e air ceann na ciste. Bha am pìobaire air chùl an duine sin, 's feadhainn eile bhiodh a... abair mar a bhiodh boireannaich no leithid sin, nam biodh iad air an tiodhlacadh bha iad a' tighinn às dèidh na ciste. Ach an sluagh fhèin, 's ann a' falbh ron chistidh a bhiodh iad. Bha iad gan cur a-mach, sianar anns a leithid seo a chunntas shlatan, 's duine àraid gan cur a-mach.
CM: Agus 's ann an comhair an casan a bhiodh daoine a' falbh an-còmhnaidh?
AB: Comhair an casan a bha iad a' falbh daonnan. Bha am pìobaire a' falbh dìreach aig ceann na ciste, mar a chanadh iad ris.
CM: Agus a-niste, dè an nòs a bh' aca nuair a leanadh na mnathan an tiodhlacadh, 's nuair a bha iad a' dol a sgaradh, dol a dh'fhalbh, dol a thilleadh? An robh nòs aca, aig na mnathan?
AB: An dòigh a chunnaic mise aig na mnathan còir a bh' ann an uair sin, abairibh gun leigeadh iad a leithid seo... dh'fhaodte gun leigeadh iad ceathramh na mhìle no leithid seo. Bha iad a' bristeadh a-mach on ghiùlan, 's bha iad a' dol ann a shin air na glùinean a ghabhail an ùrnaigh. Sin an rud a bha na mnathan còir ris. 'S bha iad an uair sin, nuair a ghabhadh iad an ùrnaigh 's a h-uile sìon, bha iad an uair sin a' falbh dha an taighean fhèin. Ach cha dealaicheadh iad ris an tiodhlacadh. Cha ghabhadh iad air falbh dhachaigh, mar gun canadh sibh, mar a thogradh iad fhèin, fhios a'd. Bha iad a' dol air an dà ghlùin an sin an àite air choreigin 's a' gabhail an ùrnaigh. Sin an dòigh a bh' ac' againne.
CM: Nan tachradh e gum biodh daoine anmoch, agus gun tigeadh iad 's gun tachradh an tiodhlacadh riutha, dè bhiodh iadsan a' dèanamh? Am biodh iad a' seasamh gu...
AB: Bha iad a' seasamh ann a shiud 's an cip dhiubh gus an rachadh an tiodhlacadh seachad, agus feadhainn a rachadh air an glùinean a ghabhail an ùrnaigh fhad 's a bhiodh an tiodhlacadh a' dol seachad. Bha. Bha an dòigh sin aca. Ach bha daonnan, duine sam bith a thachradh mar sin 's nach b' urrainn an tiodhlacadh a sheachnadh, bha iad tric a' dol air an glùinean 's a' gabhail ùrnaigh. Bha sin an cor aca anns an àite againne. Bha an ùrnaigh aca co-dhiù. Bha.
CM: Bha. Agus a-nise, an robh e san àite nach bu toigh leotha a bhith a' snìomh no ag obair, a' cur iarann ann an talamh fhad 's a bha corp ann an taigh?
AB: Anns an àm ud dhan robh mi òg, cho fad 's is cuimhneach leam, tha mi a' smaointinn nuair a bhàsaicheadh duine anns an Ìochdar, agus 's e sgìreachd mhòr a bh' ann, tha mi a' smaointinn nach robh duine a' dèanamh car gus an rachadh a thiodhlacadh. Bha iad a-mach 's a-staigh, bhiodh an duine sin, dh'fhaodadh gum biodh e dà latha 's dà oidhche mar a chanamaid os cionn na talmhainn mun tiodhlacadh iad e. Bhiodh an taigh sin, bhiodh iad a-mach 's a-staigh dhan taigh sin fad finn-fuainneach an dà latha, 's fad finn-fuainneach na h-oidhche a' gabhail an ùrnaigh. A h-uile duine. Agus bhiodh iad a-rithist a' caithris ann. Dh'fhaodte gum bitheadh dusan duine. Bha an dòigh sin aca.
CM: Agus nuair a bhiodh iad a' caithris, bhiodh iad a' gabhail na conail Mhoire?
AB: Bhiodh iad a' gabhail na conail Mhoire aig dà-reug, agus bhiodh iad a' gabhail na conail Mhoire aig trì uairean sa mhadainn, nuair a bha toiseach gneathan air an latha. Bha. Bha iad a' dèanamh sin. Bha iad ga gabhail daonnan...
CM: Agus a-nise, dè mu dheidhinn lasadh choinnlean? Bha e na nòs aca san eaglais airson nam marbh.
AB: Bha, bha sin aca a-nist, a' lasadh nan coinnlean agus a' gabhail uiread seo a dh'ùrnaighean, airson anamannan nam marbh. Anamannan nam marbh uile, agus gu h-àraidh na h-anamannan a bhuineadh dhaibh fhèin. Tha sin aca fhathast. Bha na coinnlean air bòrd an sin 's bha iad gan lasadh. 'S bha daonnan ann an taigh a' chuirp againne, bha dà choinneal laiste aig ceann a' chuirp, agus ma dh'fhaodte tè aig ceann a' chuirp 's aig na casan. Ach mar bu trice bhithinn a' faicinn na dhà, 's bha an ceusadh eadar na dhà, agus an t-uisge-coisrigte rin taobh. Agus a h-uile duine a rachadh a-staigh bha seann chleachdadh aca, mun gabhadh e ùrnaigh bha e a' cur an uisge-choisrigte air a' chorp, 's bha e an uair sin a' gabhail ùrnaigh agus a' suidhe còmhla ri càch. Bha na dòigheannan eireachdail a bha sin againn.
CM: 'S an robh iad ag innse sgeulachdan aig na caithrisean sin?
AB: Bha iad ag innse sgeulachdan 's stòiridhean, nuair a thigeadh iad a-staigh 's a gheibheadh iad dh'fhaodte tì 's rud mar sin. Bha iad a' suidhe mun cuairt.
CM: Bhiodh dramachan a' dol.
AB: Dramachan gu leòr. Cha robh sìon mar sin air a chumail air ais. Bha dramachan... mura biodh tòrradh math ann an uair ud, cha b' fhiach e hò-rò. Bha feadhainn dhe na daoine, a bha iad ag innse dhòmhsa, nuair a bhiodh iad air leabaidh am bàis gum biodh iad ag iarraidh air an fheadhainn a bha iad a' fàgail às an dèidh cuimhneachadh deagh chosgais a dhèanamh. Cha robh iad ag iarraidh sìon a bhith gann. Agus mar a bha sibh ag innse... a' faighneachd dhìom, bhiodh iad a' gabhail sgeulachdan 's stòiridhean, 's bhiodh uaireannan eile, bhiodh duine àraidh aca a bhiodh a' leughadh na Leadain, Leadan nam marbh, agus 's e duine ainneamh a leughas e gun bhristeadh sìos. Bhiodh iad a' dèanamh sin. Nuair a bha e daonnan, daonnan a' tighinn gu meadhan-oidhche, bha iad a' gabhail na conail Mhoire an uair sin, 's bha iad a' gabhail na conail Mhoire a-rithist mu thrì... eadar a trì 's a ceithir sa mhadainn mum falbhadh iad.
CM: Agus a-niste, nuair a thigeadh iad dhan chladh, can gum biodh an uaigh fosgailte, an robh iad a' caitheamh trì dòrn...
AB: Bha, mas e uaigh ùr a bh' ann, bha iad a' cur bonn airgid innte. Bonn air choreigin. Tastan no dà thastan. Bha iad a' cur sin innte. Uill, bha an uair sin an sagart ga beannachadh.
CM: Ga beannachadh. Bha, bha. Agus an uair sin, am faca thu, nuair a bhiodh a' chiste air a leigeil sìos, am biodh iad... tha iad a' dol air an glùinean, a bheil?
AB: San àm a bh' ann an sin, nuair a bha a' chiste air a leigeil sìos dhan ùir 's a bha an sagart a' tòiseachadh air an ùrnaigh, bha a h-uile duine riamh air a ghlùinean. Cha robh e gu diofar dè an latha a bh' ann, co-dhiù a bha e fliuch no tioram no a bha an grunnd bog no cruaidh, bha iad air an glùinean ann a shin, agus dh'fhaodte gum bitheadh còig no sia a mhionaidean an dèidh dhan t-sagart a bhith ullamh. Bha na cleachdannan snog a bha sin aca uile.
CM: Agus a-niste, nuair a dhùineadh iad an uaigh, an robh de nòs aca na spaidean a chur os cionn na h-uaghach air an ùir? Chan fhaca thu sin riamh?
AB: Chan fhaca.
CM: Gan cur ann an crois air an uaigh.
AB: Uill, dh'fhaodadh gun robh sin aca ann an àiteachan, ach chan fhaca mise sin idir an Uibhist, 's chan eil mi a' dol a ràdh rud nach fhaca mi, ach dh'fhaodte gun robh e an àiteachan eile. Cha robh.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good