Cailleach agus bodach a chaill bonnach 's a fhuair bò

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 44787
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.183.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.183

Geàrr-chunntas

Cailleach agus bodach a chaill bonnach 's a fhuair bò.

Bha cailleach agus bodach a rinn bonnach, ach theich am bonnach air eagal 's gun itheadh iad e. Thachair am bonnach ri iomadach creutair ach aig a' cheann thall dh'ith bò e. Nuair a bha a' chailleach 's am bodach a' lorg a' bhonnaich, chuala iad an guth aige a' tighinn bhon bhoin. Thug an tuathanach aig an robh a' bhò am beathach dhaibh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo aig a h-athair.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT2025

Tar-sgrìobhadh

Ceit Dix (CD): Bha cailleach 's bodach ann a shiud, agus 's e Cailleach an Dìoghlaim... an Dìoghlaim a bh' aca oirre. Agus bhiodh i a' dìoghl-... a' dìoghlam arbhair, nach eil fhios agaibh?

Iain Peatarsan (IP): Ò, seadh.

Agus Bodach na Leisge. Bhiodh a' chailleach bochd a-muigh a' cruinneachadh na... an arbhair far an robh na... na diasan. 'S bhiodh i a' tighinn dachaigh 's bhiodh i a' dèanamh bonnach a h-uile latha. 'S tha e coltach nach fhuiricheadh iad gus am biodh am bonnach bruich ach a' toir às grèim mar a bhiodh bruich dheth.

Agus 's ann a smaoinich am bonnach an latha seo gur e a bha gòrach a' feitheamh ann a shiud aig lic aig an teine, gum b' fheàrr dha teicheadh le a bheatha mus deigheadh ithe air fad. Agus cò thachair ris? Thachair ris faoileag.

"Fàilte ort fhèin, a bhonnaich bheàrnaich, cò às an tàinig... an-dràsta an tàinig thu?"

"Thàinig mi às... o Ghìgean 's thàinig mi o Ghuaigean 's thàinig mi o leac a' bhonnaich, 's ma thogras mi thig mi bhuatsa."

Thàinig... 's thachair an fheannag mholach ris.

"Ò, cò às an... Fàilte ort fhèin, a bhonnaich bheàrnach, cò às an-dràsta an tàinig thu?"

"Thàinig mi o Ghìgean, thàinig mi o Ghuaigean, thàinig mi o leac a' bhonnaich, thàinig mi on fheannag robaich, 's ma thogras mi thig mi bhuatsa."

'S ann a-nis a thachair am madadh-ruadh ris. Thàinig am madadh ruadh 's:

"Fàilte ort fhèin, a bhonnaich bheàrnaich, cò às an-dràsta an tàinig thu?"

"Thàinig mi o Ghìgean 's thàinig mi o Ghuaigean 's thàinig mi on fheannag robach, 's ma thogras mi thig mi bhuatsa."

Ach nuair a bha am madadh-ruadh a' dol gu dèanamh grèim air 's ann a chaidh e air cùl an dorais. 'S dh'fhan e ann a shin gu an do dh'fhalbh am madadh-ruadh.

'S ann an uair sin a dh'fhalbh e às a sin, agus dè thachair ris ach bò mhòr, dhearg. Agus:

"Ò," ars ise, "fàilte ort fhèin, a bhonnaich bheàrnaich, cò às an-dràsta an tàinig thu?"

"Thàinig mi o Ghìgean 's thàinig mi o Ghuaigean, 's thàinig mi on fheannaig mholaich, thàinig mi o chùl an dorais, 's ma thogras mi thig mi bhuatsa."

"Ò," ars a' bhò.

'S nuair a bha am bonnach bochd a' dol a dh'fhalbh 's ann a chuir i a-mach a teanga 's dh'ith i e.

Ò, nuair a bha iad seachd sgìth, na daoine a-staigh, dh'fhalbh iad a dh'iarraidh a' bhonnaich. 'S dh'fhaighneachd iad shìos 's shuas 's thall 's a-bhos ach càit an robh am bonnach. 'S ann a ràinig iad àite ris an canadh iad Lag a' [?Mhairteil], 's nuair a ràinig iad bha bò ruadh ann a shin. Agus bha iad a' faighneachd dhen a' bhoin 's dhen a h-uile h-àite ach am faca iad am bonnach. 'S ann a chuala iad guth beag a' tighinn a-mach à broinn na bà.

"A dhuineachain 's a bheanachain, carson a tha thu gam iarraidh? 'S mise na mo ghurraban an curach na bà riabhaich. A dhuineachain 's a bheanachain, carson a tha thu gam iarraidh? Tha mise na mo ghurraban an curach na bà riabhaich."

"Ò, thì," ars iadsan, "'s ann a dh'fheumas sinn a dhol chun an tuathanach agus a' bhò a thoir leinn agus innse dhaibh gun do dh'ith i duine, agus 's dòcha gum faigh sinn fhèin a' bhò."

Dh'fhalbh iad chun an tuathanaich 's thug iad leotha a' bhò, 's thuirt i:

"Seall," ars ise, "dh'ith a' bhò duine 's tha e a' bruidhinn na corp."

Chuala an tuathanach seo 's:

"Ò, an ainm a' Chruthaidheir, thoiribh leibh a' bhò," ars esan, "'s feuch am marbh sibh i mus fhaic duine, 's gun tèid mise a chur dhan a' phrìosan."

Thug iad dhachaigh a' bhò 's mharbh iad e 's dh'ith iad e 's bha iad na b' fheàrr na ged a gheibheadh iad fichead bonnach.

IP: Glè mhath. An ann a-nise aig ur n-athair a chuala sibh i sin cuideachd?

CD: 'S ann. 'S ann aca sin a chuala mi cuideachd.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math