Rannsaich

Fiosrachadh mu sheun a bhiodh a' dìon shaighdearan.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 58382
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.026.A

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.026

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu sheun a bhiodh a' dìon shaighdearan.

Bhiodh seun ga chur air rioban agus ga thoirt dha daoine a bha a' falbh a shabaid, gus an cumail sàbhailte. Bhiodh an seun cuideachd air a ràdh air an duine fhèin. Thachair seo dha fear ann an Tiriodh nuair a chaidh e a shabaid sa Chiad Chogadh 's tha e beò fhathast [1968]. Bhiodh e a' crathadh nam peilearan a-mach às an t-seacaid aige. Bha na peilearan ga bhruthadh, ach cha robh iad a' dol tron chraiceann. Fiosrachadh mu mar a bha an seun air a chur air na saighdearan 's na riobanan.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (DM): 'S an cuala tu iomradh riamh air an t-seun a bhiodh aca airson nach rachadh am [?bàthadh].

Iain MacAonghuis (IM): Cha chuala.

DM: Airson nach rachadh am marbhadh anns a' chogadh. Uill 's aithne dhòmhsa fear ann an Tiriodh...

IM: Agus fuirichibh, nuair a bha iad a' dèanamh na h-ortha a bha sin, an robh iad a' toirt rud dhaibh cuideachd, a bhiodh aca nan còta?

DM: Cha robh. Cha robh.

IM: Nach robh a-nise?

DM: 'S aithne dhòmhsa fear ann an Tiriodh agus... during the First World War...

[Stad sa chlàradh an seo.]

IM: Agus bha i air a cur air. Seadh.

DM: Bha i air a cur ann an rioban dha.

IM: Ò seadh.

DM: Chaidh i air fhèin an toiseach. Chaidh an sin an t-seun a chur air an rioban, 's bha an rioban air a toirt dha, agus airson a bhith sàbhailte, nuair a fhuair e an cothrom, ghluais e an rioban anns an tunic air an taobh a-staigh.

IM: Agus an deach an t-ortha a ràdh air fhèin an toiseach?

DM: Chaidh an or air fhèin an toiseach. Chaidh i an sin air an rioban. Agus tha e beò slàn fhathast. Thuirt e riumsa: "Bha," ars esan, "mi a' crathadh nam peilearan a-mach às an tunic agus iad a' tuiteam air gach taobh dhìom," thuirt e.

IM: 'S cò an duine a bha sin a-nise?

DM: Uill, chan eil mi a' dol a dh'innse gu duine.

IM: Ò ceart gu leòr. Agus bha sibh a' ràdh gun robh na peilearan a' bruthadh a' chraicinn aige.

DM: Bha.

IM: 'S ga fhàgail dubh?

DM: Ga fhàgail dubh. Bha.

IM: Ach cha robh iad a' dol troimhe idir?

DM: Cha robh a' dol troimhe. Nach i bha làidir, an t-seun.

IM: Nach i.

DM: 'S i. Sin rud nach eil a' falbh an-diugh. Duine a nì seun.

IM: Ò tha mi a' creidsinn.

DM: Chan eil.

IM: Tha mi a' creidsinn.

DM: Tha i a' dol a-mach à cleachdadh.

IM: Ach dh'fheumadh an duine a bha a' cur an t-seun air an t-saighdear, dh'fheumadh e a ràdh, an ann os a chionn? No ciamar a bha e ga chur air fhèin?

DM: Ò 's ann a' dol mun cuairt air a bha e agus a làmh air a cheann.

IM: A' dol mu chuairt tuathail no deiseil?

DM: Tuath-... deiseil. Agus e a' bruidhinn na seun.

IM: Seadh, dìreach. 'S cò mheud turas a dh'fheumadh e a dhol timcheall air?

DM: Aon uair.

IM: Aon uair?

DM: Aon uair.

IM: 'S an e an làmh dheas no an làmh chlì a bhiodh aige?

DM: Làmh dheas. Làmh dheas.

IM: 'S am biodh an ceann aig an duine, am biodh currac air? No am biodh e...

DM: Bha e na shuidhe, an duine, gu socrach. Air cathair no air fuirm, 's a cheann ris.

IM: Ceann ris?

DM: Cheann ris.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus an uair sin, nuair a bhathas a' cur seun air an rioban a bha seo, an robh sibh a' dol timcheall, no an robh an duine a bha a' cur seun air rioban, an robh e a' dol timcheall an riobain?

DM: 'S e e fhèin... 's e e fhèin a chuir air an rioban... bha an rioban air nuair a chaidh an t-seun air.

IM: Seadh, dìreach.

DM: Bha.

IM: 'S cà robh an rioban aige, nuair a chaidh an t-seun air?

DM: Ò bhiodh i air... nuair a chaidh e do chogadh, chuireadh e an rioban air... chuir e air taobh a-staigh dhen tunic aige.

IM: 'S e, ach càit am bitheadh i nuair a bha an ortha ga ràdh, nuair a bha an t-seun a' dol air fhèin? Am biodh i na làimh? No na phòca? No...

DM: Ò, uill, sin rud nach urrainn mise innse dhut. Nan innsinn sin dhut bha mi cho fiosrach ris an fhear a bha a' dèanamh na seun.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach.

DM: Fear na h-ora.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math