An tàillear agus na mnathan iasgaich.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1963.89.B2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
An tàillear agus na mnathan iasgaich.
Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a chuala e sna taighean-cèilidh nuair a bha e òg. Bha tàillear ann a bha a' dèanamh obair do thriùir bhoireannach agus anns gach taigh bha e a' faighinn sgadan gach madainn. Bha e dèidheil air sgadan ach bha e a' gabhail iongnadh oir chan fhaca e duine ga reic, 's cha robh fios aige cò às a thàinig an t-iasg. Dh'innis aon de na boireannaich dha gun robh iad fhèin ag iasgach agus dh'iarr i air tighinn còmhla riutha an ath là. Chunnaic e gun robh iad ag iasgach le criathran. Sheas iad air na criathran 's iad air an ceangal le chèile le ròpa fraoich. Chùm an tàillear grèim air ceann a' cheangail agus thug iad dha duan. Ach cha do ghabh e an duan mar bu chòir agus chaidh na criathran fodha. Theich esan dhachaigh cho luath 's a b' urrainn dha.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Lannraig
Paraiste - Glaschu
Baile/Àite - Glaschu
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math