Eachdraidh-beatha
Tha Ceit Dhòmhnallach (Bean Eairdsidh Raghnaill) ga meas mar thè dhe na seanchaidhean Gàidhlig as ainmeile bhon 20mh linn, agus i air a mòr-mholadh gu sònraichte airson an stòrais mhòir a bh' aice de dh'òrain Ghàidhlig. Thogadh i ann an teaghlach Uibhisteach a bh' air a bhogadh ann am beul-oideas na Gàidhlig, agus tha na clàraidhean dhith a thog Sgoil Eòlais na h-Alba air feadhainn dhe na h-eisimpleirean as fheàrr de dh'òrain Ghàidhlig air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
Rugadh Ceit ann an Gearraidh Sheilidh, Uibhist a Deas, agus b' i a' chiad neach de thriùir cloinne a bh' aig Niall agus Mòr Chaimbeul. Bha i air a cuartachadh le òrain Ghàidhlig, pìobaireachd agus seanchas bho aois glè òg. B' ann de Chlann MhicIllFhialain Loch Aoineart a bha a màthair, Mòr nighean Aonghais 'ic Eachainn (1868-1971), a bha glè ainmeil i fhèin mar sheanchaidh agus airson na bh' aice de dh'eòlas air òrain Ghàidhlig. Bha a h-athair na shàr phìobaire, agus cò bu bhràthair a màthar ach Aonghas MacIllFhialain (Aonghas Beag mac Aonghais 'ic Eachainn) (1869-1966), an seanchaidh Uibhisteach ainmeil a choisinn an MBE airson a chuid sheirbheisean do ghleidheadh beul-oideas na Gàidhlig.
Chan eil e na iongnadh, mar sin, gun robh ùidh mhòr aig Ceit ann an òrain agus beul-aithris na Gàidhlig, agus gun robh cuimhne anabarrach agus guth binn aice. Anns a' chlàradh seo bho 1953, tha i a' gabhail port-à-beul annasach, 'Sheatadh Cailleach, Ruidhleadh Cailleach'.
Dh'fhàg Ceit an sgoil aig aois ceithir bliadhn' deug agus chaidh i an uair sin a dh'obair air mhuinntireas, coltach ri iomadach boireannach òg eile air a' Ghàidhealtachd. Chuir i seachad dà bhliadhna ann am Barraigh ann an dachaigh a' mhaighstir-chala ann am Bàgh a' Chaisteil mun do thill i a dh'Uibhist a dh'obair ann an Taigh Mòr Àisgearnais agus taigh-òsta ionadail. Ann an 1925 phòs i Eairdsidh Dòmhnallach (Eairdsidh Raghnaill 'ic Ruairidh 'ic Raghnaill) à Gearraidh Sheilidh. Rinn iad an dachaigh ann an Gearraidh Sheilidh agus bha seachdnar cloinne aca. Bha Eairdsidh na dheagh phìobaire agus lean an tàlant seo ann an co-dhiù dithis dhen t-seachdnar cloinne, Rona agus Niall, agus dìreach mar an dachaigh anns an do thogadh Ceit, bha taigh nan Dòmhnallach làn de cheòl agus òrain. Tha an dìleab a' leantainn gus an latha an-diugh, gu sònraichte anns an nighinn aca, Rona Lightfoot, a tha ainmeil i fhèin mar phìobaire agus seinneadair, agus aig a bheil grunn chlàraidhean air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
B' e Hamish Henderson a' chiad neach bho Sgoil Eòlais na h-Alba a choinnich ri Ceit nuair a bha e a' tadhal air na h-Eileanan Siar còig bliadhna mun do stèidhich an Sgoil ann an 1951. Chaidh a clàradh sa chiad àite le Polly Hitchcock bhon Sgoil ann an 1951 agus an uair sin le Calum MacIllEathain agus a bhràthair Alasdair ann an 1953. Bha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, Alan Bruford, Peter Cooke agus Aonghas Iain Dòmhnallach am measg feadhainn eile a chlàraich i. Chaidh mu 200 òran de gach seòrsa a chlàradh bhuaipe uile-gu-lèir, agus òrain luaidh gu sònraichte.
Ged a chaidh an t-seinn aice a chlàradh iomadh turas, dhiùlt Ceit riamh bruidhinn mu deidhinn fhèin no mu na tàlantan a bh' aice am pailteas. A' dèanamh luaidh oirre an dèidh a bàis ann an 1977, thuirt Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach: "Even if she had never sung a song Kate MacDonald would still have been remarkable - for her humanity, her dignity, her sparkle, her ready wit and her infectious sense of fun. She was one of the most remarkable people I have known, and I cared for her greatly."
Tùsan agus Barrachd Leughaidh
MacDonald, Donald Archie, 'Mrs Kate MacDonald, Bean Eairdsidh Raghnaill (1897-1977): in memory of a notable singer from South Uist', ann an Tocher vol. 27: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An Geamhradh 1977), deasaichte le Alan Bruford, td. 129-135