Rannsaich
Ciad ainm Dòmhnall Eairdsidh
Cinneadh Dòmhnallach
Sloinneadh Dòmhnall Eairdsidh Ghearraidh Iain
Bliadhna breith 1929
Bliadhna bàis 1999

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Gearraidh Iain

Àireamh an neach 15

Eachdraidh-beatha

Rugadh Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, Dòmhnall Eairdsidh Ghearraidh Iain, air an 8mh latha dhen t-Sultain 1929 ann an Solas, Uibhist a Tuath. Bha e cliùiteach mar sgoilear Gàidhlig agus trusaiche beul-aithris, agus chuir e seachad a bheatha obrach a' clàradh òrain, sgeulachdan, agus dòighean-beatha air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Bha e 32 bliadhna ag obair do Sgoil Eòlais na h-Alba agus anns an ùine seo bha e ri obair-raoin air a' Ghàidhealtachd air fad, bho Ìle anns a' cheann a deas gu Leòdhas anns a' cheann a tuath, agus cuideachd ann an Siorrachd Rois agus Cataibh air Tìr-mòr na h-Alba. Mar dhìleab, dh'fhàg e mu 800 teip de chlàraidhean agus tha sinn air leth fortanach gu bheil mòran dhiubh sin rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Thogadh Dòmhnall Eairdsidh ann an taigh dà-chànanach ann an Uibhist a Tuath. Bha athair à Uibhist, far an robh a shinnsirean air a bhith bho chionn 200 bliadhna, agus bha a mhàthair a Gallaibh. A' fàs suas le dà chultar mun cuairt air, is cinnteach gun robh beairteas a' chultair anns an sgìre aige fhèin follaiseach dha bho bha e òg. Chaidh e do Sgoil Phaibeil an toiseach, mus deach e thar a' Chuain Sgìth a Phort Rìgh a dh'fhaotainn foghlam àrd-sgoile. 'S e sgoilear air leth a bh' ann, agus ann an 1948 ghlèidh e àite aig Oilthigh Dhùn Èideann far an tug e a-mach dà Cheum le Urram – fear ann an Cànan na Beurla ann an 1953, agus fear ann an Ceiltis ann an 1955.

Air dha ceumnachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann, ghabh Dòmhnall Eairdsidh fastadh aig Taigh nan Clàr ann an Dùn Èideann, agus an uair sin aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an roinn nan tar-sgrìobhaidhean. Chaidh e gu Sgoil Eòlais na h-Alba na cho-eòlaiche rannsachaidh ann an 1962 agus dh'fhan e aig an Sgoil airson a' chòrr dhe bheatha obrach. Bha meas mòr aige air beul-oideas na h-Alba agus ann an 1966 chuir e tasglann de bheul-aithris air bhonn, agus mar thoradh bha na stuthan ann an tasglann na Sgoile nas fhasa ri fhaotainn do dh'oileanaich for-cheum agus luchd-rannsachaidh.

Thug an obair aige anns an Sgoil toileachadh mòr dha, agus bha grunn dreuchdan aige an sin, leithid neach-rannsachaidh, òraidiche, agus mu dheireadh Stiùiriche na Sgoile. Còmhla ris an Dr Alan Bruford, chuir e air bhonn an iris 'Tocher', a bha stèidhichte air a' bheairteas de chlàraidhean ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, 's e a' sgrìobhadh agus ag eadar-theangachadh nan clàraidhean. Chùm e air mar cho-dheasaiche airson grunn bhliadhnachan. Bha e ag obair gu dlùth le Bruford tron ùine aige anns an Sgoil agus ann an 1994 dh'fhoillsich iad an leabhar 'Scottish Traditional Tales' mar aithne air an obair aca a' cruinneachadh beul-aithris bho air feadh Alba.

Tha mu 4,500 clàradh a rinn Dòmhnall Eairdsidh air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus tha daoine de gach seòrsa rin cluinntinn annta, 's iad uile bho shuidheachaidhean-beatha eadar-dhealaichte. Rinneadh a' mhòr-chuid dhe na clàraidhean seo eadar 1960 agus 1980 – an dàrna leth dhiubh ann am Barraigh agus Uibhist, agus mòran dhiubh ann an Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Ìle agus anns an Eilean Sgitheanach. Tha farsaingeachd mhòr ann an susbaint nan clàraidhean, a' gabhail a-steach chuspairean leithid sgeulachdan os-nàdarra, òrain luaidh, agus dòighean traidiseanta airson a bhith ag obrachadh na talmhainn. Rinn e clàraidhean cuideachd anns a bheil còmhraidhean mu dhòighean air cuimhneachadh air òrain agus sgeulachdan ann an cultar traidiseanta de bheul-oideas.

Am measg nan daoine as ainmeile a chlàraich Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, tha: Dòmhnall Alasdair Seonsan (Dòmhnall Alasdair mac Iain Mhòir 'ic Dhòmhnaill 'ic Iain 'ic Raghnaill) (1889-1978) às an Àird Mhòir, Uibhist a Deas; Somhairle MacGill-Eain (Somhairle mac Chaluim 'ic Chaluim 'ic Iain) (1911-1996) à Òsgaig, Ratharsair; Pàdruig Moireasdan (Pàdruig Ghilleasbuig Phàdruig 'ic Iain) (1889-1978) à Griomasaigh; Ceit Dhòmhnallach (Bean Eairdsidh Raghnaill) (1897-1977) à Gearraidh Sheilidh, Uibhist a Deas; agus Gilbert Clark (1904-1989) à Port Sgioba, Ìle.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Bruford, Alan, agus MacDonald, Donald A. (deas.), Scottish Traditional Tales (Edinburgh: Polygon, 1994)

MacDonald, Donald A., 'Fieldwork: Collecting Oral Literature', ann am Folklore and Folklife: An Introduction, deas. le Richard M. Dorson (Chicago: The University of Chicago Press, 1972), td. 407-430