Rannsaich
Ciad ainm Dr Iain
Cinneadh MacAonghuis
Bliadhna breith 1930
Bliadhna bàis 2019

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Ùig

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Baile na Cille

Àireamh an neach 16

Eachdraidh-beatha

Tha an Dr Iain MacAonghuis (Iain mac Ruairidh mhic Iain mhic Nèill) air fear dhe na sgoilearan Gàidhlig as iomraitiche a th' ann, bho dheireadh na 20mh linn agus toiseach na 21mh linn. Thuirt an t-Urramach Uilleam MacMhathain gur esan 'the last of the native scholars', agus rinn Iain an obair-raoin aige le làn-thuigse air saoghal na Gàidhlig agus air na Gàidheil bhon do chlàraich e iomadh uair an uaireadair de dh'òrain, sgeulachdan agus eachdraidh. Tha an dìleab a dh'fhàg e gun choimeas, agus tha e na urram mòr do Thobar an Dualchais gu bheil na clàraidhean aige rin cluinntinn air an làraich-lìn.

Rugadh Iain MacAonghuis ann an Ùig, Leòdhas, air an treas latha dhen Ghiblean 1930. Bha athair, Ruairidh mac Iain mhic Nèill mhic Mhaol Mhoire, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba, agus bha buinteanas aige ris a' Mhorbhairne agus ris an Eilean Sgitheanach, agus thogadh a mhàthair, Mòrag Alasdair 'ic Mhurchaidh, a bha de Chlann MhicAsgaill, ann an Cladach Chirceboist ann an Uibhist a Tuath. Bha a' Ghàidhlig aig an dithis aca bhon ghlùin agus b' i cànan na dachaigh. Chaidh an teaghlach a dh'fhuireach a Ratharsair nuair a bha Iain ochd bliadhna a dh'aois, agus bha buaidh mhòr aig cruth-tìre an eilein, agus gu sònraichte na coilltean, air Iain. Chuir e eòlas cuideachd anns an àm seo air na càirdean Sgitheanach aige taobh athar. Bha luchd-ciùil, seinneadairean agus seanchaidhean nam measg, agus is cinnteach gun do phiobraich seo an ùidh a bh' aig Iain anns a' chultar aige fhèin.

Coltach ri iomadach eileanach eile anns an àm, b' fheudar do dh'Iain a dhol a Phort Rìgh airson foghlam àrd-sgoil fhaighinn, agus bhiodh e a' fuireach an sin rè gach teirm. Rinn e fìor mhath anns an sgoil agus fhuair e grunn teisteanasan Àrd-ìre, Laideann agus Greugais nam measg. Ach thuirt e ann an iomadh agallamh gun robh làmh-an-uachdar aig a' Bheurla anns an sgoil agus anns an ostail, agus gun robh tè Mrs Beaton ri moladh airson a chuid Gàidhlig a chumail a' dol tro na làithean sgoile aige. B' ann leatha a bha an taigh anns an robh a phiuthar a' fuireach, agus mura b' e Mrs Beaton agus a phiuthar fhèin, bu ghann a bhiodh cothrom aig Iain Gàidhlig a bhruidhinn.

Thog Iain ùidh ann an òrain Ghàidhlig thraidiseanta nuair a bha e mu shia bliadhn' deug a dh'aois. 'S e glè bheag de thachartasan Gàidhlig a bha a' dol ann am Port Rìgh anns an àm sin, agus ma bha cuirm ann le òrain Ghàidhlig, bha na h-òrain sin mar bu trice ann an nòs rudeigin clasaigeach agus eadar-dhealaichte bho na chuala Iain 's e a' fàs suas. Nuair a bha e dheugaire, thòisich e air cèilidh air càirdean athar anns an Eilean Sgitheanach. Bha iad aithnichte anns a' choimhearsnachd aca mar sheanchaidhean, agus b' e na daoine seo, a rugadh ann am meadhan na 19mh linn, a phiobraich am meas a bh' aig Iain air òrain Ghàidhlig sa chiad àite.

Dh'fhàg Iain Port Rìgh ann an 1948 agus chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann a dhèanamh Cànan na Beurla agus Seann Lochlannais. Bha e air leth soirbheachail an sin, agus cheumnaich e le MA ann an 1953 agus ghlèidh e cuideachd Sgoilearachd Gatty, a leig leis rannsachadh for-cheum a dhèanamh ann an rud sam bith ceangailte ri cànain Angla-Shasannach no Gearmanach.

An dèidh dha a Sheirbheis Nàiseanta a dhèanamh ann an 1957, thill Iain a Dhùn Èideann agus ghabh e fastadh aig Sgoil Eòlais na h-Alba, a' teagasg Seann Bheurla agus a' Bheurla Mheadhanach aig an oilthigh, pàirt-ùine sa chiad dol a-mach. Chaidh àrdachadh ann an 1959 gu dreuchd Co-eòlaiche Rannsachaidh (aig ìre tòiseachaidh), agus dh'fhan e aig an Sgoil gus an do leig e dheth a dhreuchd mar Àrd-òraidiche ann an 1993.

Tha obair-raoin an Dr Iain MacAonghuis air làrach-lìn Tobar an Dualchais a' gabhail a-staigh raon mòr dhen a' Ghàidhealtachd agus tha e a' sealltainn mar a bha e a' miannachadh a dhol dha na sgìrean far nach robh a' Ghàidhlig ach aig na seann daoine, leithid Dùthaich MhicAoidh agus Siorrachd Pheairt. Tha farsaingeachd mhòr anns an obair-raoin aige - bho òrain agus sgeulachdan gu eachdraidh ionadail agus ainmean-àite - agus 's e stòras air leth a th' ann de dh'fhiosrachadh agus cleachdaidhean air a' Ghàidhealtachd. Chaidh a' mhòr-chuid dhe na clàraidhean aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais a thogail eadar 1950 agus 1970, an dearbh àm a bha Sgoil Eòlais na h-Alba aig a h-àirde a thaobh cruinneachadh.

Am measg nan daoine sònraichte a chlàraich Iain MacAonghuis, tha Tormod MacCuithein à Hiort; Iain Mac a' Mhaoilein (Iain Mòr na Cruaiche) à Gar an Tulaich, Siorrachd Pheairt; Dòmhnall MacAoidh à Diùirnis, Dùthaich MhicAoidh; John Robertson air an t-Seasgainn, Arainn; agus Mrs Margaret Cross à Àiliginn, air a' Chomraich.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

MacInnes, John, Dùthchas Nan Gàidheal: Selected Essays of John MacInnes, deasaichte le Michael Newton (Edinburgh: Birlinn, 2006)