Rannsaich
Ciad ainm Iain
Cinneadh MacDhòmhnaill
Far-ainm The Bard
Bliadhna breith 1876
Bliadhna bàis 1964

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cill Mo Naomhaig

Baile/Àite - An Drochaid Àrd

Àireamh an neach 322

Eachdraidh-beatha

Tha còrr is 120 clàraidhean Gàidhlig air làraich-lìn Tobar an Dualchais le Iain ‘Am Bàrd’ MacDhòmhnaill. Chaidh an clàradh às leth Sgoil Eòlais na h-Alba anns na 1950an le Calum Iain MacIlleathain agus anns na 1960an leis an Dr Iain MacAonghuis. Tha na clàraidhean ag innse dhuinn beagan mu dè cho dìcheallach agus a bha Iain mar sheanchaidh agus bàrd.

Rugadh Iain MacDhòmhnaill ann an Taigh na Drochaide, faisg air Drochaid an Aonachain air a’ Ghàidhealtachd- an treas pàiste am measg aon-deug. B’ e MacGilleMhantaich a bh’ air an teaghlach bho thùs, ach dh’atharraich iad seo gu MacDhòmhnaill an dèidh a’ chunntais-sluaigh ann an 1871. Thathar a’ creidsinn gun tàinig teaghlach MhicGhilleMhantaich à Eilean Bharraigh, agus b’ e Dòmhnall Ruadh Beag MacGhilleMhantaich a’ chiad duine a chaidh a chlàradh leis an ainm sin ann an 1497. Aig an àm seo, bha Clann MhicGilleMhantaich ann an caidreachas leis na Dòmhnallaich.

B’ e clachair a bh’ ann an athair, Seumas Ruadh, agus shiubhail e tron Ghàidhealtachd gus cosnadh a dhèanamh. Fhad ’s a bha e a’ siubhal, thog e sgeulachdan agus ainmean-àite a’ bunntainn ris na h-àiteachan anns an robh e, agus thug e an t-eòlas seo dha a mhac Iain. Anns a’ chlàradh seo bho 1953, tha Iain a’ bruidhinn mu bhith ag ionnsachadh sgeulachdan bho chuid de na bodaich anns a’ choimhearsnachd. Tha e cuideachd ag ràdh mar a bhiodh daoine a’ tighinn dhan taigh gus èisteachd ri sgeulachdan athar.

An dèidh dha an sgoil fhàgail, bha Iain ag obair air an rathaid-iarrainn mar surfaceman air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Nuair a ràinig e aois a’ pheinnsein, fhuair e obair air na rathaidean do Choimhairle Shiorrachd Inbhir Nis gus an do chaill e a lèirsinn nuair a bha e anns na h-ochdadan aige.

Mar neach-eachdraidh cliùiteach, chuir Iain ri grunn leabhraichean, a’ gabhail a-steach ‘Bygone Lochaber’ le Somhairle MacIllemhaoil, agus ‘The Flight of the Heron’ le D K Brooster. Bha artaigeal air a sgrìobhadh ma dheidhinn cuideachd anns a’ Scottish Daily Express anns a’ Chèitean 1962.

Anns an leabhar ‘The Highlands’, tha Calum MacIlleathain a’ cuimhneachadh air a’ chiad turas a thachair e ri Iain, agus sgrìobh e “that he could not remember how many songs he had composed, perhaps a hundred or two [hundred]. He had just composed a song in praise of the young Scots who had removed the Stone of Destiny from Westminster Abbey. The Stone was then at large. We crouched down behind a wall and he sang the song. It was full of vigour and fire … I knew I had met a real character.”

Seo an t-òran a sgrìobh Iain mu Chlach-chrùnaidh na h-Alba, ‘Siud na Daoine bha Aoigheil Aighearach’, air a chlàradh le Calum Iain MacIlleathain anns a’ Chèitean 1952.

An dèidh a’ chiad choinneimh eadar Calum Iain agus Iain ‘am Bàrd’, choinnich iad turas gach seachdain fad còig mìosan agus, a rèir Chaluim, “day after day [John] came and poured out the unwritten history of Lochaber. Everything that ever took place there seems to have left an imprint in his memory. Figures like St Columba, Robert the Bruce, the Red Comyn, Donald Balloch, son of the Lord of the Isles, … Charles Edward Stuart … and the patriot Dr Archibald Cameron, brother of Lochiel, flitted across the stage with which John the Bard was so familiar.”

Anns a’ chlàradh seo bho 1961, tha Iain a’ toirt seachad fiosrachadh mu Dhòmhnall Donn, mac fhear an tacsa ann am Both Fhionndainn (baile a tha faisg air an Drochaid Ruaidh). Tha e ag innse mar a theich Dòmhnall Donn bho dhaoine a bha airson a ghlacadh, agus tha e cuideachd ag aithris rann a chaidh a sgrìobhadh do Dhòmhnall an dèidh dha mac Iain Lom a mharbhadh.

Bhiodh Iain ag innse cuideachd sgeulachd mu aon de na gaisgich as ainmeile ann an Loch Abar- Dòmhnall Mòr Òg, a bha na bhàillidh do dh’oighreachdan Hunndaidh agus Gordon tràth anns an 19mh linn. An dèidh a bhàis, chaidh cumha a sgrìobhadh ma dheidhinn, le 16 rannan, agus dh’fhàs e ainmeil am measg sheinneadairean anns an sgìre. Tha Calum Iain MacIlleathain ag innse mar a fhuair bodach greim air lethbhreac de ghrunn rannan bhon òran, air an sgrìobhadh sìos ann an Ceap Breatainn le cuideigin à muinntir Loch Abar. Bha am fear gu math moiteil às, agus bhiodh e ga shealltainn dhan a h-uile duine ris an do thachair e. Aon latha, choinnich e ri Iain am Bàrd, agus leugh e na rannan dha. Dh’fhaighnich e do dh’Iain nan robh e eòlach air an òran, agus nuair a thuirt Iain gun robh, dh’iarr am fear air an t-òran a ghabhail. Ghabh Iain 16 rannan, agus nuair a bha e deiseil, thilg am fear am pìos pàipear dhan sgudal! ’S e ‘Marbhrann Dhòmhnaill Mhòir Òig’ a th’ air an òran, agus chaidh Iain a chlàradh ga ghabhail ann an 1952.

A bharrachd air sgeulachdan eachdraidheil agus òrain, bha Iain deidheil air sgeulachdan os-nàdarra. Anns a’ chlàradh seo bho 1952, tha e ag innse sgeulachd mu bhoireannach a rinn corp crèadha de bhalach nach pòsadh a nighean.

Tha cuimhneachan math aig Jim Burgess, ogha bràthair Iain, bho bhith a’ cèilidh air Iain anns an taigh aige ann an Taigh na Drochaide eadar na 1940an agus na 1970an nuair a bha Iain an sàs gu mòr ann an croitearachd. Tha Jim a’ cuimhneachadh “that John (Iain) had a great sense of humour and would write a song about anybody or anything, at the drop of a hat.”

Tha iomradh ann an leabhar Jim Hunter ‘Scottish Highlanders : A People and their Place’ a tha gu math freagarrach do dh’Iain am Bàrd. Sgrìobh e “It was among the commonalty, among John MacDonald and his like, that there lingered the best features of the Gaelic civilisation...”



Iomraidhean agus Leughadh a Bharrachd

James Hunter, ‘Scottish Highlanders: A People and Their Place’ (1992)
Stuart MacDonald, ‘The MacGillivantic MacDonalds and John, Bard of Highbridge’ (Lochaber Pamphlet No. 3)
Calum I Maclean, ‘The Highlands’ (1990)
The lament ‘Marbhrann Dhòmhnaill Mhòir Òig’ is reproduced bilingually in Tocher no. 39, published by the School of Scottish Studies, University of Edinburgh.