Rannsaich
Ciad ainm Dòmhnall Alasdair
Cinneadh Seonstan
Sloinneadh Dòmhnall Alasdair mac Iain Mhòir 'ic Dhòmhnaill 'ic Iain 'ic Raghnaill
Bliadhna breith 1889
Bliadhna bàis 1978

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An Àird Mhòr

Àireamh an neach 487

Eachdraidh-beatha

Rugadh Dòmhnall Alasdair (Dòmhnall Alasdair mac Iain Mhòir 'ic Dhòmhnaill 'ic Iain 'ic Raghnaill) ann an 1889 agus bha e a' fuireach anns an Àird Mhòir. Chaidh e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhn' deug agus bha e aig muir airson greis, mus d' fhuair e obair aig na dockyards. Bha e anns an Royal Naval Division sa Chiad Chogadh agus bha e air a leòn dà thuras. Chaidh e dhachaigh aig deireadh a' chogaidh agus phòs e Anna NicIllEathain. Chaochail ise ann an 1962. B' e sgeulaiche a bh' ann an Dòmhnall Alasdair agus dh'ionnsaich e tòrr dhe na sgeulachdan aige bho athair, a bha à Eirisgeigh bho thùs.

Chaidh Dòmhnall Alasdair a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba iomadh turas eadar 1969 agus 1975. Am measg nan clàraidhean aige, tha sgeulachdan, eachdraidh ionadail, cleachdaidhean, òrain agus puirt.