Mar a fhuair Bran air ais an dath a bh' air o thùs.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
109353
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1965.133.B5
Original Tape ID
Summary
How Bran's original colour returned.
This story tells how the Fingalians were in a boat and threw Bran to a monster, in order to save themselves. The monster eventually came onshore and Bran was ejected through her mouth. It was some time, however, before his original colour returned.
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Peggy MacDonald (PM): Fionn uaireigin a' falbh air bàta.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Bran?
PM: Seadh. Bha e aige. Agus bha Fionn a' falbh suas air a' bhàta a bha seo, agus bha aca ri biast no rudeigin a chur air... bha biast mhòr a' tighinn air tìr, 's bha duine no beothach no rudeigin aca ri chur... chur a-mach dhi. Agus chunnaic iad a' bhiast seo ag èirigh a-nist, agus... airson... eagal gum marbhadh i duine. Agus dh'fhalbh Fionn agus thilg e a-mach Bran, agus shluig i e. Agus an ceann poille mòr, chunnaic iad i ga sàthadh fhèin suas air port tioram. Agus chuir i a-mach Bran air a beul, agus gun ròin, fionnan no rud eile air. Agus sin nuair a thàinig Fionn agus chuir e a-staigh do dh'ospadal e. Agus chaidh an uair sin a leigheas, agus nuair a thàinig Bran a-mach, bha e loma-làn... bha... geal a bha e uile. Agus thuirt Fionn:
"Chan e sin," ars esan, "coltas Bran idir," ars esan. "Taobh dhubh agus tàrr geal, dà chluais ghorma chun na seilge 's... druim uaine chun na seilge," ars esan, "dà chluas chorrach chrò-dhearga."
Sin a dh'iarr e. Agus thug iad an sin a-staigh a-rithist e, agus chuir iad air ais sin air, agus bha... b' fheudar dhaibh, leis cho goirt 's a bha a chas, b' fheudar dhaibh cuaran òir a chur air a chois, agus bha an cuaran òir riamh air às a dhèidh sin.
Shin agad mar a dh'èirich...

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Fair