Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
14002
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
A look at the Blackhill area of Glasgow.
Alexander MacAulay, who was in the police in the Blackhill area of Glasgow in the 1960s, discusses the sort of place it was at that time. He explains how the area, given its small size, was one of the worst in Glasgow for crime and violence. Today [1998], millions of pounds are being spent trying to develop the place.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Item Location
County - Lanarkshire
Parish - Glasgow
Village/Place - Blackhill
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Sgìre an Glaschu le fìor dhroch chliù a th' air a bhith ann an sgìre a' Chnuic Dhuibh. Blackhill. Sin airson an leth-cheud bliadhna mu dheireadh, co-dhiù. Àite le mòran dhaoine gun chosnadh, taighean ann an droch dhòigh, mòran a' briseadh an lagh. Sin an ìomhaigh, an dealbh a th' aig daoine dheth co-dhiù. Tha a-nis oidhirp ga dhèanamh taighean ùra a thogail san sgìre. Taighean a chuireas às dha na seann togalaichean a chaidh an togail ro àm an Dara Cogaidh. Tha dòchas a-nis gun tig ath-nuadhachadh, fìor ath-nuadhachadh, air an sgìre, le muinntir an àite a' gabhail làmh nan coimhearsnachd fhèin ann an dòigh nach robh sna làithean a dh'fhalbh. Thug Ailig MacAmhlaigh bliadhnaichean air a' phoileas ann am Blackhill anns na trì ficheadan. Tha iomadh cuimhne aige air an seòrsa àite a bh' ann. Tha e còmhla rium air an loidhne à Uibhist a Tuath an-dràsta. Uill, Ailig, dè seòrsa àite a bh' ann am Blackhill nuair a bha thusa ann?
Ailig MacAmhlaigh (AM): Ò, bha, àite salach eucoireach. Sin mar a chuirinn dhut e.
CM: Dè... dè cho mòr 's a bha e? An e àite mòr a bh' ann?
AM: Cha robh. Chan e. Cha b' e àite mòr a bh' ann am Blackhill idir. Ged as e Blackhill a bh' air, bha a' chuid a bu mhotha dheth ann an lag. Ann an ear-thuath baile Ghlaschu a bha e.
CM: Am biodh e ceart a ràdh gur dòcha gun robh cliù nas miosa aig Blackhill na bh' aig àite eile ann an Glaschu aig àm?
AM: Uill, chan eil fhios a'm. Bha droch chliù aig àiteachan eile an Glaschu gun teagamh, ach chan eil mi a' smaoineachadh gun robh àite cho beag anns an robh uimhir a dh'eucoirich 's a mhèirlich 's dhen h-uile droch rud a' dol air adhart 's a bh' ann am Blackhill. Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh ann an àite beag.
CM: Cha robh ann ach taighean. Cha robh dad a ghoireasan ann, an robh?
AM: Bha aon... bha aon sreath bhùithtean ann. Bha sia bùithtean ann anns an t-sreath a bha sin. Sin uile. Cha robh... cha robh goireasan eile idir ann.
CM: Agus aig an àm a bha sin, cha robh na taighean, cha robh iad cho aosta ri sin, an robh, na taighean 's na togalaichean a bh' ann?
AM: Cha robh. Cha robh. 'S e taighean matha a bh' ann am Blackhill. Cha robh dad ceàrr air na taighean. 'S e an fheadhainn a bh' annta. 'S e slum clearance a th' ann am Blackhill. Ron... ron chogadh, 's ann a chaidh a thogail. 'S e golf course a bh' ann ron a sin. Agus àite brèagha, tha mi a' creidsinn, a bhiodh ann ron a sin. Ach siud a thachair nuair a thàinig na daoine ud ann, agus bha a h-uile seòrsa duine ann mu dheireadh. Feadhainn... 's e glè bheag aig an robh obair, 's na h-oidhchean cha robh seirbheisean no busachan no dad mar sin a' dol troimhe.
CM: Uill 's e àite snog a bh' ann aig aon àm gu dearbh. Man a thuirt thu, bha raon-goilf air a bhith ann ron a sin, agus bha... tha Faiche Mhonkland a' ruith troimhe, agus mar sin dheth, chan e àite ro mhì-chàilear a bh' ann mus deach na taighean a thogail.
AM: Ò cha b' e, cha b' e.
CM: Ach nuair a bha thusa ann sna trì ficheadan, 's dòcha gur e sin an t-àm a bu mhiosa a bh' ann, a thaobh bha sabaistean nan gangs 's rudan mar sin a' dol air adhart, nach robh?
AM: Shin agad e. Och bha. 'S e àite... àite cunnartach a bh' ann. Bha e cunnartach. 'S e glè bheag a bha a' dol a-staigh a Bhlackhill. 'S e an èiginn a bheireadh ort a dhol ann, ma tha thu gam thuigsinn. Dh'fheumadh na poilis, gu dearbh, 's am post a dhol ann 's a leithid sin, ach cha b' urrainn dhut càr a bheir leat ann. Cha robh càr aig duine ann, 's nam faiceadh tu càr air an rathad, 's e annas a bha sin.
CM: Carson a bha sin?
AM: Bha, cha maireadh e tiotan gu 'm biodh e air a spealgadh no air a bhristeadh.
CM: Nise, an robh e dha-rìribh mar sin? Airson, fhios a'd, nuair a chanas sinne an-diugh, 'Ò, 's e àite uabhasach a bh' ann - bha e siud 's bha e seo,' canaidh daoine rinn, 'Och uill, cha robh e cho done ri sin - 's e bha sin ach ìomhaigh a bha na meadhanan a' toirt dha.' An robh e cho dona ri sin?
AM: Och bha. Bha, bha. Bha mise an grunn àiteachan. Bha mise eòlach air Glaschu, agus nuair a smaointicheas mi air anns na... anns na sixties mar sin, 's e... cha b' aithne dhòmhsa àite an Glaschu cho dona ris co-dhiù.
CM: Aon rud a bh' ann, bha aon sgoil ann a bha fìor mhath, a rèir coltais, 's e sin sgoil nam mèirlich. Tha e coltach gun robh iadsan fìor mhath.
AM: Ò bha, gu dearbh. 'S iad a b' fheàrr a bha... a chunna mise riamh co-dhiù.
CM: Ciamar a... ciamar a bha thu a' meas sin?
AM: Och uill, cha robh ach... bha obair uabhasach agad fianaisean fhaighinn. Bha a h-uile duine air an clisgeadh ro bheagan theaghlaichean. Bha sin ann cuideachd. Bha beagan theaghlaichean ann agus làmh-an-uachdair aca air an eucoir a bha a' dol, agus bhiodh e doirbh aig an àm a bha sin dha na poilis fianaisean fhaighinn nan aghaidh. A bheil thu gam thuigsinn?
CM: Ann an seagh, ge-tà, 's e coimhearsnachd beag a bh' annta dhaibh fhèin cuideachd. Airson, fhios a'd, cha robh... cha robh iad a' gabhail tòrr ùidh anns an lagh agadsa, a-rèiste. An e sin a tha thu ag ràdh?
AM: Cha robh, cha robh, cha robh. Bha gràin chianail aca air a' phoileas, agus air ùghdarras sam bith.
CM: Ach an robh an dòighean fhèin aca air an lagh aca fhèin a chumail?
AM: Bha, bha. 'S ann leis a' ghunna no leis an sgithinn a bha sin ga dhèanamh.
CM: A bheil thu dha-rìribh?
AM: Tha, an fhìrinn ghlan a th' agam. Nan d' reigheadh duine a sheotadh no nan d' reigheadh duine a leòn le sgian, bha obair uabhasach agad fianaisean fhaighinn. Bha fhios aca fhèin cò rinn e, ma tha thu gam thuigsinn. Ach cha robh... bha iad airson an dòigh fhèin fhaighinn dheth.
CM: Nise, cha bu tusa an aon duine anns an teaghlach agad aig an robh eòlas air Blackhill idir aig an àm a bha sin, an e?
AM: Ò... uill, 's e.
CM: Nach robh do phiuthar ann?
AM: Cha robh, cha robh. Bha sin ron a sin. Bha i... bha i... nursadh a bha mo phiuthar. B' ann ri nursadh a bha mo phiuthar, agus dòcha nach robh i ach aon turas riamh am Blackhill. Ach chuala mi eachdraidh aice, i fhèin 's tè eile, chan eil fhios a'm cò an tè a bh' ann, a' dol suas clobhsa ann am Blackhill a choimhead air cuideigin a bha bochd, tha mi cinnteach, agus fhuair iad ceann coin anns a' chlobhsa.
CM: Ah, ghia.
AM: Uill, tha siud fìor. Uill, dè seòrsa àite anns an tachradh sin do chù? Innis thusa dhòmhsa.
CM: Uill chan eil fhios agamsa gu dearbha. Ach co-dhiù, cha bhiodh iad a' cur fàilte ortsa agus do sheòrsa ann co-dhiù, airson 's e a bh' annadsa ach poileas.
AM: Chan fhaigheamaid-ne... chan fhaigheamaid-ne cuireadh sam bith ann. Chan fhaigheadh.
CM: Tha a-rèiste... 's e adhbhar toileachais a bhios ann, a-rèiste, gu bheilear a' dèanamh an leasachadh a tha seo, gu bheilear a' dol a thogail taighean ùra, agus gu bheil a-nise a' choimhearsnachd fhèin agus muinntir na coimhearsnachd, mar a tha iad ann an grunnan àitichean eile timcheall air Glaschu, ag ràdh a-nise, 'Tha sinn a' dol a riaghladh seo - chan e na mèirlich, chan e na h-eucoirich, cha b' iad... cha b' ann aca a tha làmh-an-uachdair gu bhith tuilleadh.'
AM: Uill, tha mi an dòchas gun tèid leotha leis a sin. Ach chan eil dad air Blackhill... dhe Blackhill air fhàgail. Tha mi a' creidsinn gu bheil fichead bliadhna o thòisich iad a leagail, 's chan eil cus dhen t-seann àite a b' aithne dhòmhsa air fhàgail idir. Chan aithnichinn an t-àite, tha mi a' creidsinn, an-diugh.
CM: Agus man a tha thusa ga innse, 's e sin as... tòrr a b' fheàrr, gu dearbha.
AM: Ò 's e, gu fìrinneach. Cha tigeadh an còrr air... cha robh... cha robh còir aig an t-àite a bhith ann riamh.
CM: Ailig, tapadh leatsa gu dearbha.
AM: Shin thu, ma-thà.
CM: Ailig MacAmhlaigh ann an sin, air an loidhne à Uibhist a Tuath, a' cuimhneachadh air na làithean nuair a bha esan na phoileas ann am Blackhill.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good