An dithis bhalach, an dòbhran donn, agus am fiadh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
22905
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1952.126.3
Original Tape ID
Summary
The two lads, the otter, and the deer.
Two lads out hunting in Coire Chlamhraidh got lost in the snow and spent the night with an old woman. She told them next day to follow the track of the otter in the snow. This led them across a flooded burn and to some deer. They shot the deer but only found its hide bundled up when they reached it. Their father said that they should have blessed the food to stop the fairies getting the profit out of it.
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain MacDhòmhnaill: Dh'fhalbh dà ghille òg tapaidh a shealg, agus ghabh iad a-mach ri coire ris an abair iad Coire Chlamhraidh. Tha Coire Chlamhraidh aig ceann shuas na Làirig mar a... an Làirig Leacach. Agus bha iad a' sealg, agus dar a thàinig am feasgar, iad sgìth, allabanach, thuit sneachda trom. Chaill iad an rathad 's cha robh iad cinnteach cà 'n robh iad, ach bha iad a' coimhead anns gach oisinn 's fròg 's àite feuch am faigheadh iad fasgadh san cuireadh iad seachad an oidhche. Agus àite cha robh iad a' faicinn no a' faotainn, agus iad a' falbh anns an allaban agus iad air an logairt le sgìos agus le acras.
Ach thug fear dhiubh an aire do sholas beag air thoiseach orra.
"Ma-tà, nì sinn air an t-solas a tha siud, 's chan eil forfhais againn air solas fhaicinn riamh roimhe ann, ach nì sinn air."
Rinn iad air an t-solas a bha seo, agus bha gròbadh beag air an doras agus bha iad a' faicinn a-staigh cailleach cho grànda 's a chunnaic iad riamh, 's i na suidhe taobh an teine, agus i ag obair air ceirsle shnàtha agus i a' cur snaidhm air an-dràsta 's a-rithist. 'S bheireadh i sùil a-nunn 's a-nall, ach mu dheireadh thall mar a bha iad a' dlùthadh ris an doras agus i... iad cinnteach nach d' fhairich i riamh iad:
"Thigibh a-staigh," thuirt i. "'S fhada on a bha dùil agam ribh."
Chaidh iad a-staigh. Fhuair iad biadh, agus thuirt i riutha a dhol a chadal, agus fois na h-oidhche a ghabhail.
Chaidh iad a chadal agus ma chaidh, cha d' fhuair iad mòran cadail ach a' smaoineachdainn air a' choltas a bh' air a' chailleach. Agus fhuair iad am biadh-madainne bhuaipe agus dh'fhalbh iad.
"Nis," thuirt ise, "thàinig sìth air an t-soirbheas, agus bidh e nas fàbharaiche dhuibh, agus shiud an rathad air a thèid sibh," thuirt i, "a-mach am bealach, agus dar a ruigeas sibh am bealach ud," thuirt i, "thig sibh air lorg dòbhrain, agus leanaidh sibh lorg an dòbhrain, agus cha bhi e gu ur call."
'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh iad 's mar a thuirt b' fhìor. Nuair a ràinig iad am bealach chunnaic iad lorg an dòbhrain san t-sneachda. Lean iad an lorg 's cha deach iad fuathasach fada nuair a bha iad dlùth air an dòbhran. Agus bha tuil mhòr anns an allt aig beul-àtha, aig stair a bha a' dol thairis, agus bha an t-eagal orra nach fhaigheadh iad seachad. Ach chaidh an dòbhran seachad air an allt, agus dar a chaidh an dòbhran seachad air, 's ann a thàinig sìth air an allt agus dh'fhàs e cho ìseal agus gun d' fhuair iad seachad.
Thuirt an dàrna fear ris an fhear eile:
"Cha robh briathran na caillich, cha robh i tuathal," thuirt e.
'S cha deach iad fada idir air adhart nuair a chunnaic iad fiadh brèagha.
"Nise," thuirt... thuirt esan, "cha robh sinn ann an call cuideachd, ged a bha allaban glè mhòr oirnn an-dè cha d' fhuair sinn fiadh, agus nam biodh fhios againn gun robh am fear seo cho teann oirnn cha deach sinn cho fada."
Agus dh'fheuch iad air an fhiadh agus mharbh iad e. Chaidh iad an-àird far an robh am fiadh, 's dar a chaidh iad far an robh am fiadh, cha robh nì an sin ach an t-seiche 's i air a pasgadh cho grinn agus a chunna tu riamh, agus a' chlosach air adhart.
"'S e gnothach iongantach a tha seo," thuirt an dàrna fear ris an fhear eile.
"'S e."
"Ma-tà, bhon a fhuair sinn sàbhailte às a h-uile cunnart, nì sinn air an taigh."
'S mar a bha iad a' teannadh am bràigh an taighe, chunnaic iad an athair agus e gu math iomagaineach dè thachair dhaibh.
"Tha mi cho toilichte gun tàinig sibh dhachaigh. Cà 'n do chuir sibh seachad an oidhche?"
'S dh'innis iad a h-uile car, mar a thachair dhaibh agus mar a mharbh iad am fiadh agus nach d' fhuair iad e, 's mar a chaidh a thoirt air falbh.
"Tha mi coma," thuirt e, "ged nach fhaigheadh sibh fiadh am feast nuair a thàinig sibh fhèin dhachaigh, ach," thuirt... thuirt esan, "daonnan beannaichibh am biadh, agus mura tèid am biadh a bheannachadh," thuirt esan, "'s e an t-sìthiche a tha a' faotainn an toradh aige, agus 's ann mar sin a dh'fhalbh an toradh às an t-seiche. Cha robh nithean agaibhse ach an t-seiche, agus cuimhnichibh am biadh a bheannachadh agus mar sin bidh an toradh agaibh fhèin."
Cha robh i dona. Ciamar a tha i sin?

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good