Dealan-dè
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
31545
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Kenneth MacDonald talks about his forty-seven years as a postman in Applecross.
Kenneth MacDonald was a postman in Applecross all his life except for the years he was in the army. At the beginning he had to walk eight miles through the moor to a gamekeeper's house. He had to carry heavy parcels and later travelled by bicycle before the post office vans started. He tells a humorous story about a day when he travelled part of the journey with Dr MacLeod on horseback.
Item Subject/Person
MacDonald, Kenneth
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Parish - Applecross
Village/Place - Applecross
Item Location
County - Ross and Cromarty
Parish - Applecross
Village/Place - Applecross
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach Dòmhnallach (CD): Thòisich, na mo bhalach, dar a dh'fhàg mi an sgoil. Bha am post a bha a' dol dhan Àirigh Dhriseach, ochd mìle coiseachd gacha rathad, bha e a' dol a dh'ionnsachdainn saorsainneachd, 's chaidh mise na àite airson ùine ghoirid, agus lean mi ann airson ceithir bliadhna deug, gus gun deachaidh mo thogail dhan arm. Bha mi eadar trì 's a ceithir a bhliadhna anns an arm, 's thàinig mi dhachaigh, 's bha àite falaimh air ceann eile an dùthaich shuas airson post, 's chaidh mi na mo phost ann an sin. 'S bha mi ann gus gun do sguir am post a bha a' dol ann dheth, gu 'n do leig e dheth a dhreuchd le... bha an aois aige an-àirde, 's bha mi ceithir no còig a bhliadhnachan na àite gus gun do sguir mi dar a bha mi trì fichead 's a dhà... no trì fichead 's a... 's e, trì - trì fichead 's a trì.
Cailean MacIllEathain (CM): Cò ris a bha an obair coltach nuair a thòisich sibh ann?
CD: Uill, bha an obair trom an uair sin, gu math atharraichte bhon an obair a tha an-diugh ann. Bhiodh... cha robh ann taigh geamair, 's bhiodh iad a' faighinn mòran dhen an stuth tron a' phost, 's bhiodh eallaich gu leòr ann, dar a bha agaibh ri coiseachd ochd mìle leis. Bha e trom gu leòr mus ruigeadh sibh an ceann eile dhen an sgìre. Shaoileadh sibh aotrom gu leòr e dar a dh'fhàgadh sibh, ach mus ruigeadh sibh an ceann thall cha robh e cho aotrom sin. 'S bha... shin agaibh mar a bha e a' dol an uair sin.
CM: An robh rathad ceart ann?
CD: Cha robh rathad idir ann, ach tron a' mhòinteach. Ach rinn iad rathad dhan a' gheamair 's dhan an t-sealg dar a bha mise seachd bliadhna a' dol ann. Char rathad caol airson ponies, mar a their sinn mu na h-eich, a dhèanamh, a' dol ann airson an t-sealg aig na h-uaislean.
CM: Agus bha agaibh ri coiseachd an toiseach?
CD: Bha fad na tìde a' coiseachd. Cha b' urrainn na bu chaochladh a dhèanamh.
CM: Ach cha d' fhuair sibh bhàn, no càr, no carbad idir?
CD: Fhuair, carbadan gu leòr mun do sguir mi, an ceann dà fhichead bliadhna. Bha, mar a their sinn, dar a chaidh mi suas gu ceann eile na sgìreachd an dèidh thighinn dachaigh às a' chogadh, bha baidhsagal a' dol. 'S e coiseachd a bha am post a bh' anns an dùthaich uile-gu-lèir a' dèanamh dar a thòisich mise, 's bhithinn a' dol na àite airson nan làithean-saora aige, 's bhithinn fhìn a' coiseachd, 's cha b' e sin... eallach dha-rìribh. Agus cha robh... ach an dèidh sin thàinig, mar a their sinn, am baidhsagal, 's thàinig a-rithist an carbad ola 's thàinig a-rithist fear na bu mhotha, 's tha a-nise fear nas lugha air ais a-rithist ann, 's bha mi air na trì aca.
CM: Tha fhios gun robh uaireannan ann nuair a bha sibh a' coiseachd tro gèilichean agus...
CD: Ò, gèilichean, ach 's e sneachd a bu dorra. Bha. Bhithinn uaireannan a' dol a-bhàn gu math anns an t-sneachda, 's làithichean dh'fhaodadh nam biodh uabhas sneachd ann, cha d' reighinn ann gu an làrna-mhàireach. Ach bha iad glè - na geamairean a bh' ann - glè choibhneil rium. 'S iomadh uair a thàinig iad na mo choinneimh letheach slighe dar a bhiodh droch latha ann.
CM: An robh agaibh ri falbh aig àm àraid?
CD: Bha, aig cairteal an dèidh deich. Bha mi a' coinneachdainn a' phost a bha a' tighinn bhon a' Phost Office shuas. Bha mi ga choinneachdainn ann an Toghsgaig, 's bha mi a' togail nan litreachan bhuaithe ann an sin an uair sin, 's bhithinn a' tighinn air ais... dar a bhithinn a' tighinn air ais, bhiodh... bha bogsa ann an Toghsgaig - uill, àite beag - airson litreachan 's bhithinn gan cur ann 's thigeadh e fhèin gan togail às dar a bhiodh e a' dol timcheall an ath latha.
CM: Dè cho fada 's a thug sibh air an rathad?
CD: Uair a thìde 's gu leth làithean, 's nam biodh droch latha ann [?eala] beag a chòrr air a sin. Cha robh... 's e sin an uair. Bha an uair air a chur romham.
CM: Tha fios a'm gun robh sibh a' giùlan litrichean agus, an-dràsta 's a-rithist, bogsaichean, ach an robh agaibh ri rudan eile a ghiùlan cuideachd?
CD: Ò, biadh a bha iad ag ithe. Nach robh e a' tighinn tron a' phost? An t-uisge-beatha a bhiodh iad ag òl. Nach robh e a' tighinn tron a' phost? Agus mòran dhe na bha iad ag ithe. Ò 's iomadh... dar a thòisich an wireless... dar a thàinig an wireless an toiseach, 's iomadh battery a thug mi leis na mo làimh dhan a' gheamair dar a bhiodh iad a' tighinn a-nuas an seo dhan Lianaig, tha fios agad. Na batteries, anns an t-seann làithean, bhithinn-sa a' toir leis a' bhattery air ais thuige 's thigeadh e fhèin na mo choinneimh letheach slighe.
CM: Nise, bha sibh ag obair aig a' phost airson dà fhichead bliadhna 's a seachd. An robh sibh a' faireachdainn truagh an latha a dh'fhàg sibh e?
CD: Bha gu dearbha. Cha robh mi an dùil gum fairichinn cho truagh. Bha mi an dùil gun tug cuideigin rudeigin air an robh grèim agam às mo làmhan. Shin agaibh mar a dh'fhairich mi. Ma thuigeas sibh dè tha mi a' ciallachdainn. Gun deach rudeigin a bha... air an robh grèim daingeann agam a spìonadh às mo làmhan. Agus 's ann dhe mo chead fhèin a sguir mi. Sin mar a dh'fhairich mi.
CM: Agus nuair a thòisich sibh an toiseach, dè cho mòr 's a bha ur tuarastal an uair sin?
CD: Cha robh an tuarastal agamsa an uair sin ach... ò, dh'fhaodadh gun robh e trì notaichean no rudeigin san t-seachdain.
CM: An e obair thaitneach a bh' ann?
CD: Uill, a rèir dè rathad a ghabhadh tu e. Nan dèanadh tu taitneach e, bhiodh e taitneach. 'S ma bha do thoil leat, bhiodh e taitneach. Ach ma bha thu ag obair an aghaidh do chàil, cha bhitheadh. Bheil thu a' tuigsinn?
CM: An do thachair sìon iongantach ribh nuair sibh ag obair aig a' phost?
CD: Uill thachair, dar a bha... na mo bhalach 's mi a' dèanamh na làithean-saora aig an t-seann phost a bha an seo, agus bha mi... bha agam ri coiseachd... bha mi a' fuireach anns a' cheann a-bhos dhen an dùthaich 's bha agam ri coiseachd a-suas, 's bha mi a-rèist a' tighinn a lìbhrigeadh nan litreachan 's bha mi a' dol air ais air an oidhche leotha. Agus bha an dotair, 's e Zadok a theireadh sinne ris, 's bha each aige, agus rug e orm air an rathad. Char e... bha mise a' coiseachd 's bha esan a' tighinn air an each, 's dh'fhalbh truas mòr dhìom tha mi a' smuaineachdainn, agus chuir e air an each mi, agus bha mise air an each agus feagal mo bheatha orm gun tuitinn, agus esan a' ruith ri taobh an each gus gun do ràinig sinn àite nan litreachan, am Post Office. Agus dar a thàinig mise dhen an each, cha b' urrainn domh seasaimh, leis mar a bha mi a' leigeil mo chuideam cho marbh. Tha fhios agaibh, a' leigeil mo chuideam cho marbh air an each, tha mi a' smuaineachdainn. Ach bha an dotair a' gàireachdraich.
CM: 'S e Dotair MacLeòid a bha siud?
CD: 'S e, 's e. Dotair MacLeòid. Bha a h-uile duine measail air.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good