Rannsaich

Mar a fhuair am madadh-ruadh làmh-an-uachdair air a' mhadadh...

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 44229
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.6.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.006

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair am madadh-ruadh làmh-an-uachdair air a' mhadadh-allaidh.

Fhuair am madadh-ruadh 's am madadh-allaidh buideal làn ime air an tràigh. Thiodhlaic iad e sa ghainmhich. Chaidh am madadh-ruadh a-mach grunn tursan, ag ràdh gun robh e a' dol gu baisteadh. Nuair a chaidh iad a choimhead air a' bhuideal bha e falamh. Thuig am madadh-allaidh gun robh am madadh-ruadh air an t-ìm ithe. Air an t-slighe dhachaigh chunnaic am madadh-allaidh faileas na gealaich ann an grunnd bac-mòine. Thuirt am madadh-ruadh gur e mulachag chàise a bh' ann agus gum faigheadh iad grèim oirre nan cuireadh am madadh-allaidh earball dhan uisge. Rinn e seo. Reòth an t-uisge leis cho fuar 's a bha e agus chaidh earball an sàs. Ghairm am madadh-ruadh a h-uile ainmhidh a bha mun cuairt agus stiall iad am madadh-allaidh às a chèile.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho a mhàthair.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT15 AT2

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, 's ciamar a bh' ann mun a' mhadadh-ruadh 's mun a' mhadadh-allaidh?

Hugh MacKinnon (HM): Seadh, innsidh mi dhut a-nise sgeulachd a' mhadaidh-ruaidh 's a' mhadadh-allaidh. Bha iad a' fuireach còmhla. Agus bha iad an seo oidhche agus thuirt iad ri chèile gum falbhadh iad cuairt a shiubhal a' chladaich. Ghabh iad sìos gu tràigh a bha shìos fon taigh - fon àite an robh iad a' fuireach co-dhiù - agus dè fhuair iad air tighinn air tìr air an tràigh ach buideal 's e làn de dh'ìm. Agus chuir iad am buideal suas co-dhiù a bhràighe na tràghad os cionn àird an làin agus bha am madadh-allaidh, bha e ag iarraidh gun itheadh iad pàirt dheth dìreach anns an t-seasamh anns an robh iad, ach thuirt am madadh-ruadh ris:

"Ò tha mi a' smaointinn gur fheàrr dhuinn leigeil leis a-nochd agus a thiodhlacadh anns a' ghainmhich, agus thig sinn oidhche air choreiginich eile ga iarraidh 's bheir sinn dhachaigh e."

'S ann mar seo a chaidh a dhèanadh co-dhiù. Dh'aontaich am madadh-allaidh bochd leis a seo, 's dh'fhalbh iad dhachaigh 's chaidh iad a laighe. 'S uaireigin feadh na h-oidhche dh'fhairich am madadh-allaidh ùpraid, agus dè bha seo ach esan ag èirigh, am madadh-ruadh, agus dh'fhaighneachd am madadh-allaidh dheth dè bh' air tachairt no cà robh e a' dol.

"Ò," thuirt e, "nach eil mise air m' iarraidh gu baisteadh dhan a' bhaile ud thall."

Co-dhiù, dh'fhalbh e agus an ceann treis a dh'ùine thill e dhachaigh agus:

"Seadh," ars am madadh-allaidh, "c' ainm a thug sibh air an urra òg a bhathas a' baisteadh a-nochd?"

"Thug," ars esan, "Bi na mhullach."

Cha do shaoil am madadh-allaidh sìon dheth seo ach chaidil iad orra gu socair gu soilleireachd an latha an làrna-mhàireach agus ò, an ceann dhà no trì oidhcheannan a-rithist thàinig a cheart theachdaireachd a dh'ionnsaigh a' mhadaidh-ruaidh agus:

"Cà bheil thu a' dol a-nochd?"

"Tha mi air m' iarraidh a-rithist gu baisteadh dhan a' bhaile ud thall."

Dh'fhalbh e, 's thill e an ceann treise mar a rinn e an oidhche roimhe sin, 's thuirt am madadh-allaidh ris:

"Seadh, 's c' ainm a thug sibh air a-nochd, air an duine òg?"

"Thug," ars esan, "Bi mu mheadhan."

Bha seo ceart gu leòr, 's co-dhiù chaidil iad gu sèimheil socair fad na h-oidhche, 's an ceann oidhche no dhà às a dhèidh sin thàinig a cheart theachdaireachd a dh'ionnsaigh a' mhadaidh-ruaidh, agus:

"Nach eil mise air m' iarraidh a-rithist gu baisteadh dhan a' bhaile ud thall."

'S thog e air 's dh'fhalbh e.

Thill e, mar a chleachd e, an ceann treise 's:

"C' ainm a thug sibh a-nochd air an duine òg a chaidh a bhaisteadh?" ars am madadh-allaidh.

"Thug," ars esan, "Sgrìob a thòn."

Cha do shaoil am madadh-allaidh bochd 's e cho neoichiontach, cha do shaoil e sìon dheth seo. Cha deach e na fhaireachadh ann an dòigh sam bith. Ach an ceann oidhcheannan às a dhèidh sin thuirt e ris a' mhadadh-ruadh:

"Saoil," ars esan, "nach eil an t-àm againn a dhol a choimhead," ars esan, "air a... airson a' buideil ime ud," ars esan, "a thiodhlaic sinn san tràigh o chionn seachdain?"

"An-tà, tha mi cinnteach gu bheil," ars am madadh-ruadh, "a cheart cho math dhuinn a dhol a choimhead às a dhèidh a-nochd."

'S dh'fhalbh iad 's ràinig iad shìos an tràigh 's fhuair iad an t-àite far an do thiodhlaic iad am buideal ime, 's nuair a chladhaich iad sìos anns a' ghainmhich, fhuair iad am buideal, 's cha robh sìon an sin ach an clàr lom. Cha robh ìm no càise ri fhaighinn.

'S ann a-nise, 's ann a dhùisg am madadh-allaidh suas agus a thuig e dè bha a' tachairt bho chionn seachdain, 's thionndaidh e ris a' mhadadh-ruadh 's thuirt e ris:

"'S tusa," ars esan, "a dh'ith am buideal ime, gura tu 's gura tu. Chiora-chìgein chiora-chuaigein, chiora-chiù chiora-chiù."

Co-dhiù, cha ghabhadh an còrr dèanadh mu dheidhinn. Bha am buideal ime, bha e air ithe. Agus cha robh ach cur mu dheidhinn a dhol dhachaigh, agus air an rathad dhachaigh ghabh iad slighe ùr agus bha iad a' dol tarsainn tro bhlàr-mònadh, agus bha na bacannan mònadh ann an sin far an robh na daoine a bha mun cuairt a' buain na mònadh, agus bha bac sònraichte an sin agus e làn uisge. Agus chunnaic am madadh-allaidh, chunnaic e an rud sin shìos ann an grunnd a' bhac-mhònadh agus thuirt e ris a' madadh-ruaidh:

"Ach dè tha siud," ars esan, "shìos ann an grunnd a' bhac-mhònadh?"

"Shin agad," ars esan, "mulachag chàise."

Agus 's e oidhche bhrèagha shoilleir ghealaich a bh' ann, agus dè bha seo a bha am madadh-allaidh bochd a' faicinn ach faileas na gealaich ann an grunnd a' bhac-mhònadh.

"Ach saoil on t-saoghal," ars am madadh-allaidh, "ciamar a rachadh againn air a faighinn?"

"An-tà, innsidh mi sin dutsa," ars esan, ars am madadh-ruadh. "Suidh thusa," ars esan, "air beul a' bhaic," ars esan, "agus leig d' earball sìos dhan uisge," ars esan, "agus suidh ann an sin," ars esan, "treis, agus nuair a thòisicheas tu," ars esan, "air slaodadh d' earball às," ars esan, "leanaidh a' mhulachag," ars esan, "ri d' earball, agus gheibh sinn grèim oirre mar sin."

'S ann mar seo a bha. Shuidh am madadh-allaidh gu foighideach air beul a' bhaic-mhònadh 's leig e earball sìos gu math dhan uisge, agus shuidh e treis mhòr ann an sin. Agus b' e an oidhche a bh' ann. Bha i a' reothadh a cheart cho cruaidh ris an iarann, agus an ceann treise thuirt am madadh-ruadh ris:

"Tha mi a' smaointinn a-nise ma shlaodas tu d' earball a-nuas gun lean a' mhulachag chàise ris agus gum faigh sinn grèim oirre."

Ach thòisich am madadh-allaidh bochd air slaodadh às earball 's an t-earball cha tigeadh. Bha e air a reothadh anns a' bhac-mhònadh 's cha toireadh e às gu bràth e. Agus nuair a chunnaic esan seo, am madadh-ruadh, dh'èigh e air a... air a h-uile cù 's madadh 's ainmhidh mu... mun cuairt, 's chruinnich iad mun cuairt agus dh'ith 's stiall iad às a chèile am madadh-allaidh. 'S bha am madadh-ruadh, bha e coma co-dhiù. Cha robh an còrr aige mu dheidhinn, 's dhealaich mise riutha.

Ò Dia, Dia, Dia.

DE: Cò aige a-nist a bha i seo?

HM: Ò, tha mi cinnteach gur ann aig mo mhàthair a bha i cuideachd. Na sgeulachdan beaga, gòrach neoichiontach ud, 's ann aig mo mhàthair a bhiomaid gan cluinnteil, tha mi a' smaointinn, daonnan.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math