Duan na Ceàrdaich
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
4472
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1953.48.2
Original Tape ID
Summary
This Ossianic Ballad tells how Fionn MacCumhail and his men took Fionn's magic sword, 'Mac an Luinn', to an enchanted smithy to be re-tempered. They followed the smith to the smithy, where there were four misshapen, four-armed blacksmiths, each with a claw-hammer and iron pincers. Some of the swords belonging to Fionn's men are named. These are 'Fead', 'Faoidh', 'Èigheach' and 'An Conallach'.
Item Notes
This ballad was often sung at Hogmanay.
See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (M. F. Shaw) p. 29
'Leabhar na Fèinne' (J. F. Campbell) p. 65
'Stories from South Uist' (MacLellan/Campbell) p. 14
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Là dhan Fhinn air Luachair Leomhann
Mar cheathrar òga na bhuidheann
Mi fhìn 's Osgar is Daorghlas
Fionn fhèin 's gum b' e Mac Cumhail.
Chunnacas a' tighinn on mhunadh
Fear fada dubh 's e air aona-chois
Le chochall dubh ciar-dhubh craicinn
'S aparan dhen èideadh cheund' air.
Labhair Fionn 's e anns a' mhunadh
Ris an urra bha dol seachad
Cò 'n tìr a bheil do thuras
Fhir urrag nan cochall craicinn?
Lann MacLìobhainn a b' ainm baistidh
Nam biodh agad orm beachd sgeula
Bha mi greis ag uallach ghobhar
Aig rìgh Lochlainn ann an Geilbhinn.
Thàinig nighean Iain Duibh 'acAsgaill
Bu mhath i air thùs na cloinne
Bu [?lìobhrach] bean bha na màthair
Dhòmhs' agus dham bhràthair eile.
Thog iad an sin air an t-siubhal
'S air a' bhuidheann còigeamh luimneach
Ràinig iad Tulach Gorm na Breitheamh
'S chaidh iad nan ceithir buidhnean.
Bu bhuidheann dhiubh sin an gobha
Bu bhuidheann eile dhiubh Daorghlas
Bu bhuidheann dhiubh Dearg MacBreitheamh
'S Fionn air deireadh 's e na aonar.
Cha ghearradh an gobh' ach aona-cheum
Air gach gleannan seunta, fàsach
Chan fhaiceamaid ach air èiginn
Sgòd dhe èideadh air a mhàsan.
Fosgail, fosgail ars an gobha
Na druid romham arsa Daorghlas
Chan fhàgainn an doras mo cheàrdach
D' àite ghàbhaidh 's tu nad aonar.
Gheibheadh 'ad an sin builg ri shèideadh
Gheibheadh 'ad an sin èideadh ceàrdach
Thàinig an sin ceathrar ghoibhnean
Daoine dèisinneach mì-dhealbhach.
Ceithir làmhan air gach gobha
Òrd-ladhair is teanchair iarainn
Ùird-shìthe bha gam freagairt
'S cha bu mhiosa fhreagradh Daorghlas.
Labhair fear dhe na goibhnean
Gu fuathach agus gu feargach
Deas-làmh air laoch caol gun tioma
'S e mhill ormsa 'n t-innean cruadhach.
Labhair Fionn 's e anns an t-seasamh
Oir 's e bha freagairt an t-seanchais
Daorghlas ga èigheach a Chaoilte
Fàgaidh sinn na ainm sgaoilt' e.
Daorghlas fear gharadh na ceàrdach
Leis 'm bu ghnàth a bhith na sheasamh
Bu deirge na gual an daraich
A shnuadh air thoradh na h-oibreach.
'Fead' agus 'Faoi' agus 'Èigheach'
'S an 'Conallach' mac na ceàrdach
An dà lann deug a bh' aig Diarmad
'S iomadh duine riamh a mharbh e.
Agams' a bha geàrd na colann
Bu mhath fheum an àm an truid
'Mac an Luinn' an làimh Mhac Cumhail
Nach d' fhàg fidheall[sic]* feòla daonda.
An cuimhneach leat latha na teangan
Ann an ceàrdach Clann 'ic an Lìobhainn
A-nochd is cumha leam mar tha mi
An dèidh a bhith 'g àireamh na buidhne.
[* 'S e fuidheall a bhiodh aig Aonghas Beag MacIllFhialain.]
Mar cheathrar òga na bhuidheann
Mi fhìn 's Osgar is Daorghlas
Fionn fhèin 's gum b' e Mac Cumhail.
Chunnacas a' tighinn on mhunadh
Fear fada dubh 's e air aona-chois
Le chochall dubh ciar-dhubh craicinn
'S aparan dhen èideadh cheund' air.
Labhair Fionn 's e anns a' mhunadh
Ris an urra bha dol seachad
Cò 'n tìr a bheil do thuras
Fhir urrag nan cochall craicinn?
Lann MacLìobhainn a b' ainm baistidh
Nam biodh agad orm beachd sgeula
Bha mi greis ag uallach ghobhar
Aig rìgh Lochlainn ann an Geilbhinn.
Thàinig nighean Iain Duibh 'acAsgaill
Bu mhath i air thùs na cloinne
Bu [?lìobhrach] bean bha na màthair
Dhòmhs' agus dham bhràthair eile.
Thog iad an sin air an t-siubhal
'S air a' bhuidheann còigeamh luimneach
Ràinig iad Tulach Gorm na Breitheamh
'S chaidh iad nan ceithir buidhnean.
Bu bhuidheann dhiubh sin an gobha
Bu bhuidheann eile dhiubh Daorghlas
Bu bhuidheann dhiubh Dearg MacBreitheamh
'S Fionn air deireadh 's e na aonar.
Cha ghearradh an gobh' ach aona-cheum
Air gach gleannan seunta, fàsach
Chan fhaiceamaid ach air èiginn
Sgòd dhe èideadh air a mhàsan.
Fosgail, fosgail ars an gobha
Na druid romham arsa Daorghlas
Chan fhàgainn an doras mo cheàrdach
D' àite ghàbhaidh 's tu nad aonar.
Gheibheadh 'ad an sin builg ri shèideadh
Gheibheadh 'ad an sin èideadh ceàrdach
Thàinig an sin ceathrar ghoibhnean
Daoine dèisinneach mì-dhealbhach.
Ceithir làmhan air gach gobha
Òrd-ladhair is teanchair iarainn
Ùird-shìthe bha gam freagairt
'S cha bu mhiosa fhreagradh Daorghlas.
Labhair fear dhe na goibhnean
Gu fuathach agus gu feargach
Deas-làmh air laoch caol gun tioma
'S e mhill ormsa 'n t-innean cruadhach.
Labhair Fionn 's e anns an t-seasamh
Oir 's e bha freagairt an t-seanchais
Daorghlas ga èigheach a Chaoilte
Fàgaidh sinn na ainm sgaoilt' e.
Daorghlas fear gharadh na ceàrdach
Leis 'm bu ghnàth a bhith na sheasamh
Bu deirge na gual an daraich
A shnuadh air thoradh na h-oibreach.
'Fead' agus 'Faoi' agus 'Èigheach'
'S an 'Conallach' mac na ceàrdach
An dà lann deug a bh' aig Diarmad
'S iomadh duine riamh a mharbh e.
Agams' a bha geàrd na colann
Bu mhath fheum an àm an truid
'Mac an Luinn' an làimh Mhac Cumhail
Nach d' fhàg fidheall[sic]* feòla daonda.
An cuimhneach leat latha na teangan
Ann an ceàrdach Clann 'ic an Lìobhainn
A-nochd is cumha leam mar tha mi
An dèidh a bhith 'g àireamh na buidhne.
[* 'S e fuidheall a bhiodh aig Aonghas Beag MacIllFhialain.]
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good