Search

Tòimhseachan a chuala am fiosraiche nuair a bha e òg.

Date
Track ID 49573
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.93.B14

Original Tape ID

SA1977.093

Summary

A riddle the contributor heard as a boy.

Tha bràthair aig bràthair m' athar, cha bhràthair-athar dhòmhsa e.

Answer: M' athair.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Other

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Agus a-nise, bha tòimhseachan agaibh.

Angus Henderson (AH): Tha bràthair aig bràthair m' athar-sa; cha bhràthair-athar dhòmhsa e.

IP: Seadh. Agus an fhreagairt?

AH: Athair fhèin.

IP: Athair fhèin. 'S e, dìreach. Glè mhath. Agus an ann nuair a bha sibh òg a chuala...

AH: 'S ann, dar a bha mi dìreach nam bhalach. Bhiodh iad a' cur na... nan tòimhseachain [???].

IP: Bhitheadh, dìreach. Sheadh. Glè mhath. Agus an robh a-nise duine sònraichte ann a bha sònraichte math air tòimhseachain?

AH: Ò, cha chreid mise nach robh a h-uile duine a bh' ann, a h-uile fear a bh' ann.

IP: Bha, dìreach.

AH: Bha iad làn dhiubh sin.

IP: Agus an canadh sibh gun robh na bodaich na b' fheàrr na na cailleachan orra?

AH: Ò, cha chreid mi nach robh.

IP: Tha sibh a' smaoineachadh gun robh?

AH: Bha feadhainn de na cailleachan, bha iad cho... chan eil fhios agam an-diugh, 's ann beannaichte a bha iad [???].

IP: Ah, seadh, seadh.

AH: Bhiodh iad an aghaidh, fios a'd, a bhith...

IP: Seadh, seadh. Bhitheadh, dìreach.

AH: An fheadhainn a b' aithne dhòmhsa co-dhiù.

IP: Seadh, sheadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good