spacer
spacer

Fèilltean.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Fèilltean.
Fiosraichean - Nan MacKinnon
Luchd-clàraidh -

Geàrr-chunntas - Fèilltean.

Tha am fiosraiche ag innse mu na fèilltean. Tha na leanas nam measg:

(a) Latha Fhèill Brìghde, a' chiad latha dhen earrach.

(b) Latha Fhèill Pàdraig.

(c) Latha Bealltainn, a' chiad latha dhen t-samhradh. Bha e mì-shealbhach nam biodh seo air Dihaoine.

(d) Latha Fhèill Brianain, air a' 15mh no 16mh latha dhen chiad mhìos dhen t-samhradh. B' e latha nigheadaireachd a bh' ann. Nam biodh rud sam bith air a chur air an latha sin, chan fhàsadh e, mura biodh an neach air dìochuimhneachadh gu tur dè an latha a bh' ann.

(e) Latha Fhèill Mìcheil, nuair a bhite a' dèanamh strùan. Bhiodh rèisean air an Tràigh Mhòir. Bheireadh gillean na leannanan aca air an cùlaibh air an each. Sguir seo nuair a thuit tè de na 'cùlagan'. Bha urram aig tè a gheibheadh air an each aig MacNèill. Tha an t-òran 'Tog air each i, cuir air each i' air a sheinn.

(f) Latha Fhèill Moire nan Coinneal, anns a' chiad mhìos dhen earrach. Bhathar ag ràdh gun do chuir Moire a làmh anns a' mhuir air an latha seo, agus mar sin bha e blàth gu leòr gus snàmh ann.

(g) An t-Samhain - "Mas e Ciadaineach an t-Samhain, is iargaineach fir an domhain."

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:06:38
Àm Clàraidh - 1960.06
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Òran, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 100666
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.118
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.118.A11
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Barraigh
  Eilean - Barraigh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/100666/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA