Rannsaich

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DeanamaidAdhradh 23.04.2000

Geàrr-chunntas

'S e seirbheis Càisge a tha seo.

00:00:27 - Salm 98, rainn 1-2 air fonn New London le Eòin MacDhòmhnaill.

00:04:03 - Ùrnaigh

00:06:01 - Leughadh - 1 Corintianaich 15:1-20

00:09:40 - Salm 89, rainn 5-6 air fonn Coleshill le Iain Dòmhnallach.

00:14:28 - Searmon air a bhonntachadh air 1 Cor 15 rainn 3 agus 4, 'Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, Gun d' fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtaran: Agus gun do dh'adhlaiceadh e, agus gun do dh'èirich e a-rithist air an treas là a rèir nan sgriobtaran.'

Tha dealbh air a dhèanamh dhuinn air baile Chorintus agus mar a tha an t-Abstol Pòl a-nis a' gairm muinntir Chorintus air ais gu bunaitean an creideamh. 'S e na bunaitean:
1. Gun do bhàsaich Crìosda
2. Gun do dh'adhlaiceadh E
3) Gun do dh'èirich E a-rithist air an treas là a rèir nan sgriobtaran.

Thàinig iad sin gu bhith nam bunaitean creideimh dhaibh air sgàth:
1. Gun do chuir an t-Abstol Pòl an cèill dhaibh an soisgeul
2. Gun do ghabh iad ris an t-soisgeul agus tha iad a-nis nan seasamh air na fìrinnean sin. Tha e air iarraidh orra seasamh gu daingeann.

Aig an àm Càisge seo tha e air iarraidh oirnne ar n-earbsa a chur gu h-iomlan ann an Crìosda a fhuair bàs, a chaidh adhlacadh agus a dh'èirich a-rithist.

00:26:05 - Ùrnaigh

00:27:00 - Salm 68, dà rann bho rann 18 air fonn Torwood le Iain MacAsgaill.

00:30:55 - Co-dhùnadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math