Seanfhacail agus seanchas a thaobh nan ràithean agus làithea...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.124.A4-A20
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Seanfhacail agus seanchas a thaobh nan ràithean agus làithean an t-seachdain.
'S minig is màthair na mhac bhios baoth, nuair is Haoine Bealltainn.
Dihaoine gu fàs, Dimàirt gu gearradh.
Rud a nithear Diluain, bidh e luath no bidh e mall.
Rud a nithear Dihaoine bidh e faoin fadalach.
An-diugh Diciadain 's thriall an t-seachdain.
An-diugh Diluain 's an t-seachdain cho buan 's a b' àbhaist.
Disathairne latha chrathadh nam balg.
Mas Ciadainneach an t-Samhain, 's iargainneach fir an domhain.
Foghar gu Nollaig 's geamhradh gu Fèill Pàdraig.
Nuair a gheibh an crodh copag an Fhèill Pàdraig, chan eagal dhaibh tuilleadh.
Mìos Faoillich aog mhìos Gearrain, trì latha feadaig, ceithir latha sguabaig, seachdain sguabaig suas an Earrach.
Nuair a thig an t-Earrach gu mìos, tràthaidh e shìos agus shuas.
Sgrìob liath an Earraich agus Cruathag an Earrach.
Cha tig fuachd gun tig Earrach, cruas na cruaidh ghailleann.
Trì latha dhen Iuchair san Fhaoilleach, agus trì latha dhen Fhaoilleach san Iuchair.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math