spacer
spacer

Seanfhacail agus seanchas a thaobh nan ràithean agus làithea...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Seanfhacail agus seanchas a thaobh nan ràithean agus làithea...
Fiosraichean - Nan MacKinnon
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis

Geàrr-chunntas - Seanfhacail agus seanchas a thaobh nan ràithean agus làithean an t-seachdain.

'S minig is màthair na mhac bhios baoth, nuair is Haoine Bealltainn.

Dihaoine gu fàs, Dimàirt gu gearradh.

Rud a nithear Diluain, bidh e luath no bidh e mall.

Rud a nithear Dihaoine bidh e faoin fadalach.

An-diugh Diciadain 's thriall an t-seachdain.

An-diugh Diluain 's an t-seachdain cho buan 's a b' àbhaist.

Disathairne latha chrathadh nam balg.

Mas Ciadainneach an t-Samhain, 's iargainneach fir an domhain.

Foghar gu Nollaig 's geamhradh gu Fèill Pàdraig.

Nuair a gheibh an crodh copag an Fhèill Pàdraig, chan eagal dhaibh tuilleadh.

Mìos Faoillich aog mhìos Gearrain, trì latha feadaig, ceithir latha sguabaig, seachdain sguabaig suas an Earrach.

Nuair a thig an t-Earrach gu mìos, tràthaidh e shìos agus shuas.

Sgrìob liath an Earraich agus Cruathag an Earrach.

Cha tig fuachd gun tig Earrach, cruas na cruaidh ghailleann.

Trì latha dhen Iuchair san Fhaoilleach, agus trì latha dhen Fhaoilleach san Iuchair.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:06:23
Àm Clàraidh - 1960.07.01
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 39492
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.124
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.124.A4-A20
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/39492/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA