Seanchas air fèilltean na bliadhna.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.124.A21-A26
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Seanchas air fèilltean na bliadhna.
Tha an fhiosraiche a' toirt iomradh air na fèilltean a bha iad a cumail nuair a bha i òg. Bhathar an dùil ri droch thìde aig àm Fèill Mhìcheil. Ann an 1853 chaidh soitheach làn eilthirich fodha ann an Caolas Bhatarsaigh air Là Fhèill Mhìcheil. Bha bonnach sònraichte, Strùthan Mhìcheil' air a dhèanamh. Bha Là Naomh Brìghde air a chumail ach cha robh Fèill Phàdraig. Aig an Inid bhiodh caora air a mharbh airson biadh mòr. Bhiodh iad a' dèanamh brot le eòrna a bha air a bhuaileadh ann an cnotag, clach anns an robh lag sa mheadhan. Ma bha gaoth mòr agus tìoradh air Là Pol, ann am meadhan an fhoghair, bhathar an dùil ri geamhradh math. Coig là an dèidh na Bliadhn' Ùir bhiodh iad a cumail Là nan Trì Rìghrean, mar chrìoch air an Nollaig.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math