spacer
spacer

Seanchas air fèilltean na bliadhna.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Seanchas air fèilltean na bliadhna.
Fiosraichean - Nan MacKinnon
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis;

Geàrr-chunntas - Seanchas air fèilltean na bliadhna.

Tha an fhiosraiche a' toirt iomradh air na fèilltean a bha iad a cumail nuair a bha i òg. Bhathar an dùil ri droch thìde aig àm Fèill Mhìcheil. Ann an 1853 chaidh soitheach làn eilthirich fodha ann an Caolas Bhatarsaigh air Là Fhèill Mhìcheil. Bha bonnach sònraichte, Strùthan Mhìcheil' air a dhèanamh. Bha Là Naomh Brìghde air a chumail ach cha robh Fèill Phàdraig. Aig an Inid bhiodh caora air a mharbh airson biadh mòr. Bhiodh iad a' dèanamh brot le eòrna a bha air a bhuaileadh ann an cnotag, clach anns an robh lag sa mheadhan. Ma bha gaoth mòr agus tìoradh air Là Pol, ann am meadhan an fhoghair, bhathar an dùil ri geamhradh math. Coig là an dèidh na Bliadhn' Ùir bhiodh iad a cumail Là nan Trì Rìghrean, mar chrìoch air an Nollaig.


Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:07:01
Àm Clàraidh - 1960.07.01
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 39493
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.124
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.124.A21-A26
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/39493/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA