Còig air fhichead seanfhaclan Gàidhlig. Tha am fiosraiche ga...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.125.A1-A25
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Còig air fhichead seanfhaclan Gàidhlig. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.
Chan eil deur air an t-sùil ged a tha an cù a' rànaich.
Cha tèid math à mùthadh 's cha bhi olc gun diùghailt.
Cha leòn Dia ach a bhochd fhèin.
Cha bhi duine gun rud ach fhad 's as aithne le Dia.
Tha uair aig an achmhasan is àm aig a' chèilidh.
Dh'itheadh e a' chàin a bh' aig Pàdraig air Èirinn.
Ruigidh dàil doras.
Obair nach do dh'òrdaich Dia, obair gun bhiadh gun tuarastal.
Tuarastal na circe, a biadh.
A' ruith air an ruaig.
An rùn na cuirce dha chèile.
An searrach bu chòir a bhith san làir, 's ann a dh'fhàs e anns a' ghearran.
Ceò an t-seann t-solais, comharradh an t-sneachda.
Cha chùm muir no monadh a chuid o dhuine sona.
Pòr nach do rathadh, na boireannaich.
An taobh as bòidhche na chòmhla.
Triùir mun t-sail.
Thig an rìgh an car a' bhaigeir.
Buadhannan Chlann Illeathain.
Thug e a theanga às a' ghlag.
Nuair a bhios a' phoit làn cuiridh i fairis.
Nuair a bhios gille beag aig duine, chan ann gun fhios comann.
Nuair a bhios Iain na thàmh, bidh e a' ruamhar.
Nuair a dh'èirich Iain Dubh, laigh am ministear.
Fàinne mun mheur gun snàithle mun tòin.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math