Eachdraidh-beatha
Bha an Dr Peter Cooke nach maireann air fear de phrìomh eitneòlaichean-ciùil agus rannsaichean ceòl dùthchasach ann am Breatainn, le dreuchd fhada agus thorach a bha a' sgrùdadh chan e a-mhàin ceòl na h-Alba, ach cuideachd ceòl bho Afraga an ear.
Rugadh Peter Rich Cooke do theaghlach ceòlmhor ann an Cardiff ann an 1930. B' e an ceathramh mac de chòignear ghillean, agus bhiodh iad uile a' seinn anns a' chòisir anns an eaglais Chaitligich ionadail. Le brosnachadh bho a phàrantan agus a thidsearan, thòisich Peter òg air leasanan fhaighinn air a' phiàna, agus chuir e roimhe a-rithist cùrsa a dhèanamh ann an teagasg ceòl aig Oilthigh Chardiff ann an 1949.
Air dha ceumnachadh, bha Peter a' teagasg ceòl ann an grunn àrd-sgoiltean, agus an dèidh sin thòisich e air tidsearan fhèin a thrèanadh ann a bhith a' teagasg ceòl. Fhuair e cothrom cumail air leis an obair aige ann an Uganda agus mar sin dh'fhàg e an Rìoghachd Aonaichte ann an 1964. B' ann anns an àm seo a ghabh e ùidh dha-rìribh ann an eitneòlas-ciùil agus ceòl dùthchasach, an dà chuid le bhith a' coinneachadh ri eòlaichean a bha air na tursan rannsachaidh aca fhèin ann an Afraga, agus le bhith a' beachdachadh air dè mar a bu chòir dha fhèin tuigse air ceòl ionadail a chur an lùib an teagaisg aigesan.
Thàinig Peter a dh'Alba ann an 1968 a dh'obair ann am Moray House ann an Dùn Èideann, agus aig a' cheart àm bha e a' dèanamh Ceum Maighstireachd air astar tro Oilthigh na Cuimrigh. B' ann anns an àm seo a thàinig e fo bhuaidh an sgoileir Dhanmhairgich Thorkild Knudsen (1925-2007), a bha na iar-ollamh aig Sgoil Eòlais na h-Alba (1963-69) agus aig an robh uallach airson leasachaidhean ann an obair-raoin ceangailte ri eitneòlas-ciùil. Rachadh Peter còmhla ri Knudsen air na tursan clàraidh aige agus dh'ionnsaich e mòran bhuaithe a thaobh feallsanachd agus cleachdaidhean. Cha robh e na iongnadh mar sin gun do ghabh Peter os làimh an dreuchd aig Knudsen anns an Sgoil nuair a chaidh e air ais dhan Danmhairg ann an 1969. Chuir Peter air bhonn an earrann Bhreatannach de Chomhairle Eadar-nàiseanta a' Chiùil Dhùthchasaich ann an 1972, 's e a' toirt cuireadh do phrìomh thrusaichean beul-aithris eile agus eitneòlaichean-ciùil a bhith a' gabhail pàirt ann, agus bha e na chathraiche air a' bhuidhinn seo eadar 1973-80 agus a-rithist eadar 1988-90.
Anns an dreuchd aige mar phrìomh rannsaiche-ciùil aig Sgoil Eòlais na h-Alba, bhiodh Peter ag amas air an teicneòlas a b' fheàrr a bha ri fhaotainn anns an àm a chleachdadh airson luchd-ciùil agus seinneadairean a chlàradh ann an Alba. Bhiodh e cuideachd a' sireadh nan daoine bu chomasaiche airson an clàradh. Chomharraich e sgìrean far nach deach mòran de rannsaichean roimhe, agus ri linn sin thàinig e fhèin gu bhith a' dèanamh tòrr obair-clàraidh ann an Sealtainn. Bha an tràchdas PhD aige, air traidiseanan na fìdhle ann an Sealtainn, bonntaichte air an obair-raoin aige an sin eadar 1970-1980, agus chaidh an obair seo fhoillseachadh ann an cruth leabhair ann an 1986 anns an robh fiosrachadh mionaideach air fìdhlearan ionadail agus na puirt aca. Am measg nam fìdhlearan seo bha am fìdhlear ainmeil Bobby Jaimeson à Cullivoe (1892-1977), agus cluinnear eisimpleir dhen chluich aige anns a' chlàradh seo a thog Peter ann an 1973.
Rinn Peter mòran de rannsachadh cuideachd air ceòl mòr na pìoba agus bhiodh e gu h-àraid a' coimhead air gnothaichean a bha a' buntainn ri sgrìobhadh a' chiùil, dòigh-chluich agus stoidhle. Bha George Moss à Srath Glas am measg nan daoine a b' iomraitiche a chlàraich Peter, agus thuirt e mu dheidhinn: "During my 30 years of fieldwork amongst Scottish musicians I found George to be the most authoritative and knowledgeable piper I met." Tha deagh eisimpleirean de na comasan a bh' aig George ann an grunn chlàraidhean a thog Peter tràth anns na 1970an, leithid a' chòmhraidh seo air cruth agus tionndaidhean a' chiùil mhòir, agus an clàradh seo anns a bheil e a' cluich Fàilte an t-Siosalaich.
Bha George Moss cuideachd na neach-ciùil comharraichte air fear dhe na clàran coimeirsealta anns an t-sreath 'Scottish Tradition', pròiseact co-obrachaidh a thòisich Peter eadar Sgoil Eòlais na h-Alba agus Tangent Records: "As a musician […], I was […] concerned that the best of a huge store of music recordings accumulating in the School's archives needed to be made publicly available and much of my time and energy, apart from teaching, went into working with colleagues to select and publish music itself rather than words about music." Dheasaich Peter còig-deug clàran anns an t-sreath eadar 1971 agus 1989, agus chaidh iad seo a chur a-mach a-rithist air CD le Greentrax anns na 1990an, le clàran ùra gan cur ris an t-sreath chun an latha an-diugh.
Bha ùidh gu sònraichte aig Peter anns an Luchd-shiubhail agus an cuid chleachdaidhean, agus bha an seanchaidh ainmeil Betsy Whyte à Mon Rois air thoiseach air càch. 'S e Peter a thug Betsy gu aire an t-sluaigh agus gu aire a cho-luchd-rannsachaidh, agus bha an t-oileanach aige, Linda Williamson, nam measg. Chluinnear Betsy air an làraich-lìn seo 's i a' gabhail an òrain mhòir Young Johnstone do Pheter agus Linda ann an 1974. Bha Peter cuideachd na chuideachadh do Bhetsy ann a bhith a' deasachadh an dà leabhair aice, 'Yellow on the Broom' (1979) agus 'Red Rowans and Wild Honey' (1990).
Bha Peter tràth ann a bhith a' leigeil dheth a dhreuchd ann an 1989, ged a bha e còig bliadhna eile aig Oilthigh Dhùn Èideann na Rannsaiche, 's e ri rannsachadh air a shocair fhèin. Ann an 1994, air dha cur roimhe a bhith buileach stèidhichte anns na West Midlands, chaidh co-labhairt shònraichte a chumail ann an Dùn Èideann mar urram dha, anns an robh luchd-com-pàirt a' beachdachadh air cuspairean a bha dlùth dha fhèin.
Ga shuidheachadh fhèin ann an Sutton Coldfield, bha Peter gu mòr an sàs anns a' choimhearsnachd chiùil ionadail, agus chùm e suas na dàimhean a rinn e tron dreuchd fhada aige. Bha làrach-lìn (https://www.sssa.llc.ed.ac.uk/whalsay/about-whalsay/) air òrain à Whalsay, fear de dh'eileanan Shealtainn, anns a bheil mòran dhe na clàraidhean agus na dealbhan a thog e, air fear dhe na pròiseactan mu dheireadh a rinn e. Dh'eug Peter ann an 2020 aig aois 90, a' fàgail a bhean agus a thriùir mhac.
Feadhainn dhe na daoine iomraiteach a chlàraich Peter Cooke:
Gilbert 'Gibbie' Gray à Unst (1909-1989)
Robert 'Bobby' Jaimeson à Cullivoe (1892-1977)
Betsy Whyte à Mon Rois (1919-1988)
George Moss à Srath Glas (1903-1990)
Tùsan agus Barrachd Leughaidh:
British Journal of Ethnomusicology Vol. 4, Special Issue: Presented to Peter Cooke (1995), British Forum for Ethnomusicology
Cooke, Peter, The Fiddle Tradition of the Shetland Isles, Cambridge Studies in Ethnomusicology (Cambridge: Cambridge University Press, 1986)
Agallamh le Carolyn Landau:
https://sounds.bl.uk/World-and-traditional-music/Interviews-with-ethnomusicologists/025M-C1397X0002XX-0001V0 [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
https://sounds.bl.uk/World-and-traditional-music/Interviews-with-ethnomusicologists/025M-C1397X0002XX-0002V0 [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
https://sounds.bl.uk/World-and-traditional-music/Interviews-with-ethnomusicologists/025M-C1397X0002XX-0003V0 [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
Personal website: https://www.drpetercooke.uk/ [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
SOAS biography: https://www.soas.ac.uk/staff/staff30794.php [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
Traditional Music Hall of Fame: https://projects.handsupfortrad.scot/hall-of-fame/peter-cooke/ [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]
Whalsay's Heritage of Song: http://www.sssa.llc.ed.ac.uk/whalsay/ [air fhaotainn 26 Cèitean 2021]