Rannsaich
Ciad ainm Betsy
Cinneadh Whyte
Ainm eile Bessie Townsley
Bliadhna breith 1919
Bliadhna bàis 1988

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Aonghais

Paraiste - Mon Rois

Baile/Àite - Monadh Rois

Àireamh an neach 3523

Eachdraidh-beatha

B' e Neach-siubhail a bh' ann am Betsy Whyte (née Townsley). Bha i co-cheangailte ris an sgìre timcheall air Breichin agus Mon Rois ann an Siorrachd Aonghais agus choisinn i cliù dhi fhèin airson an leabhair a dh'fhoillsich i ann an 1979 mu beatha fhèin, 'Yellow on the Broom'. Bha ùidh mhòr aig a' mhòr-shluagh anns an leabhar, a rinn dealbh air beatha nighean a dh'fhàs suas na Neach-siubhail ann an Siorrachd Pheairt agus Siorrachd Aonghais anns an àm eadar a' Chiad agus an Dàrna Cogadh. Bha e ma dh'fhaodte a' chiad chunntas de bheatha Neach-siubhail a choisinn cliù am measg a' mhòr-shluaigh - earrann de bheatha agus cultar na h-Alba a bha tric air a seachnadh ann an clàran eachdraidheil.

Rugadh Betsy ann an Seann Bhaile Raiteir, ri taobh Abhainn Eireachd aig Blàr Ghobharaidh. B' e deagh sheinneadair agus sgeulaiche a bh' innte, agus chuireadh i port air a' phìob cuideachd. Bhiodh Betsy a' siubhal còmhla ris an teaghlach aice as t-samhradh a-mhàin, los gum b' urrainn dhi na làithean a dh'fheumadh i a chur seachad anns an sgoil a choileanadh anns a' gheamhradh. Ghlèidh i sgoilearachd airson a dhol gu Àrd-sgoil Bhreichin, ach b' i an aon Neach-siubhail a bh' anns an sgoil seo, agus tha i a' toirt iomradh anns na leabhraichean aice air na duilgheadasan a bha an lùib an t-suidheachaidh seo.

Ann an 1939 phòs Betsy Bryce Whyte, Neach-siubhail eile bho theaghlach ceòlmhor, ged bha Bryce air a ghairm do Rèisimeid nan Sìophortach goirid an dèidh seo airson a dhol dhan chogadh. Dh'fhàg e an t-Arm ann an 1943 air adhbharan slàinte agus rinn iad an dachaigh sa chiad àite ann an Usan, faisg air Mon Rois, mus deach iad a Ferryden agus an uair sin a Mhon Rois fhèin. B' e Belle Stiùbhart à Blàr Ghobharaidh a thug na Whytes gu aire Sgoil Eòlais na h-Alba, agus ann an 'Tocher', tha Linda Williamson ag innse mun turas a chaidh i a Mhon Rois còmhla ri Peter Cooke feuch an lorgadh iad an teaghlach.

Chaidh Betsy a chlàradh le iomadh neach bhon Sgoil eadar 1973 agus 1988. Am measg nan daoine a chlàraich i, a bharrachd air Peter Cooke agus Linda Williamson, bha Barbara McDermitt, Alan J. Bruford, Alison McMorland, John D. Niles, Fred Kent, Maighread Bennett, agus Emily Lyle. Tha e na dheagh chomharra air na bh' ann de dh'ùidh ann an neach sònraichte ma chaidh a chlàradh le farsaingeachd mhòr de luchd-clàraidh, agus gu dearbh tha seo na chomharra air cho iomraiteach 's a bha Betsy mar sheanchaidh. Tha cha mhòr 300 clàradh dhith air làrach-lìn Tobar an Dualchais, a' gabhail a-staigh òrain, sgeulachdan, chleachdaidhean, cainnt an Luchd-shiubhail, ghnothaichean os-nàdarrach, thòimhseachain agus beath'-eachdraidh. Rinneadh mòran dhe na clàraidhean an cuideachd Bryce, a bha na dheagh sheinneadair agus na dheagh cheòladair e fhèin.

Am measg sgoilearan beul-aithris, tha Betsy nas aithnichte mar sgeulaiche. Sgrìobh Alan Bruford, "[Betsy did] not consider herself a singer in the same way as her husband's family, who are known for their good voices," ach is cinnteach gum biodh an neach a dh'èisteadh ris an t-seinn aice ga meas na dheagh sheinneadair, ged a bha an stoidhle aice na bu shochaire seach mar a bha cuid de sheinneadairean Luchd-siubhail eile. Cha robh an stòras a bh' aice de dh'òrain uile-gu-lèir coileanta, le tionndaidhean dhe cuid dhe na h-òrain mhòra, leithid 'Jimmy Bracklaw' (The Baron of Brackley, Child 203), nach robh buileach slàn, ged a bha dhà dhe na h-òrain a ghabh i, 'The Twa Sisters' (Child 10) and 'Young Johnston' (Child 88), air am meas luachmhor gu leòr airson an cur air an LP 'The Muckle Sangs' a thàinig a-mach ann an 1975. Ghabhadh Betsy beagan òrain Ghàidhlig cuideachd, a dh'ionnsaich i bho a màthair, ged nach robh an cànan aice gu fileanta.

Ghabh The Scots Magazine "a minor classic" air leabhar Betsy, 'Yellow on the Broom', agus dh'fhàs i gu bhith rudeigin ainmeil, 's i a' nochdadh air rèidio agus telebhisean, aig fèilltean a' chiùil dhùthchasaich, ann an sgoiltean, agus a' toirt seachad òraidean do dh'oileanaich aig Sgoil Eòlais na h-Alba. A dh'aindeoin seo, bhiodh i fhathast ri obair a bha cumanta am measg Luchd-siubhail, leithid a bhith a' cuideachadh thuathanach aig àm buana, a' buain dhearcan, a' dèanamh chliabh-seilich, agus a' buain fhaochagan air a' chòrsa ann am Mon Rois.

Tha tiotal a' chiad leabhair aice glèidhte anns an òran ainmeil a rinn Adam McNaughtan, a tha bitheanta an-diugh am measg sheinneadairean dùthchasach. B' e seo cuideachd an t-òran mu dheireadh ghabh Betsy an oidhche mun do dh'eug i, aig Fèis Dhùthchais Uachdar Mucadaidh anns an Lùnastal 1988. Bha an dàrna pàirt de sgeulachd Betsy, 'Red Rowans and Wild Honey', air fhoillseachadh an dèidh a bàis ann an 1990, agus ann an deasachaidhean a thàinig às a dhèidh bha an treas earrann a thàinig bho sgrìobhainnean air an robh i ag obair mun do dh'eug i agus nach deach crìochnachadh.

Rinneadh dealbh-chluich dhe 'Yellow on the Broom' le Anne Downie ann an 1989, agus chaidh an dràma air chuairt a-rithist ann an 2018 le Dundee Rep. Dh'fhoillsich iar-ogha Betsy an leabhar cloinne 'Wee Bessie' ann an 2019, a' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh i, tron bhuidheann Heart of the Travellers (HOTT).


Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Bruford, Alan, 'Bessie Whyte', ann an Tocher vol. 23: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (Am Foghar 1976), deasaichte le Alan Bruford, td. 249-276

Cooke, Peter, 'Betsy Whyte – still travelling', https://www.drpetercooke.uk/scotland/betsy-whyte-still-travelling/ [air fhaotainn san Dùbhlachd 2020]

———, and MacArthur, E. Mairi, 'Memories of traveller Betsy Whyte' https://www.drpetercooke.uk/scotland/last-memories-of-traveller-betsy-whyte/ air fhaotainn san Dùbhlachd 2020]

McNaughtan, Adam, 'The Yellow on the Broom', in Sangstories – Stories of Scottish Songs, ed. by Linda McVicar, https://sangstories.webs.com/yellowonthebroom.htm [air fhaotainn san Dùbhlachd 2020]

Whyte, Betsy, The Yellow on the Broom: The Early Days of a Traveller Woman (Edinburgh: W. and R. Chambers, 1979)

———, Red Rowans and Wild Honey (Edinburgh: Canongate, 1990)